Còmhla ri Iain Moireasdan
Iain Moireasdan a' coimhead air adhart ri Geamannan a' Cho-Fhlaitheis, na spòrsan 's na lùth-chleasaichean, agus spòrs gu leòr eile cuideachd.
Last on
More episodes
Previous
Next
Sùil air Spòrs le Ailig O' Henley
Thairis air a’ chola-deug a tha romhainn thèid sgeulachdan ùra an sgrìobhadh aig an tachartas spòrs as motha a chunnacas riamh an Alba le Geamachan a’ Cho-fhlaitheis gan cumail ann an Glaschu. As dèidh seachd bliadhna de dh'ullachadh tha am baile deiseil airson fà ilte a chur air 6,500 lùth-chleasaiche bho air feadh a’ Cho-fhlaitheis agus tha ciad fadachd oirnn uile a-nis rionnagan leithid Usain Bolt, Mo Farah, David Rudisha, Sir Bradley Wiggins, Shelly-Ann Fraser-Pryce is Sally Pearson fhaicinn a’ cur clach-mhìle eile air na cùirn phearsanta aca fhèin le bhith a’ togail buinn òir ann an Glaschu.
Cò na laoich Albannach?
Nas inntinniche dhuinne mar Albannaich bidh sinn a’ coimhead cò na laoich a tha a’ dol a’ nochdadh ann an dathan gorm na h-Alba. As dèidh bonn airgid a thogail san amar-snà mh aig Geamachan Oilimpaigeach Lunnainn dà bhliadhna air ais tha cuideam uamhasach air Mìcheal Jamieson a dhol ceum nas fheà rr sa bhaile aige fhèin. Chan eil teagamh nach eil e comasach air bonn òr a thogail, ach coltach ris a h-uile duine eile ann an sgioba na h-Alba bidh e inntinneach fhaicinn ciamar a là imhsicheas e an cuideam sin. Am bi an t-uallach, an luchd-taic air an cùl na mhisneachd no na chlach-mhuilinn mun amhaichean?
Tha e inntinneach fhaicinn gu bheil Jamieson, coltach ri mòran luchd-spòrs eile air tionndadh chun a’ chompanaidh ‘Chimp Management’ airson inntinn a neartachadh air thoiseach air na geamachan. Dhan fheadhainn agaibh nach eil eòlach air an ainm sin ‘se companaidh a tha seo a tha air èirigh a-mach às an leabhar a sgrìobh an sìc-eòlaiche Steve Peters, ‘The Chimp Paradox’ ’sa tha a’ coimhead ris a’ ghuth - no am muncaidh mar a th’ aig Peters air - a tha sna h-inntinnean againn uile sa bhios gar cumail air ais ann an diofar shuidheachaidhean deuchainneach nar beatha.
Geamachan inntinn
Ged nach robh e gu cus feum airson sgioba ball-coise Shasainn ann am Braisil, tha an obair aig Peters air mòran luchd-spòrs, nam measg Sir Chris Hoy agus Steven Gerrard aig Liverpool a chuideachadh agus tha Jamieson e fhèin air tionndadh chun an teagasg aige airson a chuideachadh tro na geamachan. Leubh mi fhèin an leabhar sin bho chionn ghoirid agus tha e a’ cur iongnadh orm nach eil Peters air cogar a chur an cluais Jamieson mu na tha e air a bhith ag rà dh sna meadhanan sna là ithean mu dheireadh mu dheidhinn mì-chleachdadh dhrugaichean ann an snà mh. Tha e math gu bheil Jamieson cho là idir an aghaidh feadhainn a tha a’ ceill an spòrs aige, ach cho faisg air farpais mhòr agus le teagasg Peters na chluasan shaoilinn gum biodh an ‘guru’ aige ag rà dh ris rudan leithid Twitter agus colbhan bheachd a sheachnadh agus aire gu lèir a chumail air an deuchainn a tha roimhe?
Jamieson is Child na rionnagan
Ma tha Jamieson na ‘phoster boy’ airson sgioba nam fear tha uallach nam boireannach air leithid Eilidh Child air an raon ruith. Bu chòir dhith co-dhiù bonn airgid a thogail san rèis 400 meatair cliathaibh agus le nas lugha na diog eadar i fhèin is Kaliese Spencer à Jamaica cò aig a tha fios nach fhaodadh i a dhol ceum nas fheà rr. An trup mu dheireadh a bha na geamachan an Alba ann an 1986 thog an sgioba 33 bonn ach feumar cuimhneachadh gun do sheachain mòran dheth na dùthchannan Afraganach an fharpais sin air sà illeabh poileataigs grà in-cinnidh Afraga a Deas. Mar sin ged nach eil e do-dhèante bidh e duilich an aon à ireamh a ruighinn an trup seo bhon a bhios barrachd dhùthchannan an là thair. As dèidh sin a rà dh ge-tà , tha Alba daonnan air a bhith là idir ann an spòrsan leithid bòbhladh, losgadh agus judo agus ged nach fhaigh iad an aon seòrsa aire ris na farpaisean as motha sin ’s dòcha far am faodadh na buinn tighinn airson Alba.
Ìý
Na GÃ idheil aig na Geamachan
Bidh sinn cuideachd a’ coimhead ris na lùth-chleasaichean a bhuineas dhan Ghà idhealtachd agus na h-Eileanan (28 uile gu lèir), gu seachd à raid Kerry Nic a Phì à Uibhist a Deas. Tha seachdain no dhà caran riaslach air a bhith aig Kerry as dèidh galar-ghabhail (infection) a thogail na gà irdean a’ ciallachadh gum b’fheudar dhith grunn là thaichean a chur seachad san ospadal. Gu fortanach tha i air ais air a casan ’s air a bhaidhsagal a-rithist agus a dh’aindeoin gun robh i dìreach air tighinn far cùrsa phileachan thog i bonn airgid aig farpais baidhsagal beinne Bhreatainn ann an Shropshire air an deireadh sheachdain. Deasachadh math airson an latha mòr aice seachdain bhon diugh (29mh)! Coltach ri Ceitidh Archibald - tè eile a bhios ag amas air bonn òr - tha Kerry air nochdadh mar chlach às an adhar thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh agus ged a tha i air a’ phrìomh dheich a chuir roimhpe fhèin, mar a sheall i air an deireadh sheachdain cò aig a tha fios dè a dh’fhaodadh tachairt air an latha.
Stòiridhean agus cuimhneachain
Sin an rud a tha mi a ciallachadh le bhith ag rà dh gu bheil stòiridhean ùra rin sgrìobhadh thairis air a’ chola-deug a tha romhainn agus chan eil iad uile a’ buntainn ri bhith a’ togail dhuaisean. Airson leithid Earraid Davies, an lùth-chleasaiche as òige aig trì bliadhn’ deug sa bhios a’ snà mh mar neach-spòrs le ciorram, cha dìochuimhnich i seo gu brà th. Chan eil fios againn le cinnt dè a tha a’ dol a thachairt agus sin an rud a tha mìorbhaileach mu fharpaisean mòra mar seo, ach tha fios againn gum bidh e math agus gum mair e sa chuimhne gu brà th. Mar sin, leig leis na geamachan tòiseachadh!
Broadcast
- Sat 19 Jul 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X
Spòrs ionadail, nà iseanta agus eadar-nà iseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gà idhlig