100 bliadhna bho sheòl i às na h-eileanan
Gilleasbuig MacDhòmhnaill le eachdraidh eilthirich a' Mharloch a dh'fhà g sa Ghiblean 1923. Gilleasbuig MacDonald researches the Marloch emigrants from the Hebrides in April 1923.
Eadar dà sheoladh – a’ chiad fhear air 15mh den Ghiblean 1923 agus an dà rna fear air 29mh den Mhà irt 1924 - dh’fhà g mu chòig cheud eilthireach Beinn na Fadhla, Uibhist a Deas, Èirisgeidh agus Barraigh. Sheòl iad à Loch Baghasdail air bòrd an t-soithich am Marloch, is iad a’ dèanamh air Canada, gu St John, New Brunswick. Ach b’ ann air na prèiridhean farsaing a bha iad ag amas aig a' cheann thall. Agus cha b’ e am Marloch an aon soitheach, air na dh’fhalbh na ceudan às na h-eileanan - thug a Metagama, an Canada agus soithichean eile an earrann fhèin leotha.
Ach dè thug air à ireamh cho mòr na h-eileanan fhà gail aig an à m? Cò a bha gam brosnachadh agus dè a bha a' feitheamh orra ann an Canada? Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill air a bhith a' faighinn a-mach.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
C.P.S. Victorian [Marloch]
Broadcasts
- Wed 26 Mar 2014 13:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 26 Mar 2014 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Mar 2014 10:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 19 Jan 2015 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 19 Jan 2015 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Jan 2015 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 10 Apr 2023 15:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 12 Apr 2023 20:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Apr 2023 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal