Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair

Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC c貌mhla ris an Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair nach maireann. Gaelic archive religious service from 1988, conducted by the late Rev Archie MacVicar.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 68: 18-19 air fonn Walsall agus 's e le D貌mhnall MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 132: 3-4 air fonn Bangor agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort R矛gh.

Leughadh: Litir an Abstoil Pol a-chum nan Eabhraidheach 2: 1-18
Ceann-teagaisg: Litir an Abstoil Pol a-chum nan Eabhraidheach 2: 9

Rugadh Gilleasbuig Mac a' Phiocair anns a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath anns a' Ghearran 1920. 'S e an d脿rna duine a b' 貌ige de theaghlach de shianar aig Gilleasbuig agus Mairead Nic a' Phiocair. Gu m矛-fhortanach bh脿saich athair 's gun Gilleasbuig ach mu sheachd bliadhna a dh'aois agus le sin chaidh e fh猫in agus a phiuthar a dh'fhuireach c貌mhla ri c脿irdean ann a H貌mhstadh. Chaidh e a Bhun-sgoil Thaigh a' Ghearraidh agus an uairsin gu Sgoil Cheann a' Bh脿igh agus 脿s d猫idh sin gu Acadamaidh R矛oghail Inbhir Nis. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil thill e air ais dhan Bhaile Shear a dh'obair air a' chroit agus a bhr脿ithrean bu shine air an gairm dhan chogadh. Nuair a r脿inig a bhr脿thair a b' 貌ige ochd deug chaidh Gilleasbuig e fh猫in dhan chogadh gu Feachd an Adhair, agus bha e st猫idhichte thall san Ear Ch猫in.

Thill e air ais bhon chogadh ann an 1946 agus chuir e roimhe fh猫in a dhol air ais gu foghlam far an do rinn e c霉rsa MA aig Oilthigh Ghlaschu. B' e teagasg a bha e an d霉il a dh猫anamh nuair a bha e deiseil ach dh'fhairich e gairm gu obair na ministrealachd agus chaidh e an uairsin gu Colaiste na Trianaid far an do rinn e c霉rsa na diadhaireachd.

Ann an 1952 ph貌s e a bhean Iseabail Budge, a bhuineadh do Chaol Loch Aillse, agus bha ceathrar chloinne aca. Chaidh Mgr Mac a' Phiocair a ph貌sadh ris a' chiad choitheanal aige ann am Bun Easain ann am Muile. Greis 脿s d猫idh sin, ann an 1956, ghabh e ri gairm o choitheanal an t-Srath anns an Eilean Sgitheanach far an do shaothraich e gu d矛cheallach a' frithealadh seachd eaglaisean air feadh na sg矛re.

Ann an 1973 ghluais e gu Eaglais Sr脿id a' Chaisteil ann an Inbhir Pheofharain far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1989. Ghluais e an uairsin a dh'Inbhir Nis far an do chuir e seachad c貌ig bliadhna mar mhinistear aig Taigh-eiridinn Chreag an D霉nain, agus bhiodh e a' cuideachadh ann an sg矛rean a bha b脿n anns na h-eileanan.

Bha br貌n air feadh na G脿idhealtachd nuair a th脿inig naidheachd a bh脿is air an latha mu dheireadh den L霉nastal 1996.

30 minutes

Last on

Sun 10 Apr 2022 21:00

An t-Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair

An t-Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair

Broadcasts

  • Sun 23 Mar 2014 21:00
  • Sun 24 Apr 2016 21:00
  • Sun 10 Apr 2022 21:00