Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 19

Ruairidh Iain Moireach ag innse mun cheangal a th' aig ainm ri call sa Chiad Chogadh. Roddy John Murray connects both of his names to family loss in the First World War.

Tha Ruairidh Moireach ag innse sgeulachd phearsanta mu bhuaidh a' Chiad Chogaidh air a theaghlach do dh' Iain MacDiarmaid. Chaidh ainm, Ruairidh Iain, a thoirt air às dèidh dithis bhràithrean athar - Ruairidh agus Iain Moireach à Dail bho Dheas, ann a Nis a Leòdhas. Fhuair Iain bàs sa Mhàirt 1915. Bha e bliadhna thar fhichead a dh' aois. Chaochail Ruairidh dà mhìos às dèidh sin, san Ogmhìos. Bha e trì bliadhna thar fhichead. B' iad an dithis a bu shine san teaghlach agus cha b'e sin an aon chall a chaidh air an teaghlach taobh staigh bliadhna.

10 minutes

Last on

Fri 5 Dec 2014 11:50

Clip

Ruairidh Moireach

Ruairidh Moireach
Chaidh Ruairidh Alasdair Moireach ainmeachadh às dèidh dithis bhraithrean athar – Ruairidh agus Iain Moireach, a chaill am beatha sa Chiad Chogadh. Seo Ruairidh Moireach. Fhuair e bàs air a’ cheathramh là den Ogmhìos, 1915, às deidh mar a chaidh a leòn aig Ypres.  Bha e trì thar fhichead. Bha Iain, a chaochail roimhe air an t-siathamh là den Mhàirt, bliadhna thar fhichead. Chan eil dealbh ann de dh'Iain. Seo an aon dealbh a th' ann de Ruairidh.

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Thu 4 Dec 2014 21:03
  • Fri 5 Dec 2014 11:50