06/12/2014
Iain MacAonghais a' toirt sùil air ball-coise na seachdain; rugbaidh agus dùbhlan Cupa Eòrpach ma choinneamh sgiobaidhean Alba aig diofair ìrean; luchd nam baidhsagal ann an Lunnain agus reis 10k ann an Ceann a Tuath Leòdhais.
Last on
More episodes
Previous
Clip
-
Spòrs na Seachdain: Cròladh
Duration: 03:59
Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley
Tha seachdain inntinneach air a bhith agam à s dèidh a bhith ag aithris air a’ ghèam eadar Alloa agus Rangers Diciadain seo chaidh san iar chuairt dheireannach de Chupa Dùbhlan na h-Alba. Coltach ris a’ chuairt dheireannach dhen fharpais air an t-seusan seo chaidh ’s air an robh mi ag aithris cuideachd airson ´óÏó´«Ã½ ALBA an uair a chaill Rangers ri Raith Rovers, bha am fòn là imhe agam na theine le teachdaireachdan oidhche Chiadain seo chaidh - cuid a’ fanaid mar a chrìochnaich an gèam ach gu leòr eile cuideachd a tha a’ leantail Rangers agus a bha a’ faireachdainn gu bheil an ùine aig Ally McCoist mar mhanaidsear air tighinn gu ceann.
Chan eil teagamh nach b’e an gèam an aghaidh Alloa an oidhche as miosa aig McCoist bho ghabh e an obair air a cheann fhèin agus às dèidh a bhith 2-0 air thoiseach le 17 mionaid air fhà gail cha robh duine ach cluicheadairean Alloa a’ smaointinn gum b’urrainn dhaibh an gèam a thionndadh mun cuairt mar a rinn iad. A’ bruidhinn ris a’ mhanaidsear aca Barry Smith ro là imh cha robh ach deich cluicheadairean aige a bha fut air an oidhche le seachdnar a bhiodh air cluiche air an gortachadh no tinn.
Cha robh dòigh air thalamh a bu chòir do Rangers a bhith air an gèam ud a chall an aghaidh cluicheadairean pà irt-ùine, a’ mhòr chuid dhiubh a bha air tighinn bhon obair latha aca le duine no dhithis eile a’ dol gu sioft-oidhche às dèidh a’ ghèam. Chan eil teagamh nach eil coire aig a’ mhanaidsear airson na thachair, ach feumaidh na cluicheadairean a’ mhòr-chuid dhen uallach a ghabhail airson an dòigh san do leig iad an gèam air falbh bhuapa.
Bha e follaiseach a’ bruidhinn ri feadhainn aca ron a’ ghèam nach robh miann mhòr sam bith aca a bhith aig an Indodrill Stadium air oidhche fhuar, cheòthar airson gèam a chluich air pà irce phlastaig ann am farpais nach robh a’ ciallachadh cus dhaibh. Dh’innis sin an t-uamhas dhomh mu na cluicheadairean sin agus an staid inntinn, gu sònraichte bhon a bha am manaidsear aca air a dhèanamh gu math follaiseach gur e cupa a bha seo a bha e airson a bhuinnig am bliadhna air an treas cothrom mus tilleadh iad dhan Phrìomh Lìog, tha e an dòchas, an ath-bhliadhn’.
Co-dhiù a tha thu a’ smaointinn gur e deagh mhanaidsear a th’ ann am McCoist no nach e, chan eil e na chuideachadh an uair a tha cluicheadairean a’ dol a-mach air a’ phà irce ’s iad a’ smaointinn gu bheil iad ro mhath airson a bhith a’ cluiche aig an ìre seo. Agus cò a’ choire a tha sin? Canaidh gu leòr gur e McCoist fhèin is coireach bhon is e esan a thug cluicheadairean leithid Iain Black, Dean Shiels, Bilel Moshni is eile a-steach dhan chlub air tuarastail nach fhaigheadh iad an à ite sam bith eile.
Tha coire aig an t-seann à rd oifigear Teà rlach Green an seo cuideachd oir bha esan toilichte gu leòr ìomhaigh a chruthachadh gur e club, mòr beairteach a bh’ ann an Rangers fhathast agus mar a tha mi air a bhith ag rà dh bho thùs cha robh fa-near dhasan ach an luchd-taic a mhealladh fada gu leòr gus an rachadh aige fhèin agus a charaidean air na b’urrainn dhaibh a thoirt a-mach às a’ chlub. Chaidh e ann am muilichinn an luchd-taic gu salach agus chleachd e McCoist mar phà irt dheth na bha fa-near dha ged a dh’fheumar a rà dh cuideachd gun robh am manaidsear fhèin toilichte gu leòr taic a chur ri Maighstir Green, mar a bha e le Craig Whyte roimhne sin an uair a bhiodh e air a bhith na b’fheà rr dha a cheann a chumail sìos agus aire a chumail air an sgioba.
Thuirt mi an seo beagan sheachdainean air ais gun robh feadhainn air a’ bhòrd-stiùiridh a tha ag iarraidh air McCoist a dhreuchd a leigeil dheth, rud a tha a-nis air a dhearbhadh ach mar a dh’innis mi cuideachd grunn mhìosan air ais cosgaidh e còrr math is millean not dhaibh toirt air a’ mhanaidsear coiseachd air falbh, a-rithist suim a thà inig am follais aig deireadh na seachdain seo chaidh.
An uair a chì thu mar a tha feadhainn eile air am pòcannan a lìonadh cha chuireadh tu cus coire air Ally McCoist fuireach na dhreuchd gus am faigh e an t-airgead air a bheil e smaointinn a tha e airidh. Ach ‘s e suidheachadh annasach a th’ ann nach e, far a bheil cuid dhen luchd-taic agus stiùirichean a’ chlub ag iarraidh cuidhteas fhaighinn dhen mhanaidsear ach chan eil an t-airgead aca a leigeas leotha a dhèanamh.
Airson McCoist tha e da-rìreabh eadar a’ chlach san sgrath, fear a bha na laoch mar chluicheadair ach a tha a-nis air fhà gail ann an suidheachadh far a bheil barrachd is barrachd dhen luchd-taic ag iarraidh air Ibrox fhà gail. ‘S e McCoist fhèin a thuirt nach biodh esan "a’ coiseachd air falbh," ach nas lugha na thèid aige air a shealltainn gun urrainn dha a’ bheà rn a dhùnadh air Hearts aig mullach an Championship agus le cosgaisean a’ chlub a sìor dhol am measad, mar a tha mise a’ tuigsinn, ’s dòcha gur e sin a dh’fheumas e a dhèanamh fhathast.
Deoch-Slà inte a’ Bhuill-coise
Às dèidh na b’aig Barry Hearn ri rà dh mu dheidhinn ball-coise na h-Alba an t-seachdain seo chaidh tha e inntinneach gur e deoch-là idir, no an cothrom a bhith ga reic am broinn pà ircean ball-coise, an rud as motha a tha air aire nam meadhanan a ghlacadh. Tha mi cinnteach gu bheil an t-à m ann lagh a tha 34 bliadhna a dh’aois atharrachadh agus leigeil le luchd-taic pinnt no dhà a ghabhail aig a’ ghèam mar a tha a’ tachairt aig an rugbaidh, ach tha fios gu bheil rudan nas cudromaiche ann a bu chòir dhuinn a bhith a’ dèanamh gus luchd-taic a thà ladh air ais. Seo dìreach ceithir rudan a dh’fhaodar a dhèanamh airson toiseach tòiseachaidh -Ìý prìsean nas saoire (can £15 gach gèam son inbhich), clann fo shia bliadhn’ deug a leigeil a-staigh an-asgaidh, à iteachan a chur mu seach far a bheil daoine son seasamh seach suidhe agus barrachd gheamachan a thilleadh gu trì uairean feasgar Disathairne. Chanadh gu leòr 'Slà inte' leis an sin, tha mi an amharas, deoch-là idir ann no à s, ach a bheil duine air an t-siathamh là r aig Hampden ag èisteachd?
Ìý
Buile mhòr airson sgioba nan Eileanan Siar air thoiseach air geamachan Jersey
Chuala sinn os ìosal an Steòrnabhagh an t-seachdain seo chaidh gun robh a’ chompanaidh togail Breedons Hebrides an imis stad dhen taic a tha iad air a bhith a’ cur ri sgioba nan Eileanan Siar aig Geamachan nan Eilean. Gu mì-fhortanach chaidh an naidheachd sin a dhearbhadh a-nis agus ‘s e fìor dhroch bhuile a th’ ann dhan sgioba. Mar a dh’innis mi sa cholbh seo an t-seachdain seo chaidh feumaidh iad £100,000 a chruinneachadh airson an sgioba a thoirt gu Jersey an ath-bhliadhna agus bha taic Breedons luach £25,000. Tha sin a’ fà gail beà rn mhòr a dh’fheumar a lìonadh ann an ùine gu math goirid.
Broadcast
- Sat 6 Dec 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X
Spòrs ionadail, nà iseanta agus eadar-nà iseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gà idhlig