Còmhla ri Iain Moireasdan
Iain Moireasdan a' toirt thugaibh blas de sgeulachdan spòrs na deireadh sheachdain. John Morrison with all the weekend sports news.
Iain Moireasdan a' toirt thugaibh blas de sgeulachdan spòrs na deireadh sheachdain eadar ball-coise, Farpais Lùth-chleasachd na h-Eòrpa, Rallaidh Innse Gall agus Farpais Fhosgailte Goilf na Hearadh. A thuilleadh air a sin tha sùil ri Iar-chuairt Dheireannach Cupa na Camanachd eadar Gleann Urchadan agus an t-Eilean Sgitheanach, faic cò a choinnicheas ri sgioba Cheann a' Ghiùthsaich sa chuairt dheireannach san t-Sultain.
Last on
More episodes
Previous
Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley
Ged is e ball-coise a’ phrìomh spòrs an Alba tha e math gu bheil an gèam air aithne a thoirt dhan fheadhainn a rinn cho math aig Geamachan a’ Cho-fhlaitheis sna seachdainean mu dheireadh. Bho thòisich seusan a’ bhuill-choise tha mi air Lynsey Sharp fhaicinn aig Ibrox, tha na peathraichean Renicks agus Aileen McGlynn air a bhith aig Pà irce Celtic agus air an deireadh sheachdain bha Josh Taylor, Ailig Marshall agus Pòl Foster aig Tynecastle. Bha aon tè eile a fhuair cuireadh gu derbaidh Dhùn Èideann ach mòr ’s gu bheil Eilidh Child mu dheidhinn na Jambos, bha rudeigin nas cudromaiche air a h-aire ’s i a’ togail bonn eile aig farpais nan lùth-chleasan Eòrpach ann an Zurich.
Ã’r is Airgead airson Child is Sharp
Beagan is cola-deug air ais bha Child air a dòigh glan le bonn airgid aig Hampden ach chaidh i ceum nas fheà rr aig Stadium Letzigrund Disathairne seo chaidh a’ buinnig a’ bhuinn òir san rèis 400 meatair, rud nach robh boireannach Breatannach air a dhèanamh bho Sally Gunnell ann an 1994. Cha robh ach dithis bhoireannach Albannach eile air tiotal Eòrpach a thogail roimhne sin a bharrachd - Yvonne Murray san rèis 3000 meatair ann an 1990 agus Sharp thairis air 800 meatair dà bhliadhna air ais ann an Helsinki. Ged nach b’urrainn do Sharp an tiotal aice a chumail an turas seo thug i cha mhòr diog far an uair as luaithe aice le bhith a’ crìochnachadh san dara à ite agus aig an aom à m a’ gabhail thairis bho Susan Scott mar a’ bhan-Albannach as luaithe aig an ìre seo.
Bha e sgoinneil cuideachd a bhith a’ faicinn Chris O’Hare a’ togail bonn umha san rèis 1500 meatair. Cha do rinn am balach bho na Crìochan cho math sa bha e an dùil ann an Glaschu ach ’se ceum mòr a bha seo dha a’ togail a’ chiad bhonn Breatannach bho chrìochnaich Steve Cram agus Sebastian Coe sa chiad san dara à ite ann an Stuttgart air ais ann an 1986. Tha barrachd ri thighinn bho O’Hare tha thu a’ faireachdain agus tha an aon rud fìor mu dheidhinn Child is Sharp.
Bha teagamh riamh mu dheidhinn Eilidh agus co-dhiù a b’urrainn dhith gluasad bhon dara à ite gu bhith a’ togail buinn òir, ach coltach ris na h-Albannaich eile a rinn cho math aig Geamachan a’ Cho-fhlaitheis tha i air misneachd fhaighinn bhon dòigh san do ruith i ann an Glaschu. Às dèidh samhradh mìorbhaileach tha tiotal Eòrpach aice a-nis a chuireas i còmhla ris a’ bhonn airgid a choisinn i aig Hampden agus tha mi an amharas nach bi fada gus am faic sinn i fhèin agus na buinn a’ faighinn cuireadh eile gu Tynecastle.
