Còmhla ri Iain Moireasdan
Iain Moireasdan agus an sgioba aig Geamannan a' Cho-Fhlaitheis, a tha tachairt ann an Glaschu. John Morrison and the team at the Commonwealth Games in Glasgow.
Last on
More episodes
Previous
Prògraman Radio nan Gà idheal air-loidhne / Online Availability
This programme is not available online due to restrictions relating to Commonwealth Games content. Ìý
Kerry Nic a' Phì
Bratach Kerry
Sgioba Spòrs An Là aig Geamannan a' Cho-Fhlaitheis #Glaschu2014
Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley
Siud iad seachad matha. Aon latha deug de ruith, leum, snà mh, sìnteag is sùrdag dhe gach seòrsa ann an tachartas spòrs a chuir Glaschu agus Alba fa chomhair an t-saoghail mar nach fhacas riamh roimhe. Ma bha teagamh air duine sam bith nach b’urrainn do bhaile Ghlaschu tachartas mòr spòrs leithid Geamachan a’ Cho-fhlaitheis a chumail gu soirbheachail, fhuair iad freagairt gu math soilleir thairis air a chola-deug mu dheireadh. Bhon a’ chuirm fhosglaidh far an d’fhuair sinn mìneachadh ùr air na tha ‘Pòg Ghlaschu’ a’ ciallachadh, tha am baile air là mh a shìneadh a-mach gu dùthchannan a’ Cho-fhlaitheis agus am fiathachadh a-steach gu partaidh nach tèid à cuimhne airson iomadach bliadhna.
Na Cuimhneachain as Fheà rr
Mus do thòisch na geamachan thuirt mi gum fà gadh iad cuimhneachain againn a mhaireadh gu brà th agus bho thoiseach gu deireadh chaidh sgeulachdan mìorbhuileach an sgrìobhadh ann an Glaschu. Cò a dhìochuimhnicheas an coltas air aodann Ross Murdoch an uair a rinn e an gnothach air Mìcheal Jamieson, no an uair a theab am mullach tighinn far amar-snà mh Tollcross às dèidh do Hannah Miley a’ chiad bhonn òr a ghlèidheadh airson Alba. Cha robh sùil nach robh a’ sileadh dheòir an uair a thog Erraid Davies, aois trì bliadhn’ deug à Sealtainn, bonn umha agus dè mu dheidhinn am bogsair òg Charlie Flynn a thà laidh an dùthaich an dà chuid le dhùirn agus le theangaidh? Chan e a h-uile duine a bheireadh taing dha mhà thair airson a chuid nigheadaireachd a dhèanamh às dèidh bonn òir a thogail, ach cha robh an sin ach aon dhe na loidhnichean sgoinneil a thug Flynn dha na meadhanan a dh’aithnich sa mhionaid gun robh rionnag ùr air nochdadh ann am bogsadh na h-Alba.
Spiorad Sharp
Bidh cuimhneachain phearsanta againn uile bho na geamachan, ach a thuilleadh air Usain Bolt a’ dannsa ri òran nam Proclaimers 500 Miles aig Pà irce Hampden, feumaidh mi a rà dh gur e am bonn airgid a thog Lynsey Sharp san rèis 800 meatair an rud a b’fheà rr a chòrd rium fhèin. Cha robh fios againn air aig an à m ach ann an uairean beaga na maidne latha an rèis bha Lynsey san ospadal, tinn le galair stamaig agus le snà thad na là imh a’ feuchainn ri bodhaig a chur ann an òrdugh air choireigin a bheireadh dhith cothrom ruith nas anmoiche an oidhche sin. Bha a h-athair Cameron cho draghail 's gun do dh’fhuirich e air falbh bho Hampden, ach dòigh air choireigin fhuair Lynsey neart èirigh bho leabaidh agus rèis a beatha a ruith airson bonn airgid a thogail.
Geamachan Kerry
Airson spiorad, miann agus comas snà mh an aghaidh an t-sruth chan iarradh tu sgeulachd na b’fheà rr agus gu ìre bha an aon rud fìor mu Kerry Nic a' Phì à Uibhist a Deas. Mura b’e ’s gum b’fheudar dhith fhèin grunn là thaichean a chur seachad san ospadal tha mi an amharas gum biodh Kerry air crìochnachadh na b'à irde na an treas à ite deug san rèis baidhsagal beinne. Ach faodaidh i a bhith air leth moiteil às na tha i air a dhèanamh thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh agus chan eil teagamh agam nach bi i air an t-uamhas ionnsachadh bho seo ’s gum faic sinn Kerry a’ dol bho neart gu neart sna bliadhnaichean a tha romhainn.
Dìleab nan Geamachan
Mar as à bhaist às dèidh farpais mhòr spòrs dhen t-seòrsa seo bidh an còmhradh a-nis a’ tionndadh chun an dìleab a dh’fhà gas na geamachan. Tha pailteas dhiubh ann nam bheachd sa, eadar na togalaichean ùra a chaidh an cur suas leithid a’ Velodrome no amar-snà mh Tollcross a chaidh a leasachadh gu baile nan lùth-chleasaichean a thèid a chleachdadh a-nis airson taigheadas ann an taobh sear a’ bhaile. Agus dè an luach a chuireas tu air a’ mhisneachd a thug sgioba na h-Alba le 53 bonn, 19 dhiubh òr - an à ireamh as motha riamh aig na geamachan - dhan chòrr dhan dùthaich ach gu sònraichte dhan ath ghinealach?
Bhon diugh a-mach tha mi an dòchas gum bi òigridh air feadh na dùthcha ag rà dh riutha fhein tha mise ag iarraidh leantail ann an lorgan Lynsey Sharp, Eilidh Child no Kerry Nic a' Phì agus nach biodh e math nam faiceadh sinn barrachd cothrom ga thoirt dha na rionnagan sin agus leithid Flynn is Murdoch a dhol a-mach dha na coimhearsnachdan agus clann òg a bhrosnachadh. Chan ann gun adhbhar a dh’ainmich mi triùir bhoireannach. Coltach ri dùthchannan eile chan eil gu leòr chlann-nighean a’ gabhail pà irt ann an spòrs an Alba, ach gu h-annasach b’e boireannaich gu ìre mhòr a thug dhuinn na sgeulachdan as motha aig na geamachan, nam measg Libby Clegg agus fhad ’s a tha mi aige sin nach robh e mìorbhuileach mar a chaidh spòrs le ciorram fhilleadh a-steach ris a’ chlà r spòrs à bhaisteach?
Sin dìreach aon leasan a bhios Astrà ilia air a thogail airson Geamachan a’ Ghold Coast an ceann ceithir bliadhna eile, ach bidh dùbhlan aca ceann a’ mhaide a chumail ri Glaschu. Sgrìobh mi an seo an t-seachdain seo chaidh gun robh Glaschu air Geamachan a’ Cho-fhlaitheis a shà bhaladh agus cha robh e na iongnadh mar sin gun cuala sinn ceann-suidhe Co-chaidreachas Geamachan a’ Cho-fhlaitheis, am Prionnsa Imran à Malà sia ag rà dh gur e seo na “Geamachan as Fheà rr Riamh". Cò aig tha fios nach fhaic sinn air ais iad uair eile ann an Glaschu ach dhan fheadhainn againn a bha fortanach gu leòr a bhith mar phà irt dhiubh cha tèid iad as ar cuimhne gu brà th. Abair geamachan, abair partaidh, abair spòrs! Meal do naidheachd Glaschu - bha thu mìorbhuileach.
Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley
Le Geamachan a’ Cho-fhlaitheis a-nis seachad tha an aire a’ tionndadh air ais chun an spòrs nà iseanta le seusan a’ bhuill-choise a’ tòiseachadh air an deireadh sheachdain. Tha mi a’ faicinn gu bheil cuid dhen luchd-naidheachd a bhios a’ dèanamh am beò-shlaint à ball-coise air a bhith a’ gearain mu na geamachan, ach dhomh fhèin dheth feumaidh mi a rà dh gur e tlachd uamhasach a bh’ ann a bhith nan luib. ’S e annas a bh’ ann a bhith a’ faicinn luchd-spòrs Albannach a’ buinnig, rud nach urrainn dhuinn a rà dh gu tric ann am ball-coise agus mar-thà tha inbhe na dùthcha air buile fhulang le Celtic a’ dol a-mach às an Champions Lìog an-raoir an aghaidh Legia Warsaw.
Ìý
Bidh cuid a nì gà irdeachas ris an sin - sin nà dar luchd-taic ball-coise - ach creid mi, ’s e fìor dhroch naidheachd a tha an seo an dà chuid airson Celtic agus ball-coise na h-Alba. A thuilleadh air an fhichead millean not nach bi a-nis a’ tighinn nan rathad, faodaidh tu a bhith cinnteach cuideachd gum bi Fraser Forster air a shlighe a-mach à Celtic sna là ithean a tha romhainn agus dh’fhaodadh feadhainn eile leithid Virgil van Dijk a bhith ga leantail air falbh bho Ghlaschu cuideachd.
Ìý
Dùbhlan Deila agus Cion Lèirsinn Celtic
Tha sin a’ fà gail a’ mhanaidsear ùr Ronny Deila ann an suidheachadh duilich le luchd-taic nach bi air am bodraigeadh nochdadh ann an à ireamhan mòra a choimhead cà l is brochan a’ Phrìomh Lìog às aonais rionnagan Barcelona, Real Madrid, Bayern Munich is eile gan cumail a’ dol tro mhìosan a’ gheamhraidh. Agus le Alba a-nis aig à ireamh 23 ann an rangachadh UEFA ’s ann nas duilghe a bhios e dha na sgiobaidhean againn ìre na buidhne dhen Champions League agus Lìog Europa a ruighinn sna bliadhnaichean a tha romhainn mar a fhuair Obar Dheathain agus St. Johnstone a-mach sa chola-deug mu dheireadh.
Ìý
Cothrom airson Obar Dheathain
Tha eagal orm gun robh seo a’ tighinn airson Celtic. Mar a chanas an seanfhacal, "am fear a choimheadas roimhe, coimheadaidh e fada às a dhèidh", agus airson grunn bhliadhnaichean a-nis tha bòrd-stiùiridh Celtic air a bhith a’ cluiche gèam cunnartach, a’ feuchainn ri faighinn gu ìre na buidhne dhen Champions League gun a bhith a’ cosg airgead susbainteach air cluicheadairean dearbhte a bheir ann iad. Bu chòir gum faigheadh iad cothrom eile an ath-bhliadhna ach tha seo a’ cur linn Tonaidh Mowbray nam chuimhne agus mura tog iad an casan gu sgiobalta bidh Obar Dheathain a’ faireachdain gun urrainn dhaibh Celtic a phutadh airson an tiotail. Bha 29 puing eadar Celtic is Tobar na Mà thar aig deireadh na seusan mu dheireadh agus mus tèid ball a bhreabadh cuiridh mi geall gum bi a’ bheà rn gu math nas lugha san iomairt seo.
Ìý
Cò eile a gheibh dhan chiad leth? ’S e buile mhòr a bh’ ann do Stuart McCall a dhol a-mach à Lìog Europa aig a’ chiad char uair eile, ach tha e eòlach gu leòr ’s gun tèid aige air Tobar na Mà thar a chumail aig ceann shuas an lìog agus chanainn an aon rud mu dheidhinn Tommy Wright agus St Johnstone ged a tha e a’ coimhead coltach gum feum iad sin a dhèanamh às aonais Stevie May a chur 27 tadhal dhaibh air an t-seusan a chaidh.
