12/03/2015
An-diugh tha Magaidh Nic an Tà illeir ag innse mu Là nam Boireanach aig Cheltenham an dè. Maggie Taylor talks about Cheltenham Ladies Day.
An-diugh tha Magaidh Nic an Tà illeir ag innse mu Là nam Boireanach aig Cheltenham an dè. Saoil an robh a h-aire air na h-eich no air na trusgain is adan a bh'air daoine.
Chuala sinn aig toiseach na seachdain gun deach dithis luchd-turais Ameireaganach a chuir an grèim as dèidh dhaibh na h-ainmean aca a sgrìobhadh air ballaichean togalach a' Cholosseum anns an Ròimh. Foighnichidh sinn a bheil sinn a' toirt à ite agus urram gu leòr do thogalaichean agus là raichean eachdraidheil?
Agus tha Seonag Nic a' Ghobhainn air ais anns a' chidsin agus air chlà r aice an-diugh tha Cearc le liomaid agus mil agus Mìlsean Aran agus Ìm le liomaid agus spìosraich. www.bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Na reasabaidhean aig Seonag Nic a' Ghobhainn
Cearc le liomaid agus mil
Gritheidean a’ bhrìgheachaidh (marinade)
Rùsg liomaid air a sgrìobadh gu mìn agus an sùgh
2 spà in mhòr mil
¼ cupa ola a' chroinn-ola (extra virgin)
½ cupa duilleagan meannt air an gearradh mìn
Salann agus piobair
4 pìosan broilleach circe (gach fear air a ghearradh na thrì pìosan)
Measgaich na gritheidean airson a’ bhrìgheachaidh còmhla agus cuir ann na pìosan circe.
Cuir mullach air agus cuir dhan frids airson 10 mionaidean (no nas fhaide ma tha ùine agad).Â
Grilig a’ chearc air greideal theth airson 5 mionaidean gach taobh gus a bheil e air a dheagh chòcaireachd (na fà g air a’ ghreideal ro fhada e no fà saidh e tioram).Â
Cuir a' chearc air truinnsear le sailead no faodaidh tu ithe le sailead am broinn wraps.
Tha e math cuideachd math le spealgan buntà ta milis agus sailead.
Mìlsean Aran agus Ìm le liomaid agus spìosraich
Gritheidean
4 bonaich (hot cross)
200g crogan curd liomaid
2 ugh mòr
200 ml uachdar dùbailte
200 ml bainne
½ spà in teatha (vanilla extract)
4 spà inean mhòra siùcar (golden caster)
Suath ìm air bonn soitheach bèicearachd meud aon liotair.Â
Geà rr gach bonnach na thrì pìosan agus steig ri chèile iad le bhith a’ cuir curd liomaid eadar gach pìos. Cuir an uairsin dhan t-soitheach iad.Â
Measgaich trì de na spà inean shìucair, an còrr dhen churd agus na gritheidean eile còmhla agus dòirt air mullach nam bonnach.Â
Fà g am measgachadh aig ìre blais rùm airson 30 mionaid gum faigh na bonnaich deagh bhogadh.Â
Sgap an spà in mhòr mu dheireadh de shiùcair air uachdar a mheasgachaidh agus cuir dhan à mhainn airson 30-40 mionaid gus an stèidhich e.Â
Nuair a thig e a-mach às an à mhainn leig leis seasamh 5-10 mionaidean. Cuir ann am bobhlaichean le uachdar no bà rr-deigh vanilla.
Broadcast
- Thu 12 Mar 2015 12:33´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal