Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain Moireasdan

Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. Local, national and international sport with John Morrison.

Iain Moireasdan sa chathair 's e a' coimhead air adhart ri iar-chuairtean deireannach Cupa na Lìog. Bidh beachdan an dà thaobh de gheàm Ross County is Caley Thistle Inbhir Nis againn agus iomradh air an Championship cuideachd. Gheibh sinn iomradh air mar a tha cùisean air thoiseach air Geamannan nan Eilean agus tha an Superbowl agus farpais Badminton ann an Steòrnabhagh am measg nan spòrsan eile a bhios againn.

57 minutes

Last on

Sat 31 Jan 2015 09:03

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Airson greis bha e a’ coimhead gealltanach. An uair a chaidh aig Andy Moireach air faighinn air ais gu seata an urra ann am Melbourne, bha dùil aig mòran gun togadh e air agus gum buinnigeadh e farpais fhosgailte Astràilia airson a’ chiad uair. Bha coltas air Novak Djokovic gun robh a bhodhaig ga fhàilligeadh, ach dìreach an uair a bha thu a' smaointinn gun robh an Serbach a’ dol a thuiteam a-mach às a’ ghèam fhuair e neart à àit’ air choireigin agus b’ e Moireach a chaill smachd air fhèin.


Dhan fheadhainn a tha air a bhith a’ leantail dreuchd a’ Mhoirich chan e rud ùr a tha seo idir ach bha dùil againn gun robh e air faighinn seachad air an laigse seo sa ghèam aige - agus ‘s e laigse a th’ ann - às dèidh obrachadh còmhla ri Ivan Lendl. Tha sradag sa h-uile neach-spòrs an uair a tha iad a’ faireachdainn gu bheil an saoghal nan aghaidh, ach ‘s e mar a dhèiligeas tu ris an sin a dhearbhas co-dhiù a ghlèidheas tu an fharpais sa bheil thu an sàs agus ’s e sin dhòmhsa an diofar as motha eadar Djokovic is Moireach.


A thaobh comas chan eil cus eatorra mar a chunna sinn airson a’ chiad phàirt dhen chuairt dheireannaich ann an Astràilia, ach seall an diofar eadar an dithis an uair a thàinig e gu bhith a' làimhseachadh na diofar dhùbhlain a thàinig nan rathad sa ghèam. An uair a bha Djokovic air a lèireadh le fèithean teann is corragan goirt bha uiread de neart inntinn aige ’s gum b' urrainn dha pian sam bith a bha e a’ faireachdainn a chur an dara taobh, cladhach beagan nas doimhne agus cha mhòr sin a chleachdadh airson an gèam a thionndadh mun cuairt.


Ma dh’fhaoidte gun robh Moireach air a mhealladh, a’ smaointinn gun robh an Serbach a’ dol ris a’ bhruthach ’s gun robh crùn eile air fàire, ach an uair a thionndaidh cùisean na aghaidh fhèin chunna sinn an seann Andy Moireach a’ tighinn a-mach, a’ call smachd air fhèin 's a' tionndadh air an sgioba coidsidh aige. Mar cù luirge a’ faighinn snodhadh fala, leum Djokovic air an laigse sa bhad agus mus b’ urrainn dhut coimhead thugad no bhuat no fiù ’s 'bagel' a ràdh, bha gèam a bha a’ coimhead coltach a thigeadh gu còig seataichean seachad.


Chan eil teagamh nach eil Moireach air ais ann an sunnd far an urrainn dha na duaisean mòra a bhuinnig a-rithist, ach ma tha e a’ dol a dhèanamh sin feumaidh e smachd fhaighinn air an droch nàdar a tha buailteach tighinn a-mach an uair a tha cùisean a’ dol na aghaidh. Fo stiùireadh Lendl chaidh aige air sin a dhèanamh agus chan eil e na iongnadh gur ann aig an àm sin a bhuinnig e farpais fhosgailte nan Stàitean Aonaichte agus Wimbledon a thuilleadh air bonn òir aig Geamachan Oilimpaigeach Lunnainn.


Gu follaiseach tha e air iarraidh air Amélie Mauresmo obrachadh air pàirtean eile dhen ghèam agus a phearsa agus chan eil teagamh nach eil e a’ coimhead nas toilichte ’s nas saoirsneile ann fhèin. Ach ma tha Moireach a’ dol a chur ris na tiotalan a th’ aige feumaidh e an gille beag a bhios a’ dol ann an droch thrum an uair nach fhaigh e a thoil fhèin a chur air ais dhan bhogsa agus fhàgail an sin.


Tuill air a’ phàirce agus ann an sgioba Rangers aig Hampden


Mar a bha dùil, bha latha cofhurtail aig Celtic an aghaidh Rangers san iar chuairt dheireannach de Chupa an Lìog Didòmhnaich seo chaidh aig Pàirce Hampden. Gu dearbh b’ e farpais fhaisg a bh’ ann eadar cò a bu mhiosa, Rangers no a’ phàirce aig Hampden. Beagan sheachdainean às dèidh do Chomann Ball-coise na h-Alba Barry Hearn fhastadh airson innse dhuinn rud air an robh fios againn co-dhiù, sin nach robh sinn a’ dèanamh gu leòr airson ìomhaigh a’ ghèam a bhrosnachadh, chaidh dà iar chuairt dheireannach a chluich air pàirce a bha nas coltaiche ri iomaire buntàta a bh’ air ùr threabhadh seach raon ball-coise.


Tha fiosam gum b' fheudar pàirce ùr a chur sìos air sàilleabh na h-atharrachaidhean a chaidh a dhèanamh airson Geamachan a’ Cho-fhlaitheis ach tha cha mhòr sia mìosan bhon uairsin agus chan eil leisgeul sam bith ann carson nach robh a' phàirce ann an òrdugh ceart airson geamachan a bh’ air an sealltainn air feadh an t-saoghail. Bha e mar gun robh plàigh fhaimh air a bhith a’ cladhach thuill air a feadh. Abair sanas agus tha e uair eile a’ togail ceist mu fhreagarrachd Hampden. Bha seann àrd oifigear Celtic, Fearghas McCann ceart mu iomadach rud agus saoilidh mi gun robh e ceart cuideachd an uair a thuirt e gu robh "feum aig Alba air Pàirce Nàiseanta mar a bha feum aice air Pàirce Nàiseanta Chàraichean". An uair a thig an aonta aig an SFA airson na pàirce gu ceann ann an 2020, tha mi an dòchas gu smaointich iad air roghainnean eile agus geamachan a thoirt timcheall na h-Alba mar a tha a’ tachairt ann an dùthchannan eile leithid an Spàinn 's a' Ghearmailt. 


Ach dona ’s gun robh a’ phàirce chan eil sin na leisgeul airson Rangers a dh’fhaillich fiù ’s aon oidhirp fhaighinn air an targaid fad an uair gu leth a’ sealltainn cho gòrach sa bha an onghail san othail sna seachdainean ron a’ ghèam. Chaidh coilltean an leagail airson cumail suas ri na chaidh a chlò-bhualadh ro làimh mun chiad ghèam eadar an dà sgioba bho chionn trì bliadhna, ach dhomh fhèin dheth cha robh an aon fhaireachdain timcheall a' ghèam seo seach geamachan eile eadar Celtic is Rangers thairis air na bliadhnaichean.


Faodaidh tu feuchainn ri dhineadh sìos amhaichean dhaoine gus a bheil iad dubh san aghaidh gu bheil ball-coise na h-Alba air a bhith ag iondrainn a’ ghèam seo - agus chan eil teagamh nach eil gach taobh, gu sònraichte na clubaichean sna meadhanan ag iondrainn na milleanan a thig na chois - ach tha a’ bheàrn eadar an dà chlub a-nis cho mòr ’s nach eil an aon seòrsa farpais ann tuilleadh. An-dràsta, ‘s e cùisean far na pàirce as motha a tha a’ cur dragh air luchd-taic Rangers agus gus am faigh iad fuasgladh air mar a tha an club air a ruith, tha mi an amharas nach fhaic sinn derbaidh mòr Ghlaschu air ais aig an ìre aig an robh e airson greis mhath fhathast.

Broadcast

  • Sat 31 Jan 2015 09:03

Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gàidhlig