Main content
Sorry, this episode is not currently available

Iain Moireasdan a' toirt sùil air adhart ri ball-coise na deireadh sheachdain bho ìre nàiseanta gu ìre ionadail. Rugbaidh, Formula1 agus bogsadh le Ricky Burns air ais a' sabaid oidhche Shathairne ann an Leeds an aghaidh Alexandre Lepelley.

57 minutes

Last on

Sat 4 Oct 2014 09:03

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Aon cheum air adhart, a dhà air ais. ’S ann ris an sin a tha e a’ coimhead coltach airson Celtic agus am manaidsear aca Ronny Deila an-dràsta. Dìreach an uair a bha dùil aige gun robh cùisean air tionndadh mun cuairt dha an aghaidh Dinamo Zagreb ann an Lìog Europa, chaill iad an uairsin aig an taigh air an deireadh sheachdain an aghaidh Hamilton. Bha am Prìomh Mhinisteir Neville Chamberlain air a shlighe dhan Ghearmailt a choinneachadh ri Adolf Hitler gus feuchainn ris an dara cogadh a sheachnadh an trup mu dheireadh a thachair a leithid air an 14mh dhen t-Sultain 1938 agus tha an turchartas sin a’ fàgail an Nirribheach ann an suidheachadh cugallach.


Beagan sheachdainean air ais sgrìobh mi an seo gun robh an searmonachadh aig Deila le na bu chòir dha na cluicheadairean aige a bhith ag ithe ’s ag òl iomchaidh gu leòr gu ìre, ach tha e gu math nas fhasa rudan mar sin a chur an cèill an uair a tha thu a’ buinnig gheamachan agus chan eil Celtic air a bhith a’ dèanamh sin tric gu leòr air an t-seusan seo. Tha iad air deich puingean a leigeil às mar-thà agus air a dhol a-mach às an Champions League dà thuras. A dh’aindeoin bruidhinn mun stoidhle a tha e ag iarraidh fhaicinn, chan eil e nam bheachd sa air na cluicheadairean a thoirt leis mar bu chòir agus gu cinnteach chan eil e air dearbhadh dhan luchd-taic gur e an duine airson an club a thoirt air adhart.


Gu dearbh thiginnsa cho fada ri ràdh gu bheil cuid dheth na cluicheadairean nach eil a’ dèanamh an uile dhìcheall an uair a thig iad a-mach air a’ phàirce agus tha sin uamhasach cunnartach dhan mhanaidsear. Chan eil e ceart ma tha cluicheadairean a’ gabhail air an socair ach tha fiosam bho bhith a’ bruidhinn ri duine no dhithis air taobh a-staigh Hamilton gun robh na cluicheadairean acasan dhen bheachd nach robh cuid dhen sgioba a bha nan aghaidh Didòmhnaich seo chaidh a’ bristeadh an amhaichean airson buinnig.


Bidh e duilich do chuid a chreids’ gum faodadh sin tachairt ach tha comas aig cluicheadairean ruaig a chur air manaidsear mura bheil e a’ còrdadh riutha. Chunna sinn e air an t-seusan seo chaidh le Daibhidh Moyes aig Manchester United agus mura fàs cùisean nas fheàrr dha tha cunnart gum faodadh a leithid eile tachairt do Deila. Bhiodh e reusanta seusan a thoirt do mhanaidsear ùr sam bith aig a’ char as lugha, ach tha na seachdainean eadar seo san Nollaig a-nis fìor chudromach nam bheachd sa ma tha Deila gu bhith buan mar mhanaidsear Celtic.


An-dràsta chan eil iad ach sia puingean air dheireadh air Hamilton aig a’ mhullach le gèam a bharrachd ri chluiche, ach sa mhionaid a nochdas teagamh - agus chan eil mi ag ràdh nach eil sinn air an ìre sin a ruighinn mar-thà - far a bheil Dermott Desmond a’ faireachdain gur dòcha nach buinnig Celtic an tiotal, thèid atharrachadh a dhèanamh. Mar a thuirt mi, chan eil mi ag ràdh nach eil a’ chuibheall sin air tòiseachadh air tionndadh mar-thà leis an naidheachd gun do leig Jim McGuinness dheth a dhreuchd mar choidse sgioba ball-coise Gàidhealach Dhùn nan Gall air an deireadh sheachdain. Tha McGuinness mar phàirt dhen sgioba coidsidh aig Celtic mar-thà cuimhnich, ach cha chuireadh e iongnadh orm mura faiceadh sinn an dreuchd sin a leudachadh san àm ri teachd. Suidheachadh air an d’fhiach sùil a chumail.


Georgia air inntinn Gòrdan Strachan

Ìý
Tha cuideam de sheòrs' eile air fear eile a bha na mhanaidsear aig Celtic le Gòrdan Strachan a’ feuchainn ri Alba a’ stiùireadh chun na ciad trì puingean de dh’iomairt EURO 2016 an aghaidh Georgia aig Ibrox Disathairne. Bhiodh luchd-taic Rangers a’ fanaid air Strachan an uair a bheireadh e Celtic gu Ibrox ’s iad ga choltachadh ris a’ charactar Chesney à 'Coronation Street', rud nach robh Strachan a tuigsinn bho nach robh e a’ coimhead a’ phrògram. Ach cha robh Tommy Burns, nach maireann, fada ga chur ceart an uair a dh’fhaighnich Strachan dha aon latha cò mu dheidhinn a bha an luchd-taic a’ seinn. "Tha iad a’ seinn mud dheidhinn-sa", thuirt Tommy. "Is tusa Chesney!"


Chan eil latha nach eil mi ag ionndrainn Tommy Burns, fear a bheireadh gàire air gamhainn ’s deòir à sùilean a’ bhuntàta. Ach faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi a spiorad agus luchd-taic ball-coise na dùthcha gu lèir air cùl Strachan agus an sgioba nàiseanta Disathairne. Rinn iad sònraichte math san dara leth sa chiad ghèam an aghaidh na Gearmailt ann an Dortmund, ach ’se gèam a tha seo a dh’fheumas iad a ghleidheadh mura bheil iad a’ dol a thuiteam air dheireadh san rèis airson faighinn dhan Fhraing an ceann dà bhliadhna eile. Tha Poblachd na h-Èireann - a bhitheas a’ farpais ri Alba airson an dara san treas àite sa bhuidheann - aig an taigh ri Gibraltar air an aon oidhche agus le trì puingean aca mar-thà chan urrainn do dh’Alba an leigeil sia puingean air thoiseach aig an ìre seo - tha e cho sìmplidh ris an sin.


Clough a’ cur earbsa ann an cluicheadairean òga Albannach


Meal a naidheachd air Stiùbhart Urchardan a chluich a’ chiad ghèam slàn aige airson Dùn Phàrlain Disathairne seo chaidh, gèam a ghlèidh na Pars 2-0 an aghaidh Stirling Albion. A rèir choltais bha deagh ghèam aige cuideachd agus bidh Stiùbhart a-nis an dòchas gun tèid aige air sreath de gheamachan fhaighinn, rud a dh’fheumas cluicheadair òg sam bith ma tha cothrom gu bhith aige a shlighe a dhèanamh sa ghèam.


Thàinig sin a-staigh orm a-rithist nas tràithe air an t-seachdain seo a’ bruidhinn ri Nigel Clough, manaidsear Sheffield United. Air a’ bhliadhna mu dheireadh tha Clough air dithis chluicheadairean òga, Stefan Scougall agus Marc McNulty, a thoirt bho sgioba Baile Dhùn Lèibhe, dìreach mar a rinn e roimhe le Craig Bryson agus Johnny Russell an uair a bha e na mhanaidsear aig Derby County. A thuilleadh air comas, ’s e an àireamh de gheamachan a tha cluicheadairean a’ faighinn aig aois òg a tha ga thàladh gu cluicheadairean Albannach agus tha leasan an sin an dà chuid, saoilidh mi, dha na clubaichean agus na cluicheadairean òga againn.

Broadcast

  • Sat 4 Oct 2014 09:03

Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gàidhlig