Main content
Còmhla ri Derek MacAoidh
Spòrs ionadail, nà iseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Derek MacAoidh. Local, national and international sport presented by Derek MacKay.
Derek MacAoidh le sùil air adhart gu Farpais Rugbaidh nan Sia Dùthchannan, le Alba aig Twickenham an aghaidh Sasainn; ball-coise agus Cuairt Dheireannach Cupa Lìog na h-Alba a' tachairt Là na Sabaid aig Hampden eadar Dundee Utd agus Celtic; an darna seachdain de sheusan an iomain; agus criogaid, snà mh agus F1 uile am measg spòrs na deireadh sheachdain.
Last on
Sat 14 Mar 2015
09:03
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Previous
Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley
An luib nan sgeulachdan a dh’fhosgail mu ar coinneamh aig Hampden Didòmhnaich seo chaidh, bha grunn rudan a bhuail ormsa thug a-steach orm cho cudromach ’s a tha e cumail a’ dol ann an saoghal spòrs an uair a tha e a’ faireachdain mar gum biodh an saoghal nad aghaidh.Â
Chan eil mi a’ bruidhinn an seo air Scott Brown a fhuair e fhèin an teas-meadhain connspaid à s dèidh do phà ipear-naidheachd 'tabloid' sgeulachd a ruith mu dheidhinn ’s e a rèir choltais, air cus òl ceithir latha ro chuairt dheireannaich Cupa an Lìog. Cha b’ e an rud as ciallaiche a rinn Brown riamh ach cha mhotha a rinn e cron sam bith. Bha dà latha dheth aige agus dh’fhaodadh tu a rà dh gu bheil e an urra ris fhèin dè a nì e na bheatha phrìobhaideach.Â
Tha sin uile fìor ach mar sgiobair Celtic agus Alba tha dleastanas air Brown cuideachd eisimpleir a thoirt seachad. Mura robh fios aig Brown air an sin tha deagh fhios aige air a-nis ach na bi a’ feuchainn ri innse dhomh gum bu chòir dha a bhith air a chasg agus crios an sgiobair a thoirt bhuaithe mar a bha cuid a’ moladh an t-seachdain seo chaidh. Nan robh Jock Stein air am prionnsabal sin a leantail bhiodh an dara leth dheth na 'Lisbon Lions' air a bhith a’ coimhead a’ ghèam an aghaidh Inter Milan bho oir na pà irce ann an 1967.
Ach ’s e deuchainn eile a bh’ ann dhan mhanaidsear ùr aig Celtic Ronny Deila agus dìreach mar a rinn Stein is liuthad manaidsear eile, chaidh an cronachadh a dhèanamh air cùl dorsan dùinte agus chaidh fhà gail aig an sin. Chan eil teagamh nach biodh e air teachdaireachd là idir a chur a-mach nan robh e air Brown fhà gail a-mach às an sgioba a chluich an aghaidh Dundee United, ach bhiodh e air sgaradh adhbhrachadh cuideachd agus cha bhiodh sin air a bhith math dhan sgioba no airson Deila.
’S e fìrinn na cùise gu bheil Brown air a bhith air cùl Deila bho thà inig e a-steach an à ite Niall Lennon agus air a bhith air leth cudromach ann a bhith a’ toirt feadhainn eile a bha teagmhach mu dhòighean an Nirribheach, leithid Kris Commons, leis. Chunnaic agus chuala mi fhèin sin bho chionn ghoirid an uair a bhruidhinn mi ri Commons às dèidh a bhith a’ coimhead Celtic a’ treà nadh aig Lennoxtown. Dh’aidich e gun robh duilgheadas aige le Deila an toiseach agus cha b’ e an aon fhear, ach mean air mhean le gèilleadh taobh seach taobh thà inig iad nas fhaisge air a chèile gu ìre far a bheil Commons a-nis a’ faicinn gu bheil Deila ceart ann a bhith a’ smaointinn gun urrainn dhan h-uile cluicheadair barrachd a dhèanamh gus iad fhèin a thoirt gu ìre nas à irde.
