19/03/2015
An-diugh beachd air leabhar leis an sgrìobhdair ùr Laura Van Den Berg Find Me. A review of the book Find Me written by upcoming writer Laura van den Berg.
An-diugh beachd leabhar leis an sgrìobhdair ùr Laura Van Den Berg Find Me. 'Se sgeulachd ficsean a th'anns an leabhar mu bhoireanach a tha air dìon bho ghalair a tha a' bualadh air daoine eile. Tha Janice Ann NicAoidh air a bhith ga leughadh
Tha Seònag Nic a' Ghobhainn air ais anns a' chidsean agus an t-seachdain 'sa tha i a' dèanamh sailead le bradan teth air a smocadh le còmhdach tiolaidh agus liomaid. Cuideachd air a' chlà r bìdh aice tha cèic cà ise bun os cionn.
Agus cluinnidh sinn mun dheasachadh a tha a' dol aig Tursachan Challanish ma choinneamh dubhadh na grèine anns a mhadainn a-mà ireach agus dùil ris na ceudan aig an là rach bho uairean trà th na maidne.
bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Na reasabaidhean aig Seonag Nic a' Ghobhainn
Sailead le bradan smocte teth le sùgh saileid chilli agus liomaid
Gritheidean:
500g buntà ta ùr air an gearradh nan leth
200g cinn asparagus
250g pacaid duilleagan measgaichte
Bad parsley agus meannt air an gearradh mìn
140g meacan-ruadh (radish), air a ghearradh mìn
3-4 staoigean bradan smocte teth, leis an craiceann air a thoirt dheth
4 uinneanan-earraich air an gearradh tarsainn
Sùgh saileid (dressing):
3 spà in mhòr sùgh liomaid
125ml ola a' chroinn-ola (extra virgin)
1 spà in teatha mustard wholegrain
2 chilli dearg
Goil am buntà ta ann an uisge saillte airson 10 mionaidean gus a bheil iad air am bruich. Tilg an asparagus a-steach dhan phana airson an dà mhionaid mu dheireadh.
Dreà n an uisge bhuaithe agus fà g e airson fuarachadh.
Measgaich na gritheidean airson an sùgh saileid còmhla.
Measgaich am buntà ta, asparagus agus na duilleagan sailead còmhla ann am bobhla agus dòirt air 2-3 spà inean teatha de Sùgh saileid air agus measgaich gu math.
Cuir a h-uile cà il bhon bhobhla air truinnsear mòr. Bris an à rd am bradan agus sgap air muin an sailead còmhla ris na h-uinneanan-earraich.
Dòirt a chòrr dhen dressing air mullach a h-uile cà il.
Cèic-cà ise bun-os-cionn
30g ìm leaghte
2 unnsa briosgaidean digestive, air am pronnadh
200-250g sùghagan
4 spà in mhòr siùcar còmhdachaidh
200g pacaid cà ise bog (full-fat)
Craiceann air a sgrìobadh agus sùgh 1 liomaid
3-4 spà in mhòr bainne
Duilleagan meannt airson sgeadachadh
Teasaich an à mhainn gu 180C/Gas4.
Measgaich na briosgaidean pronn leis an ìm agus sgap air treidhe bèicearachd air a lìnigeadh le pà ipear.
Cuir dhan à mhainn airson 5-10 mionaidean gus am bi dath soillear donn air na briosgaidean. Thoir a-mach às an à mhainn iad agus leig leotha fuarachadh.
Cùm dhà no thrì sùghagan airson sgeadachadh aig an deireadh.
Dèan pronn an dà rna leth dhen a chòrr dhiubh le siùcar còmhdachaidh agus measgaich. An uairsin measgaich a-steach a chòrr de na sùghagan.
Roinn am measgachadh eadar 3-4 glainneachan, a-rèir cia mheud a tha thu a’ biathadh.
Measgaich an cà ise bog, an siùcar còmhdachaidh, an sùgh agus craiceann liomaid còmhla agus dòirt am bainne a-steach mar a tha feum air.
Roinn am measgachadh eadar na glainneachan air muin am measgachadh sùghagan aig bonn na glainneachan.
Crath am measgachadh bhriosgaidean air mullach sin agus sgeadaich am mullach leis na sùghagan mu dheireadh agus duilleagan meannt.
Broadcast
- Thu 19 Mar 2015 12:33´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal