Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Calum MacIllEathain, an Eaglais Shaor Leantainneach

Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC c貌mhla ris an Urr Calum MacIllEathain, an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic service with the late Rev Calum MacLean, Free Church Continuing.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 36:7-8 air fonn Torwood agus 's e Iain Mac脤omhair a tha os cionn na seinn, le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Bhaile a' Ghobhainn.
Salm 103:8-10 air fonn London New agus 's e D貌mhnall MacSuain a tha os cionn na seinn, le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 62: 7-8 air fonn Moravia agus 's e Aonghas MacSuain a tha os cionn na seinn, le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.

Leughadh: E貌in 1: 1-14
Ceann-teagaisg: E貌in 1: 14

Rugadh Mgr MacIllEathain ann an 1931 ann am baile Shiaboist. Fhuair e fhoghlam san sgoil ionadail gus an robh e ceithir bliadhna deug a dh'aois agus an uair sin chuir e seachad d脿 bhliadhna a' d猫anamh a Sheirbheis N脿iseanta aig Feachd an Adhair. Chaidh iompachadh sa bhliadhna 1952 's thog e fianais air taobh Chr矛osd' ann an 1953. D脿 bhliadhna 脿s d猫idh sin dh' fhairich e gu robh Dia ga ghairm chun na ministrealachd 's thill e dhan fhoghlam a' d猫anamh c霉rsa an toiseach ann an Colaiste Sgeiridh an D霉n 脠ideann eadar 1957 agus 1959. Chaidh e 脿s an sin a dh' Oilthigh Obar Dheathain mus deach e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an D霉n 脠ideann ann an 1961. Chaidh a ph貌sadh ri coitheanal Loch Carrain ann an 1965 agus ann an 1973 ghabh e ri gairm bho choitheanal Tholastaidh bho Thuath, an eilean 脿raich, far an robh e gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Bha Mgr MacIllEathain p貌sta 's bha tri霉ir nighean aige.

Nuair a leig e dheth a dhreuchd bha Mgr MacIllEathain air ais a' fuireach ann am baile 脿raich ann an Siabost. Bha 霉idh mh貌r aige ann a bhith a' siubhal, agus bhiodh e fh猫in 's a bhean a' falbh gu math tric - eadar a bhith tadhail air a' chlann-nighean aca san d霉thaich seo, gu bhith gabhail l脿ithean-saora thall thairis. Nuair nach biodh e a' siubhal, bha e ga chumail fh猫in gu math trang anns a' gh脿rradh a' f脿s lusan agus bha e gu math moiteil 脿s a chuid obrach.

Bh脿saich Mgr MacIllEathain air an 18 den Mhairt 2020 aig aois 89.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 10 May 2015 21:00
  • Sun 9 May 2021 21:00