An t-Urr Cailean T MacCoinnich bho 1987
Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC c貌mhla ris an Urr Cailean T MacCoinnich bho 1987 Gaelic archive service conducted by Rev Colin T MacKenzie from 1987.
Anns an t-seirbheis a chaidh a chraoladh an toiseach anns a' Ch猫itein 1987 cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 132: 3-5 air fonn Torwood agus 's e D貌mhnall MacLe貌id a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu.
Salm 85: 1-2 air fonn Martyrdom agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Salm 31: 23-24 air fonn Bangor agus 's e Tormod MacGill脤osa a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal eaglais Chille Mhoire san Eilean Sgiathanach.
Leughadh: Mata 26: 36-46
Ceann-teagaisg: Mata 26: 41
Searmonaiche, b脿rd agus sgr矛obhadair, sin an t-urram a choisinn an t-Urr Cailean T MacCoinnich na bheatha.
Rugadh an t-Urr Cailean MacCoinnich ann an Glaschu agus chaidh a thogail air Eilean Tharasaigh a-mach bho chladaichean na Hearadh - d矛reach aon de dh'eileanan beaga a tha ri cladaichean na Hearadh agus far an do rugadh iomadach miseanaraidh agus ministear thar nam bliadhnaichean.
Chaidh Mgr MacCoinnich gu Sgoil Cheann a' Ghi霉thsaich far an deach e tro ch霉rsa na ministrealachd. 脌s an sin chaidh e gu Oilthigh Chill R矛mhinn far an tug e mach MA.
Chaidh a shuidheachadh mar mhinistear ann an Togha M貌r ann an Uibhist a Deas ann an 1947 aig 脿m nuair a bha d脿 sg矛re aig Eaglais na h-Alba ann an ceann a deas Uibhist. Ghluais e 脿 Togha M貌r ann an 1955 san 脪gmhios agus chaidh a shuidheachadh mar mhinistear ann an Eaglais Erskine an Cill Fhinnein ann an Siorrachd Adhar. Chaidh an coitheanal sin a cheangal ri coitheanal Fergushill anns a' bhaile ann an 1958.
Ann an 1975 ghabh Mgr MacCoinnich ri gairm bho choitheanal Sg矛re Mhoire faisg air Inbhir Nis agus ann an 1982 bha e air ais anns a' chl猫ir anns an do th貌isich e nuair a roghnaich coitheanal Ch脿irinis ann an Uibhist a Tuath e mar theachdaire.
Leig e dheth a dhreuchd ann an 1986 agus rinn e a dhachaigh ann am Beinn nam Faoghla.
A bharrachd air a bhith na mhinistear agus na theachdaire bha Mgr MacCoinnich na bh脿rd comasach - chaidh a chr霉nadh mar bh脿rd aig M貌d N脿iseanta Bhaile Bh貌id ann an 1952. Bha an obair-sgr矛obhaidh aig Mgr MacCoinnich gu math tric ri chluinntinn air pr貌graman r猫idio ann an dreach sgeulachdan goirid agus bha f猫ill mh貌r air na leabhraichean a sgr矛obh e, leithid Oirth矛r T矛m, A' leth Eile, Mar Sgeul a dh'Innseas agus Nach Ne貌nach Sin.
Chaochail Mgr MacCoinnich anns a' Mh脿irt 1994.