24/05/2015
Sgeulachd eile bho Ruairidh mun teine mhòr agus tèile mu ghobha. Another story from Ruairidh about Will o' the Wisp.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 523
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 827
Duration: 05:00
Litir do Luchd-ionnsachaidh 827
An t-seachdain sa chaidh, dh’inns mi stòiridh à Uibhist mun ‘Teine Mhòr’ no ‘Teine Sionnachain’ agus mar a thà inig e gu bith. A-nise seo sgeulachd eile a bh’ aig na Gà idheil o shean, a’ mìneachadh an dearbh ghnothaich.
           O chionn fhada, bha gobha a’ fuireach ann an gleannan uaigneach. Bha bean is teaghlach aige. Bha e math air obair, ach bha an obair gann. Mar sin, cha robh airgead gu leòr aige.
           Aon bhliadhna, bha a’ chùis cho dona ’s gun robh an t-eagal air gum biodh a chlann a’ bà sachadh le cion a’ bhìdh. Thuirt e ris fhèin gun gabhadh e cuideachadh sam bith, eadhon ged a b’ ann bhon Droch Fhear a bhitheadh e.
           Latha a bha seo, bha an gobha ag obair sa cheà rdaich nuair a thà inig coigreach a-steach. Thuirt an coigreach ris, ‘Cha chreid mi nach eil do dhìol agad fhèin ri dhèanamh do bhean agus do chlann a chumail ann am biadh is aodach.’
           ‘Tha thu ceart,’ dh’aontaich an gobha.
           ‘Dè bheireadh tu do dh’fhear,’ dh’fhaighnich an coigreach, ‘a bheireadh dhut na mhiannaicheadh tu de dh’òr ’s de dh’airgead?’
           ‘Bheirinn rud sam bith a b’ urrainn dhomh,’ fhreagair an gobha.
           ‘Uill,’ thuirt an coigreach, ‘ma gheallas tu dhomh gum falbh thu còmhla rium bliadhna o mà ireach, bheir mi dhut de dh’òr ’s de dh’airgead na chumas tu fhèin agus do theaghlach cho math air ur dòigh ri Àrd-rìgh na h-Èireann.’ Agus mhìnich an coigreach don ghobha na bha e a’ dol a dhèanamh.
           ‘Nuair a chuireas tu do là mh nad phòcaid dheis, bidh i là n òir,’ thuirt an coigreach. ‘Agus nuair a chuireas tu do là mh nad phòcaid chlì, bidh i là n airgid. Ged a bhiodh tu a’ sìor thoirt an òir agus an airgid às do phòcaidean, bidh iad là n a h-uile uair a chuireas tu do là mhan annta.’
           Ach bha rabhadh aig a’ choigreach an cois na gheall e. ‘Na cuir bonn sam bith a thug thu às do phòcaidean air ais annta. Ma chuireas, bidh iad falamh an latha sin.’
           Cha robh an gobha cinnteach mun bhargan. ‘Tha an tairgse agad math,’ thuirt e, ‘ach an ceann latha is bliadhna, bidh e cruaidh leam dealachadh on bhean is on chloinn agam.’
           ‘Ach smaoinich,’ thuirt an coigreach. ‘Mus tig ceann na bliadhna, faodaidh tu pailteas de dh’òr ’s de dh’airgead a chur ma seach airson do mhnà ’s do chloinne. Cha bhi dìth orra.’
           Choimhead an gobha air casan a’
choigrich. Bha iad coltach ri ladhran muice. Bha e cinnteach gum b’ e an
coigreach an Droch Fhear. A dh’aindeoin sin, ghabh e ris an tairgse. Thuirt e
ris fhèin nach b’ urrainn dha a bhith cinnteach am biodh e beò an ceann
bliadhna. Agus nuair a thigeadh an Droch Fhear air a shon gun dèanadh e
rudeigin. ‘Cuiridh mi Dia eadar mi ’s e,’ thuirt e ris fhèin.
Faclan na Litreach
An Teine Mòr, Teine Sionnachain: ·É¾±±ô±ô-´Ç’-³Ù³ó±ð-·É¾±²õ±è; ³¦±ðà °ù»å²¹³¦³ó: smiddy; falamh: empty; bargan: bargain; tairgse: ´Ç´Ú´Ú±ð°ù.Ìý
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Sun 24 May 2015 22:29´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 27 May 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.