25/07/2014
Naidheachdan na seachdain le Dan Moireach agus Tormod Mac a' Ghobhainn. A look at the week's news with Dan Murray and Norman Smith. bbc.co.uk/coinneach.
An-diugh tha Dan Moireach agus Tormod Mac a' Ghobhainn a' toirt slaic air naidheachdan na seachdain ach feumaidh iad na sgeulachdan a thomhais an toiseach bho na criomagan carach aig Coinneach.
Cuideachd cluinnidh sibh an litir a sgrìobh Mà iri NicAmhlaigh chun An t-Saighdeir Gun Ainm. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le MÃ iri NicAmhlaigh
Duration: 03:56
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
A Mhà rtainn ghrà dhach,
Tha sia mìosan a nis on a dh’fhalbh thu agus tha mi a’ gabhail fadachd nach eil mi air guth a chluinntinn bhuat. Tha mi a’ smaoineachadh gur ann san Fhraing a tha thu agus tha mi an dòchas gu bheil thu gu math agus nach eil dad sam bith ceà rr. Tha fios air a thighinn gu dachaigh no dhà . Fios brònach. Tha am maighstir-sgoile ag rà dh gur ann às an Fhraing a thà inig an naidheachd. Chan eil fios, co dhiù ... tha mi an dòchas nach eil an t eagal ort agus gu bheil thu a’ faighinn biadh gu leòr.
Cha mhòr gu bheil mionaid a’ dol seachad nach eil thu air m’ aire. Aig amannan tha sin gam fhà gail uabhasach an-fhoiseil agus aig amannan eile gam fhà gail uabhasach ciontach mur a bheil thu nam smuaintean. Tha seòrsa de bheachd agam, fhad ’s a tha mi a’ smaoineachadh ort, gu bheil mi, air dhòigh air choireigin gad dhìon bho olc is trioblaid. Chan eil an seo ach gèam tha mi a’ cluich leam fhìn. Tha mi gad fhaicinn a’ crathadh do chinn. ’S dòcha gu bheil mo smuaintean cho ceà rr ri ceà rr agus gu bheil fealla-dhà agus spòrs gu leòr agad. ’S dòcha gu bheil thu air beagan Fraingis ionnsachadh fiù – ’s e sin ma tha thu anns an Fhraing. Na caill a’ Ghà idhlig air do bheatha – cha thuig duine tha seo thu nuair a thilleas tu!
Ach tha eagal orm gu bheil na pà ipearan ceart agus gu bheil thu an teis mheadhan an ùpraid. Eadar gaoir nam mairbh agus mac-talla nan gunnaichean, ’s e iongnadh a th’ ann nach eil thu a’ call do chiall. Cuiridh mi geall gu bheil thu a cheart cho iomagaineach nuair a tha e ciùin, sà mhach. Sà mhchair a tha cheart cho iargalt agus fios nach mair e fada.Â
Ach na toir thairis dòchas – tha sgeulachd èibhinn agam dhut. Cha chreid thu gu brà th dè tha mi ris. Chaidh buidheann a chuir còmhla airson stocainnean fhighe dhuibh. Tha sinn a’ coinneachadh a h uile oidhche Haoine. Abair thusa gu bheil oidhcheannan sònraichte air a bhith againn. Uill, chan eil mi fhìn dona air fighe, ach tha duine no dithis nach do chuir snà th air bioran a-riamh. Tha mi an dòchas à sealbh nach fhaigh thu paidhir a rinn an tè ruadh – agus a’ bruidhinn air an tè ruadh - tha ise ag ionndrainn balaich a’ bhaile gu mòr. Chan eil air fhà gail ann an seo ach seann chroitseirean, nach eil gu feum sam bith dha duine no beathach. Dol air ais gu na stocainnean aice – tha tuill annta; tha cnapan snà th a’ slaodadh riutha agus tha iad air am fighe cho dlùth agus mura robh builgean air na sà ilean roimhe seo, bidh a nis!
Na cruadhaich do chridhe an aghaidh an nà mhaid. ’S e mac mà thair a th’ anns a h uile fear dhiubh. Chan eil am marbhadh a tha thusa a’ dèanamh cà il nas uasail na tha am marbhadh a tha iadsan a’ dèanamh. Tha adhbharan ann a dh’fhà g gach taobh anns an t-suidheachadh anns a bheil thu, adhbharan air nach eil cothrom sam bith agad agus fhad ’s a chumas tu sin na do chuimhne tha mi an dòchas gu faigh thu às a’ chruaidh chàs gun thu air d’ fhà gail searbh agus amharasach. Tha mi fhìn air a’ thighinn chun a’ cho dhùnadh nach eil dad brèagha mu dheidhinn cogadh.
Tha mi a’ guidhe nach eil cùisean cho duilich agus a tha iad ag rà dh, agus tha mi a’ guidhe lem uile chridhe gun tig an cogadh mòr seo gu crìoch agus gun till thu dachaigh slà n, fallain.
Thèid a h uile dad seachad na uair ...
Le gaol agus pògan,
Marie x x Â
Broadcasts
- Fri 25 Jul 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Fri 25 Jul 2014 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal