Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain Mac'ille Mhìcheil

Sì Rona Dhòmhnallach aoigh na seachdainn sa. Tha Rona na h-Oifigear Ealain Gàidhlig aig Glaschu Beò. With guest Rona Macdonald, Gaelic Arts Producer for Glasgow Live.

Dà uair a thìde de cheòl air leth agus còmhradh inntinneach cuide ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, a' craoladh beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. Bìth Iain a' cur fàilte an t-seachdainn sa air Rona Dhòmhnallach à Uibhist a Deas, a th'air a bhith na h-Oifigear Gàidhlig aig a' bhuidheann Glaschu Beò airson còrr is deich bliadhna. Tha Rona an dràsda an sàs sa phròiseact sònraichte Ealain Gàidhlig, aig Fèis Ghlaschu Beò. Innsidh i mu'n iomadh tachartas Gàidhlig a bhios ri fhaicinn sa bhaile ro dheireadh an Iuchair, leithid ceòl is deilbh-cluich. Chuir Rona ùidh sna h-ealain an toiseach anns an oilthigh. Tha i air tòiseachadh air bàrdachd a sgrìobhadh i-fhèin bho chionn ghoirid, agus tha ùidh mhòr aice cuideachd ann am poileataics. Cluinnidh sinn ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aig Rona, agus a cuid naidheachd uile mu Fhèis Ealain Gàidhlig 2014, mar phàirt de Glaschu Beò. Mar is àbhaist cuideachd bìth roghainn math measgaichte de sheinneadairean is còmhlain aig Iain fhèin air an liosta ciùil aige. Tha iad sin uile air an taghadh eadar Americana, folk, ceòl Ceilteach is Country & Western, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clàradh.

2 hours

Iain ²Ñ²¹³¦'¾±±ô±ô±ð²Ñ³ó쳦³ó±ð¾±±ô agus Rona Dhòmhnallach

Iain ²Ñ²¹³¦'¾±±ô±ô±ð²Ñ³ó쳦³ó±ð¾±±ô agus Rona Dhòmhnallach

Broadcast

  • Fri 4 Jul 2014 21:00