Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh Tomaidh MhicAsgaill - Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

Taghadh Tomaidh MhicAsgaill - Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm. Tommy Macaskill chooses a programme based on A Letter to the Unknown Soldier from the Kenny Maciver archive.

Eadar seo ‘s deireadh na mìos tha sinn air cothrom a thoirt do dhà no trì dhaoine an taghadh fhèin a dhèanamh à tasglann Choinnich MhicÌomhair, agus am prògram air an eadhar naoi bliadhna fichead. An-diugh 's e Tomaidh MacAsgaill a tha a’ taghadh prògram a chòrd ris fhèin.

Bha Coinneach aig Stèisean Rèile Paddington ann an Lunnainn far a bheil ìomhaigh saighdear umha a' leughadh litir bhon dachaigh. Dh'fhaighnich e do chòignear, a bh' aig an làrach còmhla ris, saoil dè an litir a tha an saighdear a' leughadh agus cò bhuaithe a thàinig i.

Bha a' bheachd seo stèidhichte air Cuimhneachan Didsiteach a chaidh a cruthachadh a thug cothrom do mhòr-shluagh na dùthcha iad fhèin litir a sgrìobhadh chun an t-Saighdeir Gun Ainm. Chaidh e beò air an 28mh den Ògmhìos 2014, an deit a chaidh peilear a losgadh air Franz Ferdinand ann an Sarajevo, chun 4mh den Lùnastal 2014, an deit a ghairm Breatainn gu robh i a' dol a chogadh ris a' Ghearmailt.

57 minutes

Last on

Tue 29 Mar 2022 21:00

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Dòmhnall MacLeòid

A Charaid Phrìseil,'

Ìý

'S tusa co-aois mo sheanair, 's mise co-aois d' oghaichean – 's mi fhèin a' tighinn gu latha: beannachd nach robh gu bhith agadsa. Cha robh cothrom againn sùil no fàilte a chur air càch a chèile, oir tha mise a’ sgrìobhadh thugad ceud bliadhna às dèidh a' Chogaidh Mhòir a thug bàs dhut. Tha mi airson innse dhut cho fada 's a tha sinne nad chomain, agus cho mothachail 's a tha sinn air na rinn thu – a' cur a-mach an adha-dhubh anns na trannsaichean uabhasach ann am Picardy no air creagan ghrannda Ghallipoli, no ge bith càite an do thuit thu.

Ìý

Tha cruth a' Ghàidheil ort; an fhèileadh bheag às an robh na daoine mòra gar cuir, airson ar cuir air slighe a' bhàis às na cogaidhean aca. Mas ann à baile beag croitearachd a thàinig thu, bhiodh fios agad gun do chuir thu dìon air a' bheatha mhilis a dh’fhàg thu aig do chàirdean, agus gun do chùm iad orra – airson greis, co-dhiù. Bha geamhraidhean socair agus àm-àiteachaidh ciùin aca. 'S dh’fhàs na teaghlaichean ‘s bha daoine coibhneil ri chèile. Ma bha banntrach no dìlleachdan sa bhaile, cha robhas a’ fàgail dìth orra.

Ìý

Ach an creid thu seo? 'S gann gun gabh e a chreidsinn dhòmhsa aig a bheil làn fhios air: an ceann beagan ‘s fichead bliadhna, thàinig cogadh mòr eile. Agus, an creid thu seo? An aghaidh na h-aon nàmhaid: A’ Ghearmailt. Thìll cuid dha na bha còmhla riutsa, agus na mic aca – lìnn m’ athair – gu blàr cogaidh eile.

Ìý

Sgap an ùpraid agus an gairiseachadh a bh' agaibhse air a’ bhlàr cogaidh. Shil teine às an adhar air taighean dhaoine, a' cur gu bàs mnathan, 's leanaban, 's daoine a bh' air tighinn gu aois, bailtean air feadh an t-saoghail na smàl, soithichean fon fhairge a’ spreadhadh nam bàtaichean-bathair bìdh agus a’ bàthadh nan seòladairean. ‘S bha Ìmpire phròiseil Bhreatainn air a glùinean, mas tàinig Ameireaga gar cuideachadh.

Ìý

Bhàsich na milleanan anns a’ Chogadh Mhòr agaibhse; agus chaidh na milleanan a chur riutha anns an Dàrna Cogadh. Chuir na Gearmailtich na milleanan de dh’Iùdhaich gu bàs agus daoine eile aig "nach robh còir a bhith anns an t-saoghal". Bha iadsan dhen a’ bheachd nach robh iad 'ceart'. Ìý

Ìý

Agus carson? Carson iadsan? Carson thusa?

Ìý

Faodaidh sinn eachdraidh na cruinne innse tro eachdraidh chogaidhean. 'S tha sin ag innse dhuinn aon rud: gu bheil cuid a ghinealaich a' dol tro èiginn agus àmhghar gun chiall, airson ginealaich eile a dhìon ann an sìth.ÌýÌý

Ìý

Co-dhiù, thug an oidhirp a rinn sibhse agus ar mic beatha dhuinne, a leithid 's nach fhacar a-riamh roimhe seo. 'S e an ginealach agamsa an ginealach is fortanaiche 's a bha riamh air aghaidh na talmhainn. Ged a chur mi mo làmh ris a’ chrann, a’ treabhadh leis an each aig fìor thoiseach mo bheatha, cha do chuir mi mo làmh a-riamh air gunna no air ionnsramaid cogaidh de sheòrsa sam bith. Fhuair mi foghlam, cha b' ann a-mhàin an-asgaidh, ach le beagan pàighidh. Fhuair mi bith-beò math ann an seirbheis a mhòr-shluaigh agus tha mi an-diugh air peinnsean a bhiodh air baile a chumail ann a socaireachd agus pailteas na do latha-sa.

Ìý

Is e sin an dìleab a dh’fhàg thu agamsa.

Ìý

Ach, tuigidh tu carson a tha mise an aghaidh cogadh. Ge bith dè a’ bhuannachd a th' ann do rìoghachdan, chan eil ann ach call do dhaoine beag mar sinne. Rinn thusa ach do dhìcheall agus do dhleasdanas. Cha robh e agamsa ri dhèanamh. Nam biodh iad air d’ fhàgail far am buinneadh tu, ‘s dòcha gu robh sinn air aithne a chur air a chèile.

Ìý

Tha mi an dòchas gun tàinig am bàs thugad gu h-aithghearr, gu robh cuimhne do luchd-gaoil nad inntinn agus nach do chaill thu an creideamh dìon a chur d' athraichean annad.

Ìý

Gu siorraidh,

Ìý

Mise, leis an ainm air a bheil mi aithnichte.

Ìý

An Sìc-eòlaiche, Dòmhnall MacLeòid.

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Mìcheal Hill

B’ ann aig Seirbheis Posta an Airm a bha an t-uallach airson na litrichean a bha ’s a’ cur air ais agus air adhart eadar saighdearan anns a’ Chogadh. Bha na litrichean gan cuir tro oifis mhòr aig Pàirce Regent ann an Lunnainn air an robh an t-ainm a’ Home Depot. B’ e seo an structair fiodh as motha a bha riamh air an t-saoghal. B’ ann an seo a bha dà mhìle gu leth boireannach ag obair airson Oifis a’ Phuist. Anns an ùine sin, làimhsich iad còrr is dà bhillean litir agus còrr air ceud millean parsail thairis air àm a’ Chogaidh.
Ìý

Ùine, àireamhan is ùine, 's iad na rudan a tha nan laighe trom air m' inntinn.


Dà mhìle is còig cheud!
Tha obair ùr agam! Tha mi an-dràsta am measg dà mhìle is còig cheud boireannach, ag obair anns an fhactaraidh seo, a' dèanamh cinnteach gum faigh naoi mìle deug bagaichean làn litrichean tarsainn a' chuain a h-uile latha.Ìý Tha mi an dòchas gun d’ fhuair thu an litir bhuamsa, a ghràidh: sgrìobh air ais thugam agus innis dhomh.Ìý


Trì làithean!
Tha’ d ag ràdh gum faigh a h-uile saighdear an cuid litrichean taobh a-staigh trì làithean. Tha na litrichean cudromach airson togail a thoirt dha na saighdearan. Sin a theireas iad co-dhiù. Mar sin tha e a’ cur iongnadh agus beagan eagal orm nach do sgrìobh thu air ais thugam. Co-dhiù tha mi an dòchas gu bheil thu a’ faighinn togail bho na litrichean bhuam agus gu dearbha fhèin, bhiodh e na thogail mhòr dhòmhsa, don dithis againn a-nis an seo, nam faighinn litir bhuat. Tha fios nach eil stad a’ dol ort thall a siud a ghràidh. Ach tha’ d ag ràdh gu bheil na Feachdan againne cho treun agus a ghabhas. Thusa nam measg, cha bhi teansa aig an taobh eile. Tha sin gam chumail a’ dol, nach fhada gus am bi sinn còmhla a-rithist, gun tig an gnothach uabhasach seo gu crìoch.


Naoi Mìosan!
Tha mi a’ sìor fhàs nas motha a ghràidh; chan eil fada a-nis gus am bi sinn a' cur eòlas air a' ghibht bheag againn. Tha mo mhàthair fiosrach mar tha gu bheil nighean gu bhith againn, ach bidh sinne toilichte ge bith dè a thachras. Thuirt mi rithe b’ fheàrr gu robh thu an seo: cuir litir thugam, a ghràidh; a bheil beachd aca cuin a bhios seo ullamh? Cuin a bhios tu a’ siubhal dhachaigh, a’ siubhal air ais thugainn?


Seachd ceud mìle:
Shiubhail barrachd is seachd ceud mìle duine às an Rìoghachd Aonaichte ‘s a’ Chogadh Mhòr, fhuilteach seo. Chan eil ach aon dhiubh a dhìth orm fhèin ’s an tè bheag, ge-tà. Thuirt iad gum biodh sibh uile air ais ann an ùine nach biodh ro fhada. Cha robh aca ach bruadar, agus cha robh agam fhèin ach sin nas motha, a' smuain gun tilleadh tu, ceart mar a thìll na bàtaichean-puist, air dhaibh ar litrichean a chur thugaibh.


Dà bhillean litir!
An d' fhuair thu an litir bhuamsa ann an ùine?Ìý

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Catrìona NicDhonnchaidh

Dalabrog,ÌýUibhist a Deas, Alba.ÌýÌýÌý

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý

Alasdair MacIlleathain
Rèisimeid na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean
Rue de Bateau
Le Harve
An Fhraing


Hallò Alasdair


Mòran taing airson an litir a fhuair sinn bho chionn ghoirid. Bha mi toilichte an litir a leughadh, ged nach robh mòran naidheachd innte. A bheil sibh air ar smachd bho a bhith ag innse mar a tha a’ dol dhuibh? Tha mi toilichte gu bheil thu a’ cumail gu math agus gu bheil an t-arm a’ còrdadh riut.


Chan eil mòran a’ tachairt anns a’ bhaile. Tha a’ chuid is motha de na balaich òg air an sgapadh eadar gach ceàrnaidh den Fhraing air sàilleibh a’ Chogaidh. An do thachair thu ri duine eile às a’ bhaile bhon a dh’fhalbh thu dhan arm?


Tha an t-àite seo gu math sàmhach. Tha na daoine a' cumail nan croitean a' dol le cuideachadh bho na balaich òg nuair a tha iad deiseil anns an sgoil. Tha aig a' chlann òg ri fàs suas gu math luath a-nis.


Tha am machaire a' coimhead gu math brèagha le flùraichean agus tha an treabhadh air a dhèanamh. Tha am buntàta air a chur agus tha an t-arbhar a' tòiseachadh air fàs.


Tha na caoirich air uain fhaighinn agus tha iad cho brèagha a' leum air feadh an àite còmhla ris na laoigh bheaga a tha air tighinn.


Tha a' chuthag gu math air seinn an dràsta agus ràc-an-arbhair a' cumail a h-uile duine nan dùisg fad na h-oidhche.


Tha sinn a' cluinntinn gu bheil biadh gu math gann anns a' bhaile mhòr, ach tha sinne gu math fortanach gu bheil cearcan, caoraich agus iasg againn airson ar cumail a' dol. Dè am biadh a bhios tusa a' faighinn? Tha mi an dòchas gu bheil thu a' faighinn deagh bhiadh thall anns an Fhraing. Tha mi a' cluinntinn gu bheil am biadh aig na Frangaich fìor mhath.


Tha a' chlann-nighean òg anns a' bhaile trang a' cuideachadh le obair a' chroit, a' fighe stocainnean agus sgarfaichean dha na saighdearan.


Cuiridh mi litir bho do phiuthar Màiri agus a mac an cois na litreach seo.


Fiach gun toir thu an aire ort fhèin. Tha sinn a' coimhead air adhart gus an tìll thu dhachaigh.


Beannachd leat gus am faic sinn a-rithist thu.


Le gaol


Do mhàthair.

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Tomaidh MacAsgaill

Triallainn, Diardaoin


A Dhonnchaidh a charaid,


Tha mi duilich nach robh mi aig a' chidhe airson d' fhaicinn air falbh bhon Eilean. Bha mi thall fad na seachdain aig cùl a’ Ghlinne còmhla ris a’ Chìobair Dhearg, a' cruinneachadh nan caoraich airson an cuir air falbh gu margaidh Inbhir Pheofharain airson an reic. Oh bha uisge ann a bha diabhlaidh.


Thachair mi ri do mhàthair aig a' phost oifis... dh'inns i dhomh am port a chaidh a chur air dòigh dhut leis an Kitchener Mhòr.


Bha sinn a' bruidhinn ort aig ceann an rathaid an raoir: cuimhne agad air an oidhche a bha sinn a-muigh air an abhainn còmhla ri Seonaidh Màrtainn agus chunnaic thusa an car phoilis a-nuas an Gleann aig astar. Leis an lanntair, stiùir thu na balaich a-nuas Streath na Mòintich. Cluinnidh mi fhathast glòir is guidheachan Sergeant MacGillivray mòr, na h-epaulettes aige anns an làthaich. Cha do thìll e tuilleadh.


Bha dannsa againn anns an sgoil an t-seachdain sa chaidh. Anns an t-sabaid chaidh Eàirdsidh tron uinneig. Cha d' fhuair e pat neo gearradh; seo dìreach mar a bhios tu fhèin a tilleadh dhachaigh.


A' bruidhinn air tilleadh dhachaigh chan fhaigheadh do mhàthair innse dhut mu dheidhinn Ceitidh Bheag; thàinig fios gu robh i leis a' bhàs bhon chaitheamh luath; fhuair Ailean agus Dollag beò air èiginn i. Aig an leabaidh, ghabh an triùir aca Sailm dà fhichead sa trì. Is e sin an aois a bh' air a’ chiste aice nuair a thachair sinn ris a' ghiulan aig Cidhe a' Chartair. Bha am bocsa air a chur eadar dà sheathar aig ceann an taighe aca, sinn uile a-muigh a' gabhail an t-sailm, Niall bràthair d' athair a' cur a-mach na loidhne.


Cò a bha timcheall a' ghiulan còmhla rium ach Coinneach na Banntraich. Tha e air an sgoil fhàgail. Bha e a' faighneachd dhomh mu dheidhinn na putanan air a' khaki agad agus saoil ciamar a bha e a bhith a’ falbh air bòrd trèan. Chan eil sian a dh’fhios aig duine: tha e air pàipearan a chur a dh'iarraidh air a' War Office; chan urrainn dha feitheamh gu faigh e air falbh a-mach suas Bealach nan Càrn.


A' bruidhinn air a leithid, tha naidheachd eile agam: tha Murchadh air an Galacia, an sgoth bheag, a thoirt dhòmhsa, direach mòr gu leòr airson dithis againn a dhol a-mach a dh’iarraidh na giomaich. Tha i beagan feumach air a peantadh; co-dhiù, bha i cho dìonach ri botal nuair a thug mi a-nuas seachad Sgur an t-Sagairt i còmhla ri Coinneach feasgar an dè. Nì i a' chùis gu math!


Tha Fordyce am bancair den bheachd gun tig prìs èisg agus crodh suas gu làidir leis a' Chogadh Mhòr a-nis air bristeadh a-mach.


Mar sin na biodh dragh sam bith ort nuair a stadas na gunnaichean mòra gu dè a thachras dhut. Bidh mi a' feitheamh aig a' chidhe agus togaidh sinn oirnn gu fortann a-mach seachad Creag a' Chaisteil.


A h-uile dùrachd bho bocsa a' chornair,


Iain

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Cailean Spencer

A Bhràthair,


Nach sgreamhail mar a chaill sinn a chèile nuair a bha thu aig an taigh bho chionn greise?Ìý Bha mi fhìn thall thairis an dòchas chun a’ mhionaid mu dheireadh, air chorra-biod gus a dhol air bòrd, ach nach iad a bha slaodach a’ tighinn gar n-iarraidh. Mar sin, cola-deug eile mu faca sinn talamh cruaidh a-rithist, agus fiù ’s nuair a chunnaic, bha thu fhèin air togail ort air ais.


A’ bruidhinn air fòrladh, an taca riut fhèin, tha mise glè bhochd dheth. Far a bheil thusa ann am Flanndrais, chan eil ach ceum coilich air falbh tarsainn a’ chaoil dhan Fhraing. Faodaidh tu a bhith aig an taigh ann an ùine nas lugha na latha agus oidhche!Ìý Ach, na bi ag èisteachd ri seann ghlaoic a’ gearain mar seo!


Mam, ge-tà.Ìý Chan eil cus adhbhar togail cridhe aice agus an triùir againne le deise cogaidh oirnn, sinn sgapte bhon cheann seo chun a’ cheann eile dhan t-saoghal.Ìý Bha faisg air bliadhna bho nach fhaca mi i, agus mar sin cha b’ urrainn dhomh gun gàire a dhèanamh mun othail a bh’ aice mu ghnothaichean beaga.Ìý Leithid, nan cluinneadh tu i a’ bruidhinn mun spìosraidh a bh’ agam dhi a’ tighinn dhachaigh.ÌýÌý A Thì,Ìý cha mhòr nach robh iÌý a’ cur barrachd fàilte orra sin na bha i a’ cur orm fhìn! Agus a-rithist a’ bheannag ud às a’ Bheilg a bh’ agadsa dhi, cuin a sguireas i air bruidhinn mu dheidhinn?


Mar a tha fios agad, tha am bodach is beò math air.Ìý Ar leis gun tig air fhathast an t-seann dheise a thoirt a-mach agus a cur uime, a’ dol sìos an taobh a tha sinne agus rud no dhà a shealltainn do na h-iseanan òga! ’S ann a tha gnothaichean nas buige air fàs bhon a bha esan san arm!


Ge-tà, chaidh sinn, am bodach ’s mi fhìn, a-null dhan ghlumaig an latha roimhe a mharbhadh bhreac.Ìý Bha an latha iongantach sàmhach gun anam beò timcheall.Ìý Ged nach do till sinn falamh, cha robh leth an spòrs ann agus a bhiodh againn nuair a bha thu fhèin agus Niall agus am bodach còmhla, gun tighinn air duine sam bith eile. Agus a’ bruidhinn air balaich an àite, b’ fheàrr leam gu faighinn barrachd naidheachd orra! Càite a bheil iad agus dè a tha a’ tachairt?Ìý Leigidh mi fhaicinn cho luath ’s a bhios fios agam, biodh an naidheachd math no dona.Ìý Aon rud eile, tha am bodach ag ràdh nach eil am ‘beat’ ort fhèin san teaghlach airson marbhadh bhreac!


Is cinnteach gun cuala tu fhad ’s a bha thu a-staigh gu bheil Niall againne agus Sìne Bhàn às an Lagan, air gealladh-pòsaidh fhaighinn.Ìý Chan eil cus aig Mam mun a’ ghnothach.Ìý Chan e nach eil Sìne gasta anns gach dòigh,’s i a tha, ach canaidh Mam gu bheil e nas glice aig an àm seo feitheamh fiach am faic sinn nas fheàrr dè a tha romhainn gun a bhith bruidhinn air pòsadh no teaghlach.Ìý


Tha an gnothach seo a’ gabhail barrachd tìde na bha dùil. Dh’fhaodadh gu bheil Mam ceart, ach cha chanainn fhèin diog ri Niall agus Sìne.Ìý Tha iad uabhasach sona aig a’ mhionaid seo fhèin.


Leis an fhìrinn, dh’fhaodadh gur e Niall, far a bheil e san Air Corps, as fheàrr dheth nan dithis againne. Mar a chanas tu fhèin a chionns gu bheil e leis na h-eòin! Shuas an sin os cionn a’ ghlaodhraich a’ coimhead sìos oirnne agus Gerry, sinne coltach ri dà sgaoth sheanganan a’ dèanamh leadairt air cach a-chèile.Ìý ’S e na tha am bodach ag ràdh ge-tà, gun fheàrr leis fhèin a dhà bhròig a bhith air talamh cruaidh, chanÌý ann air udal sna speuran!


Co-dhiù no cò dheth, chan fhada gus am bi mi a’ pacaigeadh mo ghnothaichean a-rithist airson falbh, ach Dia na thoiseach, an dòchas nach bi fada tuilleadh mas bi an triùir againn air ais aig an taigh, teaghlach slàn còmhla, mar a bha.ÌýÌý


Nach e a bhios sgoinneil fhèin, sinn uile a’ dol a-mach leis a’ bhodach a-null dhan a’ Ghlumaig!Ìý


Cailean

Ìý

Broadcasts

  • Mon 23 Jun 2014 09:03
  • Mon 23 Jun 2014 21:00
  • Tue 29 Mar 2022 09:00
  • Tue 29 Mar 2022 21:00