D貌mhnall A MacIllEathain (nach maireann), miseanaraidh a bh'aig Eaglais na h-Alba
Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC, c貌mhla ri D貌mhnall A MacIllEathain, miseanaraidh aig Eaglais na h-Alba. Religious service from 大象传媒 archives conducted by missionary Donald A Maclean.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 106: 1-3 air fonn St David agus Salm 122: 7-8 air fonn New Cambridge. 'S e Doilidh Murdo Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh : Eabhraidhich 12: 22-29
Ceann-teagaisg: Eabhraidhich 12: 27
Rugadh D貌mhnall Angaidh MacIllEathain ann an Cliasamol ann an Ceann a Tuath na Hearadh ann an 1922. Bhuineadh an teaghlach don Sgarp agus cha do chaill e an d脿imh a bh' aige do dh'eilean beag 脿raich.
Ged nach robh anns an Sgarp ach eilean beag, rugadh grunn math dhaoine air an eilean a rinn seirbheis don eaglais mar mhinistearan agus mar mhiseanaraidhean ann an Alba agus thall thairis. Bha D貌mhnall Angaidh suidhichte mar mhiseanaraidh aig Eaglais na h-Alba, ann an Loch Croistein ann an Le貌dhas, ann am Barraigh, ann an C脿irinis an Uibhist a Tuath, ann am M脿raig, ann an Cul nan Cnoc anns an Eilean Sgitheanach, agus mu dheireadh ann an 脌ird a' Bh脿sair. A bharrachd air A sin bhiodh e a' cuideachadh ann an sg矛rean eile.
Bha D貌mhnall Angaidh p貌sta aig Nina agus bha c貌ignear de theaghlach aige - tri霉ir nighean agus dithis ghillean agus bha ceathrar oghaichan aige.
Thug e seachad a' chiad searmon ann an Cille Mhoire agus Paibil ann an Uibhist a Tuath ann an 1947, agus shearmonaich e airson an turas mu dheireadh anns an Ath Leathann, an oidhche mun do chaochail e, Did貌mhnaich an treas latha den Ghiblein 2005.
An d猫idh dha a' dhreuchd a leigeil dheth bha D貌mhnall Angaidh a' fuireach ann an Sl猫ite. Bha G脿idhlig shi霉bhlach bheartach muinntir na Sgarp aige agus bha e mion-e貌lach air beul-aithris. Bha cuimhne mh矛orbhaileach aige agus chumadh e cuimhne, cha mh貌r facal air an fhacal, air searmoinean a chuala e. Bha e sgileil mar iasgair agus mar shealgair.
Last on
D貌mhnall A MacIllEathain nach maireann
Broadcast
- Sun 1 Mar 2015 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal