An Canan Iain E脿irdsidh MacN猫ill
Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC bho 1985 c貌mhla ris a Chanan Iain E MacN猫ill. Gaelic religious archive service from 1985 conducted by the late Canon John A MacNeil.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
'A Thighearna Dhia' agus 'Do L脿mh a Chr矛osda' air an seinn le C貌isir Eaglais Naomh Barr anns a' Bh脿gh a Tuath ann am Barraigh.
''S e 'n Tighearna Mo Bhuachaille' air a sheinn le Criosaidh NicDh貌mhnaill agus 'A Mhoire Mh矛n-gheal' air a sheinn le M脿iri C NicN猫ill.
Leughaidhean: 1 E貌in 1 agus Mata 16: 13-21.
Rugadh Iain E脿irdsidh MacN猫ill sa Bh脿gh a Tuath ann am Barraigh san L霉nastal 1933, mac Dh貌mhnaill, am post. Bhuail bliadhnachan a' chr矛onaidh an d猫idh a' Chogaidh Mh貌ir gn矛omhachas an iasgaich sna h-eileanan, mar a thachair do ghn矛omhachasan eile, agus thog m貌ran theaghlaichean orra gu taobh thall a' Chuain Shiar agus mean air mhean chuir iasgairean an aghaidh air a' Chabhlach Mharsanta. Rinneadh cruaidh-ch脿s a theaghlaich-san na bu mhiosa leis gun t脿inig tinneas air a mh脿thair a dh'fh脿g i ciorramach agus air a cuingealachadh san dachaigh fad a beatha, leis an teaghlach an eisimeil ch脿irdean agus n脿bannan airson m貌ran den 脿rach.
脌s d猫idh a bhith ann am Bun-sgoil a Bh脿gh a Tuath, chaidh e do Sgoil Bh脿gh a' Chaisteil agus bha e a' fuireach ann an taigh-loidsidh fhad 's a bha e san 脿rd-sgoil an sin. Ri 霉ine, chaidh e gu Blairs agus 脿s a sin gu C脿rdainn Ros. Th脿inig e a-mach na shagart san 脪gmhios 1957 ann an Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Glaschu.
B' ann gu paraist a bha air 霉r-st猫idheachadh a chaidh e an toiseach, paraist an Naoimh M脿rtainn ann an Castlemilk. B' e 脿m riaslach a bha seo sa bhaile, le sg矛rean-taigheadais farsaing a' sgaoileadh a-mach dhan d霉thaich. Cha robh an eaglais fhathast air a togail agus b' ann an Sgoil 脌ird na Creige a bhiodh iad a' cumail na h-aifreann. Chaidh Mgr Iain E脿irdsidh a chuir gu paraist an Naoimh Conval ann am Pollok 脿s d猫idh sin na shagart cuideachaidh.
Ach bha Mgr Iain E脿irdsidh air a tharraing gu a fhreumhan, agus ann an 1964 fhuair e cead bhon 脌rd-Easbaig a dhol a sheirbhiseachadh ann an Sg矛r'-Easbaig Earra-Gh脿idheal agus nan Eilean agus bha e a sin airson a' ch貌rr de bheatha. An d猫idh greis san 脪ban, chaidh a chur mar shagart cuideachaidh a Dhalabrog ann an Uibhist a Deas, dachaigh nam p矛obairean agus nam b脿rd. Bha e gu m貌r air a dh貌igh leis an seo oir bha ce貌l agus b脿rdachd na anam. Bha guth br猫agha seinn aige agus shearmonaicheadh e gu soilleir s矛mplidh, le gr猫im grinn air a' Gh脿idhlig. An d猫idh tr矛 bliadhna an Dalabrog, ghluais e gu paraist Bheinn nam Faoghla.
Ann an 1973 thill e gu t矛r-m貌r, gu paraist Inbhir Aoidh ann an Cn貌ideart. Bha am paraist beag seo gun cheangal rathaid no b脿ta, na dh霉bhlan dha bheatha spioradail. Ach bha gaol aige air a' mhuir, agus bha aige ri siubhal na bh脿ta fh猫in gu Malaig mus togadh e air taobh sam bith. Bha e cuideachd a' frithealadh na paraisdean ann an Ruma agus Canaigh agus cha b' fhada gus an robh e na mharaiche comasach.
Ann an 1976 chaidh e air ais do na h-Eileanan Siar, a dh'脠irisgeigh, far an robh cothrom aige foghlam Ceilteach a shireadh agus saorsa a dhol a-mach mun cuairt. Ann an 1980, an d猫idh greis ghoirid ann an Gleann Fhionghain, far an do leasaich e taigh an t-sagairt, chaidh a shuidheachadh ann an Eaglais na Naoimhe Moire sa Ghearastan. Bha meas m貌r air sa bhaile sin agus air a shaothair ann an Ospadal a' Bhelford.
Ann an 1985 chaidh a shuidheachadh mar Chanan agus nuair a chaochail an t-Easbaig Cailean Mac a' Phearsain ann an 1990 bha e air a thaghadh mar Rianaire na Sg矛r'-Easbaig, dreuchd anns an robh e f矛or 猫ifeachdach. Mar Bhiocair Coitcheann dhan easbaig 霉r, chaidh a shuidheachadh ann am paraist Mh貌rair agus Mhalaig. Bha 霉ine aige a bhith c貌mhla ri muinntir na sg矛re agus gu s貌nraichte a bhith a' coinneachadh ris na h-iasgairean. Bha e an l霉ib an RNLI agus bha e tric ri fhaicinn ann am Misean nam Maraichean.
Chaochail Mgr Iain E脿irdsidh MacN猫ill gu h-obann air 3 M脿rt 1993.
Last on
An Canan Iain A MacN猫ill
Broadcasts
- Sun 30 Mar 2014 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 31 Jul 2016 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 27 May 2018 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 3 Nov 2019 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 12 Feb 2023 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal