Còmhla ri Iain MacAonghais
Iain MacAonghais sa chathair 's e a' toirt sùil air rugbaidh, ball-coise, darts, ball-basgaid agus gu leòr spòrs eile. Iain MacInnes looks ahead to this weekend's sporting action. Rugby, football, darts and basketball are amongst the sports featured.
Last on
More episodes
Previous
Sùil air Spòrs le Ailig O' Henley
Tha sinn air tòrr a chluinntinn mu shuidheachadh Ched Evans air an t-seachdain mu dheireadh ’s e a' feuchainn ri faighinn air ais a-steach gu ball-coise às dèidh a bhith air a dhìteadh airson boireannach òg èigneachadh bho chionn ceithir bliadhna. Thug seo a-staigh orm mar a tha beachdan air atharrachadh mun seòrsa eucoir seo sna bliadhnaichean mu dheireadh. Bidh cuimhne aig luchd-leughaidh ’s dòcha air neach-spòrs eile a bha san aon t-suidheachadh còig bliadhn’ deug air ais, ach an à ite dubh-chà ineadh nochd na mìltean a choimhead a’ bhogsair Mike Tyson a’ sabaid an aghaidh Lou Savarese ann an Glaschu.
Cha do mhair an t-sabaid fhèin, mas urrainn sabaid a ghabhail air, ach 38 diog ach b’ e an rud as motha a bhuail orm aig an à m cho beag diofar sa rinn e dhan fheadhainn a bha an là thair gun deach Tyson a dhìteadh airson sia bliadhna prìosain às dèidh a bhith air fhaighinn ciontach nighean òg aois ochd bliadhn’ deug, Desiree Washingston èigneachadh. Nochd fichead boireannach a thogail fianais an latha a thug Comhairle Baile Ghlaschu cead do Tyson sabaid, ach nam b’ e an-dè an-diugh tha mi an amharas gum biodh na guthan an aghaidh an fhir a thug am "baddest man on the planet" air fhèin mar fhar-ainm gu math nas cruaidhe.
Cha bhiodh Tyson air cead fhaighinn sabaid co-dhiù air sà illeabh laghan ùra in-imrich a tha a’ cur bacadh air daoine a rinn eucoir dhan t-seòrsa sin tighinn a-staigh dhan dùthaich, ach fiù ’s às aonais sin tha mi an amharas nach fhaigheadh a leithid cead an-diugh oir tha beachdan an aghaidh èigneachadh air cruadhachadh agus tha na meadhanan sòisealta mar Twitter air a dhèanamh nas fhasa agus nas èifeachdaiche iomairtean a thogail.
Tha dà thaobh air an sin ge-tà mar a chunna sinn an t-seachdain seo chaidh le cuid a' muigheadh air stiùirichean agus teaghlaichean club ball-coise Oldham Athletic a bha an impis cùmhnant a thairgsinn do Evans. ’S gann gum b’ urrainn dhomh a chreidsinn gun robh cuideigin a’ muigheadh nighean fear dheth na stiùirichean èigneachadh nan toireadh iad Evans a-steach dhan chlub. Ciamar a tha sin a’ dol a chuideachadh luchd-iomairt chòraichean bhoireannach?
Chan eil idir agus seo far a bheil an trioblaid agamsa leis an seo. Dh’fheumainn a rà dh sa mhionaid nach eil truas sam bith agam ri Evans. Às dèidh coimhead air a chùis aige chan eil teagamh agam nach eil e ciontach mar a tha cùirt-lagh agus cùirt ath-thagraidh air a dhearbhadh cheana. Ach chan urrainn dhuinn sinn fhèin fhaighinn ann an suidheachadh far a bheil lagh na dùthcha air a riaghladh le grà isg dhaoine air Twitter agus tha eagal orm gur e sin a tha an cunnart tachairt an seo.
Cuimhnich tha ath-leasachadh a thuilleadh air peanas mar phà irt de shiostam ceartas na dùthcha seo agus ged a tha obraichean ann nach biodh freagarrach air cuideigin a tha ciontach de dh’eucoir leithid Evans - teagasg, dotairean no oifigearan poileas - chan eil ball-coise air an liosta sin. Tha fiosam gu bheil mòran a’ cur argamaid air adhart gu bheil dleastanas air cluicheadairean ball-coise a bhith nan eisimpleirean airson daoine òga, ach tha mi duilich tha daoine air am mòr mhealladh ma tha iad a’ coimhead ri cluicheadairean ball-coise an latha an-diugh mar eisimpleirean air mar a bu chòir dhaibh pèin a ghiùlain.
Ma tha daoine a’ smaointinn gu bheil urrasbhaidhean san lagh a thaobh dìteadh airson eucoir bu chòir dhaibh iomairt airson sin atharrachadh, ach fà gamaid an lagh aig na cùirtean agus seachnamaid a bhith a’ feuchainn ri lagh a dhèanamh tro Twitter.
Co-dhùnadh Academical airson Ailig Neil
Coltach ri mòran eile chuir e iongnadh orm ach iongnadh ann an deagh dhòigh an uair a fhuair Ailig Neil obair manaidsear Norwich City. Mar a thurchair bha mi ag aithris air an dà ghèam mu dheireadh a bh’ aig Neil os cionn Hamilton Academical agus fhuair mi cothrom còmhradh math fhaighinn leis ro na geamachan an aghaidh Tobar na Mà thar agus St Johnstone. Cha robh dad a dhùil aige ris a’ chothrom seo ach thuirt e rudeigin rium a dh’innis dhomh gur e duine ann an cabhag a bha seo.
Bha sinn a’ bruidhinn air Billy Reid a bha san dreuchd aig Hamilton roimhe agus mar a dhiùlt e an cothrom a dhol gu Swansea City beagan bhliadhnaichean air ais. Dh’innis Neil dhomh gun tuirt e ri Reid aig an à m gun robh e air mearachd a dhèanamh, mearachd nach dèanadh esan nan tigeadh leithid de chothrom na rathad. ’S beag a dh’fhios a bh’ aige gun tigeadh an cothrom sin cho luath às dèidh ar còmhraidh ach aon uair ’s gun cuala mi mu dheidhinn cha robh teagamh agam nach biodh Neil air a shlighe gu Norwich.
Na Trì Mathain a’ gluasad ceum nas fhaisge air cumhachd aig Rangers
Thuirt mi sa cholbh mu dheireadh gum biodh an t-seachdain a bha romhainn cudromach san t-strì airson smachd fhaighinn air Rangers agus tha sin an impis tachairt mar a tha mi a’ tuigsinn. Chuala sinn Diluain gun robh am bòrd-stiùiridh air an dara tairgse aig a’ bhancair Ameireaganach Robert Sarver a dhiùltadh, a’ fà gail an t-slighe fosgailte airson a’ bhuidheann aig Dùghlas Park (Na Trì Mathain). Tha còmhraidhean air a bhith a’ dol thairis air an deireadh sheachdain agus le cruaidh fheum aig Rangers air tuilleadh airgid an t-seachdain seo airson cumail a’ dol, tha e a’ coimhead coltach a-nis gun gabh am bòrd-stiùiridh ris an sia millean not a tha buidheann Park a' tairgsinn mu choinneamh dà à ite air a’ bhòrd. Ma thig e gu buil 's e gluasad cudromach a bhios ann a thaobh smachd fhaighinn air a’ chlub agus gluasad, tha mi an amharas, a bheir dòchas agus toileachas dhan luchd-taic a’ dol a-steach dhan Bhliadhn’ Ùir.
Broadcast
- Sat 10 Jan 2015 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X
Spòrs ionadail, nà iseanta agus eadar-nà iseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gà idhlig