Biadh, deoch agus cluicheadairean ball-coise
Dhuibhse a bhios ag èisteachd ris na h-aithrisean spòrs agam, bidh fhios agaibh gun toil leam a bhith a’ cleachdadh an t-seanfhacail - 'Cha tig às a’ phoit ach an toit a bhios innte.' Thà inig na faclan sin air ais thugam air an deireadh sheachdain an uair a leugh mi na bh’ aig manaidsear Celtic Ronny Deila ri rà dh mu dheidhinn na cleachdaidhean ithe is òl aig cluicheadairean ball-coise. Tha dragh air an Nirribheach gu bheil cuid dheth na cluicheadairean aige ag ithe ’s ag òl nan rudan ceà rr agus gum faodadh sin an diofar a dhèanamh a thaobh co-dhiù a thèid aca air farpais aig an ìre as à irde sa ghèam.
Thug seo grunn sgeulachdan gum chuimhne a’ buntainn ri cleachdaidhean mì-fhallain ann am ball-coise na h-Alba. Tha a h-uile duine tha mi cinnteach eòlach air mar a chuidich Paul Gascoigne e fhèin gu drama no dhà ann an seòmar dhuaisean Pà irce Celtic ro ghèam derbaidh, ach cò a shaoileadh gum biodh laoch leithid Henrik Larsson a’ faighinn a chronachadh airson a bhith ag ithe crisps às dèidh gèam? Thug an t-eòlaiche bìdh a bh’ aig Celtic aig an à m an aghaidh air an t-Suaineach air a’ bhus a’ tighinn air ais bho geama agus cha bu mhòr an taing a fhuair e airson a chuid comhairle! Chùm Henrik còir air ag ithe nan crisps; bhiodh e fiù 's a smocadh siogarait an-drà sta 's a-rithist, ach na dhèidh sin cha do chuir e bacadh air bho bhith a’ cuir a’ bhuill an cùl na lìn.
Jinky agus Stein
Bha cleachdaidhean gu math nas miosa aig cuid dheth na seann chluicheadairean. Bhiodh Willie Johnston aig Rangers a' toirt air fear dhe na ‘ballboys’ fuireach ris aig beul an tunail aig leth-ùine le siogarait laiste agus cà it an tòisich thu le Jimmy Johnstone? Ann a bhith a’ dèanamh prògram mu Jock Stein an uiridh chuala mi stòiridh eile far an robh cuideigin air fònadh gu Stein a’ gearain gun robh e air Jinky fhaicinn ga dhalladh a’ tighinn a-mach à bà r beagan uairean mus robh aige ri bhith a’ trèanadh. Co-dhiù nochd mo liagh a-staigh agus coltas a bhà is air ach cha b’urrainn do Stein dad a dhearbhadh agus mar sin thug e air an dithis a bu luaithe aig a’ chlub, Tommy Gemmell agus Bobby Lennox trèanadh còmhla ri Jimmy an latha sin le òrdan obrachadh cho cruaidh sa b’urrainn dhaibh. Bha Stein a smaointinn gum biodh am fear beag ruadh cho bochd ’s nach seasadh e ris an dithis eile, ach rinn Jinky a h-uile sìon a chaidh iarraidh air agus ro dheireadh na maidne cha robh duin’ ann a bheireadh am ball bhuaithe mar as à bhaist. Aig oir na pà irce cha b’urrainn do Stein dad a dhèanamh ach a cheann a chrathadh is coiseachd air falbh le fiamh a’ ghà ire air aodann.
Fà th mo chuspair, tha sibh a’ faighneachd? Tha Deila ceart a bhith ag rà dh gum faod rudan beaga leithid am biadh san deoch a tha thu a’ cur nad bhroinn diofar a dhèanamh a thaobh mar a chluicheas tu, ach mar a tha fios aig a h-uile deagh mhanaidsear, uaireannan bidh cluicheadairean agad a dh’fheumas là imhseachadh eadar-dhealaichte agus cuiridh tu suas ri crisps, siogaraits agus smùid an-drà sta 's a-rithist fhad ’s a chuireas iad am ball dhan lìon dhut. Â
Broadcast
- Sat 16 Aug 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X
Spòrs ionadail, nà iseanta agus eadar-nà iseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gà idhlig