17/04/2015
Tha Iain a' cuir fà ilt' air Calum Ros a chaidh a thogail an Glaschu 's aig am bheil freumhan san Eilean Sgìtheanach. With guest Calum Ross.
Dà uair a thìde de cheòl air leth agus còmhradh inntinneach còmhla ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. Tha 150 bliadhna ann bho chaidh Comunn Sgìtheanach Ghlaschu a stèidheachadh. Mar chomharra air a sin, còmhla ri Iain an t-seachdain sa bidh Calum Ros. B' e 'Calum Dhòmhnaill na Banrigh', à Flòdaigearraidh san Eilean Sgitheanach, athair Chaluim, agus b' ì Peigi Chaluim Stiùbhart à Ùige san Eilean, a mhà thair. Rugadh is thogadh Calum ann am Partaig, baile Ghlaschu. Suas gu 1954 bha e anns an arm airson Seirbheis Nà iseanta. Às dèidh a' Chogaidh chaidh e do dh'Oilthigh Ghlaschu, far an do cheumnaich e le M.A. Chaidh e gu Colaiste Chnoc Iòrdain airson trèanadh mar neach-teagaisg. Bha guth seinn a' ruith anns an teaghlach; bha athair Chaluim a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais Shaor Srà id Duke ann an Glaschu, agus bhiodh brà ithrean athair cuideachd a seinn. Bha brà thair a mhà thair, Aonghas, a' cluich na pìoba. Thòisich Calum fhèin a' cluiche na pìoba nuair a bha e mu dhusan bliadhna a dh'aois. Chaidh e na bhall de Chòisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn mu mheadhan nan trì ficheadan. Fhuair Calum Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an 1968 aig Mòd Dhùn Omhain, agus am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Pheairt, ann an 1980. Phòs Calum agus Iseabail NicFhearchair à Earra-Ghà idheal ann an 1977, agus tha triùir chloinne aca. Tha Calum fhathast dà latha san t-seachdain a' teagaisg Gà idhlig, agus uaireannan òrain, ann an Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Drà ma na h-Alba an Glaschu. Tha e cuideachd fhathast na bhall de Chòisir Bhaile Ghobhainn. Bidh e muigh air an raon goilf, co-dhiù aon uair san t-seachdain. Cluinnidh sinn seanchas Chaluim, a bharrachd air ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aige. Mar is à bhaist cuideachd, bidh roghainn math measgaichte de sheinneadairean is còmhlain air an liosta ciùil aig Iain fhèin. Tha iad sin uile air an taghadh eadar Americana, folk, ceòl Ceilteach is Country, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clà radh.
Last on
More episodes
Previous
Next
Music Played
-
Neil Campbell
SKYE PIONEERS
- AN T-EILEAN.
- MACMEANMNA.
- SKYECD-30.
-
Little Big Town
Pavement Ends
- Tornado.
- Wrasse Records.
- HHEAD 020.
-
Johnny Cash & June Carter Cash
BABY RIDE EASY
- Out Among the Stars.
- Columbia Legacy.
- 88843018192.
-
Dwight Yoakam
Dreams of Clay
- Second Hand Heart.
- Reprise / Via Records.
- 9362-49308-4.
-
Donald McInnes
SORAIDH UR UAM 'ON EILEAN
-
Loretta Lynn
YOUR SQUAW IS ON THE WARPATH
- The very best of Loretta Lynn.
- Spectrum Music.
- HMNCD013.
-
The Stargazers
THE HAPPY WANDERER
- THE VERY BEST OF THE STARGAZERS.
- DRESSED TO KILL.
- 1940111.
-
Chris Thile and The Punch Brothers & Dierks Bentley
Senor (Tales of Yankee Power)
- Up On The Ridge.
- Capital Records Nashville.
- HHEAD-009.
-
LeAnn Rimes
I CAN'T BE MYSELF
- LADY & GENTLEMEN.
- CURB RECORDS.
- 825646647521.
-
Paul Robeson
VOLGA BOAT SONG
- THE ESSENTIAL PAUL ROBESON.
- VANGUARD.
- VMCD-7303.
-
Chris Janson & Holly Williams
A Love I think will last
- Here With Me.
- Hump head.
- HUMP-052.
-
John Denver
Take Me Home Country Roads
- A Song's Best Friend: Very Best Of.
- BMG/RCA.
- 82876-652742.
-
Pipe Major Donald MacLeod
The Banks of Lochiel / The Harris Man's Hornpipe / Jack's Adrift
-
Sineag MacIntyre
Bean a Chotain Ruaidh
- LAITHEAN SGOILE.
- NA.
- *-1.
-
The Common Linnets
ARMS OF SALVATION
- The Common Linnets.
- Polydor.
- #3780095.
-
Alasdair Fraser
Nighean Donn A Chuailean Riomhaich
- Skyedance.
- Greentrax.
- CUL-101.
Iain ²Ñ²¹³¦'¾±±ô±ô±ð²Ñ³ó쳦³ó±ð¾±±ô agus Calum Ros
Broadcast
- Fri 17 Apr 2015 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal