26/02/2015
Air Seachdain Nà iseanta Trioblaidean Bìdh cluinnidh sinn bho thè a tha a' fulang. In National Eating Disorders Week, Cathy talks to a sufferer.
Air Seachdain Nà iseanta Trioblaidean Bìdh cluinnidh sinn bho thè a tha a' fulang. Tha Racheal NicDhòmhnaill ag innse an sgeulachd phearsannta aice fhèin.
Tha atharraichean gan dèanamh air an lagh ann a Breatainn a tha a' ciallachadh gum bi e nas fhasa peanas-airgid a chuir air companaidhean a tha a' cuir dragh air daoine le bhith a' fònadh thuca aig an taigh no air an fòn-là imhe. Sin deasbad an latha agus gheibhear comhairle air nas urrainn dhuinn fhìn a dhèanamh airson stad a chuir orra.
Tha Seonag Nic a' Ghobhainn air ais le sreath ghoirid de reasabaidhean Earraich.
bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
-
Feasgar: Sgeulachd Rachael NicDhòmhnaill
Duration: 11:41
Na reasabaidhean aig Seonag Nic a' Ghobhainn
Brot cà l-colaig, cnò-còco agus piobar-tiolaidh
Gritheidean:
1 unnsa ìm
1 uinnean mòr air a ghearradh na phìosan beaga
1 cà l-colaig meadhanach mòr air a ghearradh na phìosan
1 canastair bainne cnò-còco
Sùgh glasraich mu 1-2 pinnt (a rèir cho mòr 's a tha a' cholaig)
1-2 piobar-tiolaidh dearg leis an sìol air a thoirt às agus air a ghearradh gu mìn
Beagan uachdar (ma tha thu ga iarraidh)
Salann agus piobar
Fraighig an t-uinnean ann am pana le ìm gus an tionndaidh e bog a' dèanamh cinnteach nach tèid e donn. Tilg a-steach an cà l-colaig, leth-phinnt sùgh glasraich, salann agus piobar agus cuir mullach air a’ phana. Bruich airson 5-10 mionaidean gus a bheil na glasraich bog. Dòirt a-steach am bainne cnò-còco agus teasaich.
Dòirt a h-uile cà il am broinn inneal-measgachaidh agus co-mheasgaich gus a bheil a h-uile cà il mìn (cuir ris tuilleadh sùgh glasraich ma tha feum)
Cuir am brot air ais dhan phana agus cuir ann am piobar-tiolaidh dearg. Teasaich airson 10-20 mionaid. Cuir ris tuilleadh salainn agus piobair a rèir do bhlais agus cuir ann beagan uachdar ma tha sibh ag iarraidh.Â
Tha am brot seo math air ithe le baguette air a thostadh san à mhainn.
Cà is-chèic Liomaid
Gritheidean:
Bonn na cèic:
50 gram briosgaidean digestive
50 gram gingernuts air am pronnadh
50 gram ìm leaghte
Measgaich a h-uile cà il gu math agus brùth e am broinn bonn tiona cèic meud 8 òirleach air a lìnigeadh le pà ipear bèicearachd. Cuir an tiona dhan frids gus an stèidhich e.
An cà is-chèic fhèin:
2 tuba cà ise mascarpone
320g curd liomaidÂ
Sùgh 1 liomaid
Measgaich am mascarpone leis a' churd agus an sùgh liomaid gus a bheil e mìn. Dòirt am measgachadh air muin nam briosgaidean anns an tiona agus cuir air ais dhan frids e airson oidhche gus an stèidhich e a-rithist. Sgeadaich am mullach le sgealban do mheasan leithid sùbhan-là ir agus kiwis (faodaidh tu meas sam bith a chleachdadh).
Broadcast
- Thu 26 Feb 2015 12:33´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal