19/07/2015
Tha Ruaraidh MacIlleathain a' toirt thugainn litir mu Agairt neo-eismealachd nan Stà itean Aonaichte. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 531
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 835
Duration: 05:00
Neo-eisimeileachd nan Stà itean Aonaichte
‘Tha sinn dhen bheachd gu bheil na puingean fìrinneach seo follaiseach annta fhèin, gu bheil a h-uile duine air a chruthachadh co-ionann, gu bheil iad a’ faighinn chòirichean à raidh nach gabh à icheadh bhon Chruithear, agus am measg sin tha Beatha, Saorsa agus a bhith an tòir air Sonas.’ ’S dòcha gur e eadar-theangachadh truagh a rinn mi ach tha mi an dòchas gum bi cuid agaibh ag aithneachadh an teacsa thùsail – Agairt Neo-eisimeileachd nan Stà itean Aonaichte. B’ e Tòmas Jefferson prìomh ùghdar an teacsa.
           Chaidh a sgrìobhadh ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a sia (1776). San latha an-diugh bhiodh mòran ann am Breatainn a’ taobhadh leis na briathran sin. Bha na h-Ameireaganaich a’ strì an aghaidh aintighearnas Bhreatainn. Cò nar measg – co-dhiù am measg nan Gà idheal – a chanadh nach eil daoine air an cruthachadh co-ionann? Fà gaidh sinn an dà rna taobh an-drà sta nach robh Jefferson agus cà ch a’ gabhail a-steach còirichean nan trà illean dubha mar bu chòir agus mar sin gun robh beachd claon aig mòran aca air ‘co-ionannachd’.
           Cha b’ fhada gus an robh Breatainn air freagairt a thoirt seachad do na h-Ameireaganaich. Thà inig leabhran beag a-mach leis an tiotal mhòr: ‘The Rights of Great Britain Asserted against the Claims of America: Being an Answer to the Declaration of the General Congress’. Ge brìth dè tha sibh fhèin a’ smaoineachadh mu chòirichean Bhreatainn, tha an leabhran air a dheagh sgrìobhadh ann an deagh Bheurla.
           Carson a tha mi ag innse seo dhuibh? Uill, dh’ionnsaich mi o chionn ghoirid gun deach an leabhran a sgrìobhadh le Gà idheal! Fear a bha gu math ainmeil ann an mòran dùthchannan. Innsidh mi dhuibh cò bh’ ann aig deireadh na Litreach. ’S dòcha gun cuir e iongnadh air cuid agaibh.
           Anns an leabhran, tha an t-ùghdar a’ cur air adhart na h-argamaid gu bheil cumhachd air nach gabh smachd a thoirt anns a h-uile stà it san t-saoghal. Ann an Ìmpireachd Bhreatainn tha an cumhachd ‘far as sà bhailte a b’ urrainn a bhith’ ann an Rìgh, Cumantan is Morairean anns an Reachdadaireachd no Legislature.
           Bha na h-Ameireaganaich an aghaidh cìsean a phà igheadh mura biodh iad air an riochdachadh anns an Reachdadaireachd. Uill, nach èist sibh ris an argamaid an aghaidh sin. ‘Air a’ phrionnsapal seo,’ tha ùghdar an leabhrain ag rà dh, ‘cha mhòr gu bheil aon duine ann an còig air fhichead ann am Breatainn air a riochdachadh. A-mach à còrr is seachd millean, tha còir aig nas lugha na trì cheud mìle na buill pà rlamaid a thaghadh.’ Tha e ag rà dh – chan eil deamocrasaidh ceart againne (cha robh no aig na Ròmanaich) – mar sin, carson a bu chòir a leithid a bhith agaibh fhèin?!
           Tha e cuideachd ag rà dh – ‘don ùghdarras seo (ùghdarras na Reachdadaireachd) feumaidh an Ìmpireachd gu lèir a bhith a’ gèilleadh’. Dhòmhsa, mar dheamocratach anns an aonamh linn air fhichead, tha e piantail gun robh Gà idheal a’ cur seachad bheachdan mar sin. Ach sin mar a bha an saoghal.
           Agus cò e a sgrìobh an leabhran? Cò ach Seumas MacMhuirich à Bà ideanach (James MacPherson ann am Beurla) – am fear a bha connspaideach airson a bhith a’ cur seann dà in Oisein air beulaibh an t-sluaigh (mas fhìor). Bidh tuilleadh agam airsan an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: co-ionann: equal; ù²µ³ó»å²¹°ù: author; aintighearnas: tyranny; leabhran beag: pamphlet; a’ gèilleadh: yielding; Seumas MacMhuirich: James MacPherson; µþà ¾±»å±ð²¹²Ô²¹³¦³ó: µþ²¹»å±ð²Ô´Ç³¦³ó.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Tha sinn dhen bheachd gu bheil na puingean fìrinneach seo follaiseach annta fhèin: we hold these truths to be self-evident; gu bheil iad a’ faighinn chòirichean à raidh nach gabh à icheadh bhon Chruithear: that they are endowed by their Creator with certain unalienable rights; Beatha, Saorsa agus a bhith an tòir air Sonas: Life, Liberty and the Pursuit of Happiness; Agairt Neo-eisimeileachd nan Stà itean Aonaichte: The American Declaration of Independence; nach robh X a’ gabhail a-steach còirichean nan trà illean dubha: that X weren’t considering the rights of the negro slaves; gun robh beachd claon aig mòran aca air ‘co-ionannachd’: that many of them had a partial view of ‘equality’; ge brìth dè tha sibh fhèin a’ smaoineachadh mu chòirichean Bhreatainn: whatever you think of the rights of Britain; gu bheil cumhachd air nach gabh smachd a thoirt anns a h-uile stà it san t-saoghal: a supreme power exists in every state in the world; an aghaidh cìsean a phà igheadh mura biodh iad air an riochdachadh: against paying taxes if they weren’t represented; cha mhòr gu bheil aon duine ann an còig air fhichead air a riochdachadh: scarce one in twenty five of the people is represented; tha còir aig nas lugha na trì cheud mìle na buill pà rlamaid a thaghadh: less than three hundred thousand have a right to choose members of parliament; carson a bu chòir a leithid a bhith agaibh fhèin?!: why should you have the like?!; dhòmhsa, mar dheamocratach anns an aonamh linn air fhichead: for me, as a democrat in the 21st century.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: tha an cumhachd ‘far as sà bhailte a b’ urrainn a bhith’ ann an Rìgh, Cumantan is Morairean anns an Reachdadaireachd: the power is ‘where it is most safe’ vested in King, Commons and Lords in the Legislature. Reachdadaireachd might seem to be a bith of a ‘made-up’ word (although no different from ‘legislature’ in that regard) but it is based on the old word reachd ‘law, statute, right, rule, command’ (related to the Latin rectum, regulus, English right, rule). Reachdas is ‘legislation’, reachdail means ‘legal, regular’ and bun-reachd means ‘constitution’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: connspaideach airson a bhith a’ cur seann dà in Oisein air beulaibh an t-sluaigh (mas fhìor): controversial for giving the populace access to the ancient poems of Ossian (if you can believe that).
Broadcasts
- Sun 19 Jul 2015 22:29´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Jul 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.