Bhiodh e air a bhith furasta do Deila na prionnsabalan aige a thilgeil an dara taobh sa rà dh, 'ok fhearaibh, dìreach cumaibh a’ dol mar a bha sibh a’ dèanamh roimhe,' ach mar a dh’aidicheadh e fhèin, tha mi an amharas nan robh e air sin a dhèanamh, bhiodh a cheart cho math dha a bhith air leum air a’ chiad phlèan dhachaigh a Nirribhidh. Cha do rinn e sin ge-tà agus tha e a-nis air a’ chiad dhuais a thogail mar mhanaidsear Celtic - rud a tha air barrachd ùghdarras a thoirt dha ann an sùilean nan cluicheadairean agus an luchd-taic. Tha cothrom aige a-nis eachdraidh a chosnadh dha fhèin ma ghlèidheas e na trì prìomh dhuaisean ro dheireadh na seusan oir chan eil manaidsear bho thall-thairis riamh air sin a dhèanamh aig Celtic, agus dìreach dithis eile roimhe, Stein (dà thuras) agus Mà rtainn O’Nèill ann an 2001.
Bha a’ chuairt dheireannach na chlach-mhìle chudromach dhan fhear-gleidhidh aig Celtic, Craig Gordon cuideachd. Cha choinnich thu ri mòran sa ghèam a tha cho dòigheil ri Craig agus tha e air a bhith duilich ga fhaicinn a’ strì thairis air an dà bhliadhna a bha e a-mach à s a’ ghèam. Bha dùil aig gu leòr gun robh a dhreuchd seachad à s dèidh a là mh a bhriseadh dà thuras agus trioblaidean le ghlùin aig Sunderland, ach a-rithist dhiùlt e leigeil seachad agus tha an obair chruaidh a-nis air pà igheadh dha ’s e air ais cho math sa bha e riamh.Â
Tha cuimhne agam an uiridh an uair a chluich e gèam air cùl dorsan dùinte mar dhòigh air e fhèin a dhearbhadh cho draghail ’s a bha e gun nochdadh an trioblaid le ghlùin a-rithist, ach gu fortanach cha robh dad ceà rr air an lathairne mhà ireach agus ghabh Celtic teansa le bhith a’ tairgsinn cùmhnant dha. Abair gun d’fhuair iad bargan agus am measg nan ìomhaighean a chunna sinn aig deireadh a’ ghèam cha robh gin a thog mo chridhe cho mòr ri Gordon agus an dithis nighean aige a’ dannsa air a’ phà irce. Mar a tha an seanfhacal ag rà dh gheibh foighidinn furtachd agus tha sin air a bhith fìor airson Ronny Deila agus Craig Gordon.
Mòran taing airson a h-uile duine a chuir fios thugam à s dèidh colbh na seachdain seo chaidh far an do thog mi ceist mu dheidhinn sgioba thaghte ball-coise nan Eilean Siar agus mar a tha iad air a bhith a’ seachnadh cothrom a thoirt dha na cluicheadairean as fheà rr an Uibhist sam Barraigh faighinn a-steach dhan sguad a thig gu Geamachan nan Eilean ann an Jersey.Â
Ged nach eil mi air guth a chluinntinn bhuapa gu pearsanta, tha fiosam gu bheil seo air draghan a thogail air taobh a-staigh Comann Gheamannan Eileanach nan Eilean Siar (WIIGA), ach mar a bhitheas mi tric ag rà dh ’s e an gnìomh a dhearbhas agus chaill an sgioba coidsidh Eric 'Strada' MacLeòid agus Magnus MacIain cothrom eile sùil a thoirt air cluicheadairean bho na h-Eileanan a Deas Disathairne seo chaidh an uair a ghlèidh Saints an Iochdair 8-2 an aghaidh sgioba Charlabhaigh. Mar a thurchair bha dithis a bh’ air dheuchainn aig Saint Mirren bho chionn ghoirid, Ally Downie agus Eòsaph MacAonghais am measg an fheadhainn a fhuair na tadhail air an latha. Math gu leòr airson cothrom fhaighinn aig sgioba ann am Prìomh Lìog na h-Alba ach a rèir choltais chan eil iad fhèin no leithid Harry Luney airidh air sùil a thoirt orra airson an sguad a thig gu Jersey. Annasach da-rìreabh.ÌýÌý
ÌýÌý

Cothrom caillte eile sùil a thoirt air cluicheadairean Uibhist is Bharraigh

Broadcast
- Sat 14 Mar 2015 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X
Spòrs ionadail, nà iseanta agus eadar-nà iseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gà idhlig