25/07/2014
Janice Ann agus Marnie a' toirt sùil air adhart gu Geamannan a' Cho-Fhlaitheis. Janice Ann and Marnie look ahead to the Commonwealth Games.
Tha Janice Ann agus Marnie beò sa stiùidio an-diugh le spòrs, fealla-dhà agus ceòl.
Tha Geamannan a' Cho-Fhlaitheis air tòiseachadh agus tha Sam a' toirt sùil air adhart chun an
t-seachdain spòrs a tha romhainn.
Tha sinn air a bhith a' comharrachadh ceud bliadhna bho thòisich a' chiad chogadh le Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm gach seachdain. Anns an Litir mu dheireadh san t-shreath seo cluinnidh sibh an Litir a sgrìobh Peadair à Inbhirnis.
Tha Isabelle air a bhith a' faighinn a-mach mun Stassa, bà ta a chaidh fodha bho chionn grùnn bhliadhnaichean faisg air Roghadal anns Na Hearadh.
Tha cothrom eile ann pìos drà ma a chluinntinn bho Bun Sgoil Ghà idhlig Inbhirnis.
Agus tha Marnie ag innse dhuinn mun film ùr The Nut Job. aileag@bbc.co.uk.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Peadar Karikas
Duration: 00:54
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Halo Dadaidh
‘S e Hamish a th’ann agus tha mi a’ dol a dh’innse dhut ciamar a tha sinn. Tha mamaidh uabhasach math air còcaireachd. Rinn i poit mhòr de dh’fheòil uain. Tha blas cho math air agus gheibh thu cothrom ithe nuair a thilleas tu dhachaigh, ma tha thu a’ tighinn dhachaigh.Â
Rinn mise agus Aonghas rudeigin mì-mhodhail an-dè. Chaidh sinn chun a h-uile taigh ann an Rusgagearraidh agus ghnog sinn air na dorsan air fad agus ruith sinn air falbh mas d’ thà inig duine sam bith chun na dorsan. Fhuair sinn trod bho mam ach bha e cho èibhinn ge-tà !Â
Tha sinn uile gad ionndrainn. Cùm sà bhailte. Cuin a tha thu a’ tighinn dhachaigh? Ann an deich bliadhna bidh mise mòr gu leòr airson a bhith còmhla riut ‘s tha mi a’ coimhead air adhart ris an sin.
Mar sin leat.
Mòran gaoil,
Hamish agus Mamaidh
P.S Sgrìobh air ais
Broadcasts
- Fri 25 Jul 2014 16:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 26 Jul 2014 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal