Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Daniel MacFhionghuin, an Eaglais Shaor Leantainneach 2003

Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC c貌mhla ris an Urr Daniel MacFhionghuin, an Eaglais Shaor Leantainneach. Service conducted by Rev Daniel MacKinnon, Free Church Continuing (2003).

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 48: 1-2 air fonn St David agus 's e Murchadh C MacFhionghuin a tha os cionn na seinn agus Salm 84: 11-12 air fonn Moravia le D貌mhnall N M脿rtainn os cionn na seinn, a chaidh a chl脿radh ann an Eaglais Shaor Chrosboist.

Leughadh : 2 Corintianaich 5: 1-21
Ceann-teagaisg: 2 Corintianaich 5:10

'S e an t-Urramach Daneil MacFhionghuin a tha toirt thugainn D猫anamaid Adhradh air an t-seachdain seo. Bha Mgr MacFhionghuin na mhinistear aig an Eaglais Shaor Leantainneach anns a' Mhanachainn gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2004. Tha Mgr MacFhionghuin, a rugadh 's a thogadh ann am baile Liurboist air na Lochan, a-nise air a dhachaigh a dh猫anamh air taobh siar an eilein ann am baile Bhreascleit bho leig e dheth a dhreuchd. Mar a h-uile ministear eile, nuair a leigeas iad dhiubh an dreuchd, tha e nas trainge na bha e riamh. Bidh Mgr MacFhionghuin a' searmonachadh thall sa bhos far a bheil an coitheanal b脿n agus nuair a bhios ministear na paraiste air falbh.

Na bhalach 貌g chaidh a gu baile m貌r Ghlaschu far an tug e mach ce脿rd mar shaor, cha robh e fada air an dreuchd sin a thoirt a-mach nuair a chaidh e gu muir mar iomadach balach 貌g eile 脿s na h-eileanan aig an 脿m. Bha e se貌ladh air feadh an t-saoghail airson iomadach bliadhna, agus an uairsin chaidh e gu South Georgia far an do chuir e seachad d脿 bhliadhna. D脿 bhliadhna gu math fada a r猫ir fh猫in. Thill e air ais a Ghlaschu far an robh e na 'bhoatman' air abhainn Chluaidh. B' ann an uairsin a th貌isich e air clasaichean oidhche aig Oilthigh Ghlaschu agus cheumnaich e le MA. 脌s an sin chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire agus thug e mach a' mhinstearalachd ann an 1980. Nuair a gheibh e 霉ine dha fh猫in is caomh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd nam beann agus a' d猫anamh beagan obrach anns a' gh脿rradh.

30 minutes

An t-Urr Daniel MacFhionghuin

An t-Urr Daniel MacFhionghuin

Broadcasts

  • Sun 20 Jul 2014 21:00
  • Sun 17 Dec 2017 21:00