Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain Fearghasdan, Eaglais na h-Alba, Port Righ

Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC c貌mhla ris an Urr Iain Fearghasdan, Eaglais na h-Alba 1995. Gaelic archive service from 1995 conducted by Rev John Ferguson, Church of Scotland 1995.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 133: 1-3 air fonn Free Church agus 's e Murchadh MacLe貌id a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.
Salm 63:2-3 air fonn London New agus 's e Iain Eachainn MacLe貌id a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas .

Leughadh: Gn矛omharan nan Abstol 2: 1-20
Ceann-teagaisg: Gn矛omharan nan Abstol 2: 1

An t-Ollamh Urramach Iain Fearghasdan 1937 - 2009
Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain an Uibhist a Tuath sa Mh脿irt 1937. An d猫idh dha an sgoil fh脿gail bha e ag obair an Uibhist agus air t矛r-m貌r, a' falbh bho obair gu obair. Aig an 脿m sin cha robh miann sam bith aige dreuchd s貌nraichte a leantainn.
Th脿inig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha d霉sgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b' ann sa bhliadhna 脿s d猫idh sin a chaidh e gu Colaiste am Faith Mission an D霉n 脠ideann airson tr矛 bliadhna. 脌s d猫idh grunn bhliadhnaichean a chur seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an 脠irinn, dh'fhairich e gu robh e ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e 脿s an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean 脿s d猫idh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chr矛osdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996.
Anns an 脪gmhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh o Chl猫ir Ghlaschu agus anns an D脿mhair a' bhliadhna sin ghabh e gairm bho choitheanal Chrois Nis a Le貌dhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fh猫in agus an teaghlach gu Port R矛gh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanail ann an 2002. Rinn e fh猫in is Oighrig, a bhean, an dachaigh anns a' Mhanachainn far am biodh e a' searmonachadh bho 脿m gu 脿m.
Ph貌s Mgr Fearghasdan Oighrig NicPh脿il ann an 1969 agus bha tri霉ir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes - agus an-diugh tha tri霉ir oghaichean aca, Acacia, Elijah agus Anndra. Bha Oighrig na c霉l-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear agus cuideachd 脿s d猫idh dha a dhreuchd a leigeil seachad. Chan eil fada bhon a chaidh leabhar, anns a bheil c貌rr is fichead de na searmoin aig Iain a chl貌-bhualadh, pr貌iseact air an do th貌isich e fh猫in mus do bh脿saich e agus air na chuir Oighrig cr矛och.
Bh脿saich Iain air an t-siathamh l脿 den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 23 Nov 2014 21:00
  • Sun 5 Nov 2023 21:00