Ìý
Tha Dundee United iad fhèin air cluicheadairean a chall agus tha mi an amharas gum bi iad ag iondrainn Anndra Robasdan nas motha na Ryan Gauld a tha air gluasad gu Sporting Lisbon, ach chuireadh e iongnadh orm mura biodh sgioba Jackie MacNamara fhathast a’ strì airson an treas à ite. Agus dè mu dheidhinn an nà bannan Dùn Dèagh a tha air ais sa Phrìomh Lìog às dèidh bliadhna air falbh? Is toigh leam Pòl Hartley mar mhanaidsear. Tha e air dusan cluicheadair ùr a thoirt a-steach agus ma gheibh iad deagh thoiseach tòiseachaidh bhithinn a sùileachadh gum biodh iad a’ strì ri leithid Caley Thistle Inbhir Nis airson à ite sa phrìomh shia.
Ìý
Caley Thistle is Ross County
Tha e gu bhith inntinneach fhaicinn ciamar a thèid dhan dà sgioba Ghà idhealach air an t-seusan a tha romhainn. Thuige seo chan eil luchd-taic Caley Thistle air gabhail buileach ri Iain Hughes mar mhanaidsear, ach tha iad air na prìomh chluicheadairean aca a chumail agus ann an Ryan Christie, tha fear dheth na tà lantan òga as fheà rr san dùthaich aca. Tha mi an amharas gum bi iad ceart gu leòr, ach chan eil mi buileach cho cinnteach mu dheidhinn Ross County. Uair eile tha Derek Adams air a dhol a-mach agus cluicheadairean a thoirt a-steach bho thall thairis agus mar a chunna sinn an-uiridh cha do dh’obraich sin cho math dhaibh sa chiad leth dhen t-seusan. Cha bu chòir gum biodh iad ann an cunnart ach canaidh mi gum bi iad fhèin is St Mirren, Cille Mheà rnaig agus Partick Thistle san dara leth dhen lìog le Hamilton Academical a’ tuiteam air ais sìos dhan Championship.
Ìý
Championship nam Fuamhairean
Agus a’ bruidhinn air an Championship, abair gu bheil farpais gu bhith againn an sin le Rangers, Hearts agus Hibs uile a’ strì airson an dà à ite a bhios air chothrom gus faighinn air ais suas dhan Phrìomh Lìog. Chunna mi a dhà dheth na sgiobaidhean sin nas trà ithe air an t-seachdain seo ann an Cupa Dùbhlan na h-Alba agus duine sam bith a bha dhen bharail nach eil gu bhith ann ach spà irn eadar Rangers is Hearts, tha iad air am mealladh oir air a’ chiad shealladh seo, bidh Hibs fo stiùir Ailean Stubbs cuideachd a’ strì airson à ite ‘play-off’ aig a’ char as lugha.
Ìý
Coltach ris a h-uile duin’ eile tha fadachd orm faicinn cò a thig am bà rr agus tha e math gum faic sibh barrachd dheth na sgiobaidhean sin air ´óÏó´«Ã½ ALBA air an t-seusan seo cuideachd a thuilleadh air an uair an uaireadair as fheà rr bho dà gheam gach deireadh sheachdain sa Phrìomh Lìog. ’S dòcha nach bi e cho gleansach, ealanta ri Geamachan a’ Cho-fhlaitheis ach mar as à bhaist geallaidh mi gum bi buaireadh, connspaid agus drà ma gu leòr ann a chumas cagnadh rinn eadar seo san Cèitean an ath-bhliadhna. Mar sin, leig leis na geamachan agus na tadhail tòiseachadh.
Broadcast
- Sat 2 Aug 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X
Spòrs ionadail, nà iseanta agus eadar-nà iseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gà idhlig