Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 1

Episode 1 of 10

John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gàidheal.

Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnàthasan-cainnt agus abairtean ann an Gàidhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghràmair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, agus an leabhar ³Ò°ùà³¾²¹°ù na Gàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, bho Robyn Ireland.

John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.

30 minutes

Last on

Sun 18 Jan 2015 10:30

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Beag air Bheag

Iain Urchardan

Iain Urchardan

Ìý

Tar-sgrìobhadh – Litir chun an t-saighdeir gun ainm Tx 22.07.14 - Sìne NicLeὸid

An tritheamh là den Ìuchar , 1915


Uilleam a ghràidh,


Ceud taing airson an crom-lus a chur thu thugainn bho 'no man’s land'. Tha i gu math prìseil dhuinn agus tha i ga do thoirt gu ar smuaintean.

Bha e math litir fhaighinn bhuat an là eile. Bidh sinn a’ gabhail dragh nuair nach eil sinn a’ cluinntinn càil. Tha uiread de dhaoine sa choimhearsnachd a’ faighinn droch naidheachd na làithean seo agus chan eil e furasta do dhuine sam bith. Tha e duilich dhuinn a bhith air ar sgaradh bhuat ach tha iomadach teaghlach anns an aon suidheachadh rinn, agus feumaidh sinn gabhail ris agus ar earbsa a chur ann an Dia gun till thu air ais slàn sàbhailte thugainn. Tha do phiuthar bheag a’ fàs mòr a h-uile là. ‘S e a co-là breith a bh’ ann an-dè, mar a bhios fios agad agus chuir i seachad an là mòr shiòs còmhla ri a seanmhair air a bheil i fhèin agus tu fhèin cho dèidheil. Tha an dithis aca ann an sunnd math agus a’ gabhail do naidheachd.

Tar-sgrìobhadh Mac'illeMhìcheil: Mark Wringe a’ còmhradh ri Iain Mac'illeMhìcheil TX 080814

Mark: Bha mi seachnadh a bhith ag èisteachd ris an tidsear, bhiodh mo shròn ann an leabhar agus mo chorragan na mo chluasan eil fhios agad, air cùl a’chlas! Agus feumaidh mi a ràdh, feumaidh gu robh an tidsear agam, Mrs Ward an t-ainm a bh’oirre, tha cuimhne agam oirre, feumaidh gu robh I fìor, fìor thuigseach oir ‘s e aÌý dhèanadh I ach bheireadh I a-mach air beulaibh a’ chlas mi, dh’fheumainn suidhe air stòl ri taobh, agus leig I leam cumail orm a’ leughadh an leabhar ach dh’fheumainn suidhe air a beulaibh... so mar sin bha I air an dàrna làimh...tha...gam pheanasachadh air dòigh air choreigin agus a’ sealltainn gu feumadh tu dèanamh mar a chanadh an tidsear riut, ach aig a’cheart àm, bha I a’ sealltainn dhan chlas gu robh e math a bhith a’ leughadh...


Iain: Uh huh.


Mark: ...agus tha mi smaoineachadh gu robh I fìor, fìor thuigseach ann a bhith a’ dèanamh sin, mo bheannachd oirre.

Ìý

Oisean a' Ghràmair 1

ainmearÌý – noun
gnìomhair – verb
fireanta – masculine
iolra – plural
sèimheachadh – lenition (‘softening’)
seilbheach – possessive

Ìý

Puing 1


mo - myÌýÌýÌýÌýÌýÌýar -Ìýour
do -ÌýyourÌýÌýÌýÌýÌýur - your (plural) (no cuideachd: bhur)
a - his/herÌýÌýÌý an - their


mo mhàthair - Ìýar màthair
do mhàthair - ur màthair
a mhàthair / a màthairÌý- am* màthair

(* an → am le b, f, m, p)


Puing 2


Dòigh eile air my:Ìý an (X) agam (‘the X at me’)
an taigh agam, an càr agad, an còta aige, an obair aice

Ìý

Cuin a chleachdas sinn mo X, agus cuin a chleachdas sinn an X agam?


Tha an X agam glè chumanta, agus faodaidh sibh seo a ràdh mar as trice. Ach bu chòir dhut mo a chleachdadh airson:


(1)ÌýÌý càirdeas glè phearsantaÌýÌýÌý
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌým.e.ÌýÌý mo mhàthair, mo phiuthar, mo mhac, mo sheanair


(2)Ìý do bhodhaig, do phearsantachd
ÌýÌýÌýÌýÌýÌým.e.ÌýÌý mo chas, mo shùilean, m’ inntinn, mo spiorad

Abairt na Seachdain

Am fasan a bh’ aig Niall, bha e riamh ris

Broadcasts

  • Sun 19 Oct 2014 21:30
  • Wed 22 Oct 2014 12:03
  • Wed 22 Oct 2014 22:00
  • Sun 26 Oct 2014 10:30
  • Sun 11 Jan 2015 21:30
  • Wed 14 Jan 2015 12:03
  • Wed 14 Jan 2015 22:00
  • Sun 18 Jan 2015 10:30

Podcast