22/02/2015
Anns an litir do luchd-ionnsachaidh, cluinnidh sinn sgeulachd mun dà shealladh a thaobh tubaist adhar san Eilean Sgiathanaich. The week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 510
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 814
Duration: 04:59
Litir 814: Na Lochlannaich ann an Tiriodh
Thug na Lochlannaich buaidh mhòr air Gà idhealtachd na h-Alba. Thug an t-Seann Lochlannais buaidh air a’ Ghà idhlig. ’S iomadh facal a tha sinn a’ cleachdadh an-diugh aig an robh tùs ann an Lochlannais – leithid geòla, laimrig, langa is mol. Seadh, gu leòr dhiubh le ceangal don mhuir. Tha fad a bharrachd fhaclan-iasaid Lochlannais ann an Gà idhlig na tha de dh’fhaclan Gà idhlig a chaidh don Lochlannais. Tha dùil gu bheil sin a’ dearbhadh gun robh na Lochlannaich a’ smachdachadh nan Gà idheal gu ìre mhòr.
           Ach bidh ceist ann mu na thachair anns na h-eileanan a thaobh cà nain. An do dh’fhalbh a’ Ghà idhlig fo bhuaidh na Lochlannais? An robh a h-uile duine a’ bruidhinn Lochlannais airson ùine? No, eadhon, nuair a bha là n-smachd poilitigeach aig na Lochlannaich, an robh feadhainn fhathast a’ bruidhinn na Gà idhlig? Agus an robh an suidheachadh eadar-dhealaichte ann an diofar eileanan?
           Airson fianais, feumaidh sinn dhol gu gintinneachd, gu airceòlas, gu là mh-sgrìobhainnean eachdraidheil agus gu ainmean-à ite. Bidh ainmean-à ite gar cuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn na thachair don Ghà idhlig fo bhuaidh nan Lochlannach.
           Tha an Dr Iain Holliday a’ fuireach ann an Tiriodh. Tha Gà idhlig mhath aige. Tha e air a bhith a’ toirt sùil air ainmean-à ite an eilein agus sgrìobh e pà ipear gu math inntinneach mun cheud is seachdad ainm Lochlannach ann an Tiriodh. ’S e dìreach ceud is ceithir a bh’ air an clà radh leis an t-Suirbhidh Òrdanais. Chuir Iain fhèin seasgad ’s a sia a bharrachd don liosta. Ge-tà , tha còrr math is trì mìle ainm Gà idhlig anns an eilean.
           Thà inig na Lochlannaich a Thiriodh anns an naoidheamh linn an dèidh Chrìosda. Agus dh’atharraich iad an t-eilean gu mòr. Carson a tha sinn a’ smaoineachadh sin? Uill, chan eil ach aon ainm-à ite againn an-diugh a bh’ ann am bith mus tà inig na Lochlannaich – ’s e sin Tiriodh, ainm an eilein fhèin.
           Air ceann an iar-dheas Thiriodh, tha seann dùn air a bheil Dùn nan Gall. Bhiodh ‘Gall’ an sin a’ ciallachadh ‘Lochlannach’. Faisg air là imh, ri taobh geodha, tha creag air a bheil Borabrig. Tha sin a’ ciallachadh ‘laimrig ri taobh an dùin’. Tha Iain dhen bheachd gu bheil sin a’ sealltainn gun robh na Lochlannaich a’ cleachdadh an dùin mar dhaingneach. ’S ann le fòirneart a thug iad buaidh an toiseach.
           Bha na Lochlannaich a’ fuireach air feadh an eilein. Rinn iad ath-chruthachadh air siostam an fhearainn is cruth nam bailtean. Dh’fhà g iad ainmean pearsanta ann an cuid de dh’ainmean-à ite. Eadhon an-diugh, tha ainmean Lochlannach air seasgad às a’ cheud de bhailtean Thiriodh. Ach chan eil an dualchas Lochlannach cho là idir ann am pà irtean dhen eilean ’s a tha e ann am pà irtean eile.
           Tha Iain dhen bheachd gun robh Gà idheil a’ fuireach anns an eilean fad na h-ùine a bha iad fo smachd nan Lochlannach, agus gun do mhair an cà nan beò. ’S dòcha gun deach feadhainn dhiubh a ghluasad a-mach à ceà rnaidhean Lochlannach gu ceà rnaidhean Gà idhealach. Ach cha robh an dà shluagh air an sgaradh buileach bho chèile. Tha dùil gun do phòs mòran fhear Lochlannach boireannaich Ghà idhealach.
           Mhair an Lochlannais ùine mhòr. Tha fianais ann an ainmean-à ite gun do mhair i cho fada ris a’ cheathramh linn deug. Ach ’s i a’ Ghà idhlig aig an robh là mh-an-uachdair mu dheireadh thall. Agus tha i air bilean cuid de mhuinntir Thiriodh chun an latha an-diugh.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Lochlannaich: Vikings, Norse; ²µ±ðò±ô²¹: dinghy, small boat; laimrig: landing place (maritime); langa: ling (fish); mol: shingle; pearsanta: personal; ±è³óò²õ: married; ±ôà ³¾³ó-²¹²Ô-³Ü²¹³¦³ó»å²¹¾±°ù: the upper hand; bilean: lips.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Thug an t-Seann Lochlannais buaidh air a’ Ghà idhlig: the Old Norse language affected Gaelic; gu leòr dhiubh le ceangal don mhuir: many of them with a link to the sea; fad a bharrachd fhaclan-iasaid: many more loan-words; a’ dearbhadh gun robh X a’ smachdachadh Y: proving that X was controlling Y; nuair a bha là n-smachd poilitigeach aig X: when X had full political control of Y; feumaidh sinn dhol gu gintinneachd, gu airceòlas, gu là mh-sgrìobhainnean eachdraidheil: we must go to genetics, archaeology, historic manuscripts; bidh ainmean-à ite gar cuideachadh: place-names help us; bh’ air an clà radh leis an t-Suirbhidh Òrdanais: that were recorded by the Ordnance Survey; tha còrr math is trì mìle ainm Gà idhlig anns an eilean: there are many more than three thousand Gaelic names on the island; an naoidheamh linn an dèidh Chrìosda: the 9th Century AD [after Christ]; a bh’ ann am bith mus tà inig X: that was in existence before X came; faisg air là imh, ri taobh geodha, tha creag: nearby, beside a geo, there is a rock; a’ cleachdadh an dùin mar dhaingneach: using the fort as a fortress; ’s ann le fòirneart a thug iad buaidh an toiseach: it’s with [by using] violence that they were victorious to begin with; a’ fuireach air feadh an eilein: living throughout the island; gun do mhair an cà nan beò: that the language remained in existence; a-mach à ceà rnaidhean Lochlannach: out of Norse areas; cha robh an dà shluagh air an sgaradh buileach bho chèile: the two peoples were not entirely separate from one another; gun do mhair i cho fada ris a’ cheathramh linn deug: that it survived until the 14th Century.
Puing-chà nain na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach
Rinn iad ath-chruthachadh air siostam an fhearainn is cruth nam bailtean: they reformed the land system and the form of settlements.
Broadcasts
- Sun 22 Feb 2015 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 25 Feb 2015 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.