Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Calum MacMhathain, Eaglais Shaor Shiaboist 1987

Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC c貌mhla ris an Urr Calum MacMhathain, Eaglais Shaor Shiaboist 1987. Gaelic archive service from 1987 conducted by the late Rev Calum Matheson.

Anns an t-seirbheis 脿 tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh seirbheis a chaidh a chl脿radh c貌mhla ris an Urr Calum MacMhathain, nach maireann, ann an 1987 nuair a bha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Shiaboist.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:

Salm 111 air fonn London New agus Salm 73 air fonn Stornoway, agus 's e D R D貌mhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ste貌rnabhaigh.

Leughadh: 1 Timoteus 2: 1-11
Ceann-teagaisg: 1 Timoteus 2: 5

Rugadh Calum MacMhathain ann an 1948 agus cha robh anns an teaghlach ach e fh猫in. Chaidh 脿rach ann a Ste貌rnabhagh agus bha e am measg buidheann bhalach as a' bhaile air an robh na Torquil Terrace Boys.

Chaidh oideachadh ann am Bun-Sgoil Ste貌rnabhaigh agus 脌rd-Sgoil MhicNeacail agus dh'fh脿g e an sgoil aig sia bliadhna deug. Chaidh e an uairsin a Lunnainn far an d'fhuair e obair san t-Seirbhis Chatharra.

Bha guth s貌nraichte l脿idir aig Calum agus bha sin gu math follaiseach bho l脿ithean 貌ige. Nuair a bha e anns a' bhun-sgoil bhuannaich e am bonn 貌r aig a' Mh貌d Ionadail airson seinn agus bha 霉idh mh貌r aige anns a' Gh脿idhlig agus ann a bhith ga d矛on.

Th貌isich Calum air beatha Chr矛osdail a leantainn nuair a bha e ann a Lunnainn, agus le c脿irdeas is coibhneas bho Gh脿idheil Lunnainn th脿inig e gu bhith na bhall dhan choitheanal anns an Eaglais Shaor an sin. Bha 霉idh mh貌r aige anns na h-貌raidean aig an Dr M脿rtainn Lloyd Jones agus bha e na bhall dhan choisir nuair a bha Billy Graham a' searmonachadh ann a Lunnainn. Thoisich Calum air searmonachadh an toiseach nuair a bha e ann an Lunnainn.

Aig f矛or dheireadh na tr矛 ficheadan ghluais e a Ghlaschu far an robh e na bhall de choitheanal Eaglais Shaor Bhaile Ghobhainn agus 's ann nuair a bha e an sin a fhuair e sti霉ireadh airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd. Nuair a dh'fh脿g Calum an sgoil cha robh e air deuchainn a dh猫anamh aig 脿rd-矛re agus le sin b' fheudar dha a dhol gu clasaichean oidhche. Rinn e adhartas air leth le foghlam aig 脿rd-矛re agus fhuair e teisteanas san oilthigh airson litreachas agus eachdraidh na h-Alba. A bharrachd air an sin bha e a' gabhail clasaichean pr矛obhaideach airson a Gh脿idhlig a leasachadh. Chaidh Calum gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an D霉n 脠ideann bho 1977 gu 1980 agus chaidh a ph貌sadh ri coitheanal Shiaboist far an robh e na mhinistear airson aona bliadhna deug. Fhuair e gairm gu Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhir Nis ann an 1991 far an do bhrosnaich e an coitheanal ann an iomadach d貌igh. Gu m矛-fhortanach 脿s d猫idh trioblaidean lannsa bh脿saich e ann an 1992.
Bidh cuimhn' aig m貌ran air Mgr MacMhathain mar shearmonaiche air leth - duine m貌r agus meas m貌r aig daoine air. Bhiodh e tric ri chluinntinn ag r脿dh "Tha an Tighearna math, Oh tha an Tighearna math.".

30 minutes

An t-Urr Calum MacMhathain

An t-Urr Calum MacMhathain

Broadcast

  • Sun 8 Feb 2015 21:00