Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Sean Ankers, an Eaglais Shaor

Còmhla ris an Urr Sean Ankers, a bha air cead-searmonachaidh ùr fhaighinn san Eaglais Shaor ann an 2014. Gaelic service conducted by Rev Sean Ankers, Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 34: 1-2 air fonn Walsall agus ‘s e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.

Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus ‘s e Iain Aonghas Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.

Salm 16: 8-9 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Calum Màrtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac.

Leughadh: Salm 11 & 12

Ceann-teagaisg: Salm 11: 1-3

Bha an t-Urr Sean Ankers dìreach air cead-searmonachaidh fhaighinn san Eaglais Shaor nuair a chaidh an t-seirbheis seo a chlàradh airson Dèanamaid Adhradh ann an 2014. Rugadh Sean Ankers ann am Peairt agus bha an teaghlach cuideachd a' fuireach anns a' Ghearastan. Tha e fhèin agus triùir pheathraichean anns an teaghlach. Chaidh e dhan sgoil ann an Lenzie agus Inbhir Nis agus cheumnaich e bho Oilthigh Obar Dheathain le ceum MA ann an Gàidhlig ann an 2011. Chaidh e gu Seamanaraidh Diadhachd Dhùn Èideann airson trì bliadhna airson ullachadh airson na ministrealachd. Nuair a bha e anns a' cholaiste chur e seachad ùine san Eaglais Shaor ann an Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus ann am Baile Eòghainn. Às dèidh cead-searmonachaidh fhaighinn bha e a’ toirt taic do Chlèir Earra-Ghaidheal an toiseach ann am Muile agus a-nise tha e os cionn Coitheanal Ghleann Urchardain agus Cille Chuimein.

Nuair a gheibh e ùine dha fhèin bidh Sean a' ruith agus a' coiseachd nam beann.

1 minute

Last on

Sun 4 Dec 2022 21:00

An t-Urr Sean Ankers

An t-Urr Sean Ankers

Broadcasts

  • Sun 29 Jun 2014 09:00
  • Sun 29 Jun 2014 15:00
  • Sun 13 Jun 2021 21:00
  • Sun 4 Dec 2022 21:00