06/09/2015
Tha litir na seachdain 'sa a' coimhead air dualchas Gà idhealach sgìre Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 538
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 842
Duration: 05:00
Litir 842: Srath Àrdail (1)
Bidh mi a’ ruith chùrsaichean co-cheangailte ri nà dar agus dualchas nan Gà idheal ann an à ite ann an Siorrachd Pheairt. ’S e Ionad Eòlas-nà dair Cheann Drogain a th’ air an à ite mar ainm agus tha e suidhichte ann an Srath Àrdail eadar Baile Chloichridh agus Cill Mhìcheil.
           Mus do thòisich mi aig Ceann Drogain, cha b’ aithne dhomh cus mu Shrath Àrdail. Bha mi na b’ eòlaiche air an ath ghleann gu sear – Gleann Sìth. Ach mar a bu mhotha a rinn mi rannsachadh air Srath Àrdail, ’s ann a bu mhotha a thug mi an aire gu robh dualchas là idir Gà idhealach aig an sgìre. ’S iomadh sgeulachd a th’ ann mu a deidhinn agus bu mhath leam tè dhiubh sin aithris dhuibh an-drà sta. Chan eil mi ag rà dh, ge-tà , gu bheil i a’ riochdachadh na fìrinn!
           Faisg air Ceann Drogain, tha baile beag ann air a bheil An t-Aonach Dubh mar ainm. Ann an sin, tha clach a tha a’ comharrachadh uaigh aig fear Àrdal a thug ainm don t-Srath. A rèir beul-aithris, chaidh Àrdal a mharbhadh an sin ann an cath an aghaidh feachd de Dhà naich.
           Bha triùir bhrà ithrean ann agus b’ e Àrdal am fear a bu shine dhiubh. Thug na gaisgich seo an ainmean don sgìre a bha iad a’ riaghladh. Agus bha an ainmean co-cheangailte ris an fhacal ‘fuil’.
           B’ e ‘Àrd-fhuil’ no ‘noble blood’ am fear a bu shine. Tha sinn eòlach air an-diugh mar Àrdal, agus b’ ann leis-san a bha Srath Àrdail. B’ e an dà rna brà thair ‘Ath-fhuil’ no ‘next blood’ agus bha esan a’ riaghladh ann an Athall. Agus b’ e an treas fear ‘Teth-fhuil’ no ‘hot blood’ aig an robh smachd air Teimhil (no Strath Tummel).
           Thug Teth-fhuil ainm do dh’Uisge Teimhil – the River Tummel – anns an dòigh seo. Bha e fhèin is companaich an sàs ann a bhith a’ togail creach air latha fuar geamhraidh. Bha tuil san abhainn agus bha cnapan mòra deighe a’ falbh leis an t-sruth. Bha a chompanaich dhen bheachd gun robh e ro chunnartach a dhol a-null. Ach bha an ceannard cho ‘teth na fhuil’ ’s nach robh e airson èisteachd riutha. Dh’fheuch e ri snà mh a-null. Ach bhuail pìos mòr deighe ann agus chaidh e fodha. Bha e air a bhà thadh anns an abhainn.
           Mus d’ fhuair Àrdal bà s, bha ainm eile air Srath Àrdail. B’ e sin Srath Mòr na Muice Brice. Bha muc mhòr fhiadhaich a’ fuireach ann uaireigin. Bha saobhaidh aice aig Sròn na Muice. Agus bha i a’ dèanamh sgrios air an à ite.
           Ach bha sgrios na bu mhiosa a’ tighinn – na Dà naich. Aig an à m sin, bha tursa – clach mhòr sheasaimh – aig an Aonach Dhubh. Tha i ann fhathast. Bha na h-Albannaich am falach air tulach faisg air an tursa. Bha na Dà naich a’ caismeachd gu tuath anns an t-srath. Nuair a rà inig iad an tursa, thug na h-Albannaich ionnsaigh orra.
           Bha cath mòr ann agus chaidh na Dà naich a ruagadh. Lean Àrdal agus fear eile orra ach chaidh iad ro fhaisg. Thionndaidh na Dà naich orra agus mharbh iad Àrdal agus a charaid. Chaidh an dithis a thiodhlacadh faisg air an tursa fo leac mhòr. ’S e Uaigh Àrdail a chanas daoine ris an à ite sin an-diugh, ged as e ‘Giant’s Grave’ a chithear air mapaichean an t-Suirbhidh Òrdanais.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Siorrachd Pheairt: Perthshire; Srath Àrdail: Strathardle; Baile Chloichridh: Pitlochry; Cill Mhìcheil: Kirkmichael; Ceann Drogain: Kindrogan; An t-Aonach Dubh: Enoch Dhu; triùir bhrà ithrean: three brothers; saobhaidh: den; a’ caismeachd: ³¾²¹°ù³¦³ó¾±²Ô²µ.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: cha b’ aithne dhomh cus: I didn’t know too much; na b’ eòlaiche air an ath ghleann gu sear – Gleann Sìth: more familiar with the next glen to the east – Glenshee; mar a bu mhotha a rinn mi rannsachadh air X, ’s ann a bu mhotha a thug mi an aire gu robh dualchas là idir Gà idhealach aig an sgìre: the more that I researched X, the more that I noticed that the area has a strong Gaelic heritage; ’s iomadh sgeulachd a th’ ann mu a deidhinn: there are many stories about it [fem]; clach a tha a’ comharrachadh uaigh: a stone that marks a grave; cath an aghaidh feachd de Dhà naich: a battle against a force of Danes; a’ riaghladh ann an Athall: ruling in Atholl; bha tuil san abhainn: there was a flood in the river; bha cnapan mòra deighe a’ falbh leis an t-sruth: big blocks of ice were moving with the current; gun robh e ro chunnartach a dhol a-null: it was too dangerous to cross; ’s nach robh e airson èisteachd riutha: that he didn’t want to listen to them; bhuail pìos mòr deighe ann agus chaidh e fodha: a large block of ice hit him and he went under; bha e air a bhà thadh: he was drowned; Srath Mòr na Muice Brice: the large strath of the speckled pig; clach mhòr sheasaimh: a large standing stone; bha na h-Albannaich am falach air tulach: the Scots were hidden on a hillock; chaidh na Dà naich a ruagadh: the Danes were routed; chaidh an dithis a thiodhlacadh fo leac mhòr: the pair were buried under a large slab.
Puing-chà nain na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: b’ e Àrdal am fear a bu shine dhiubh: Ardle was the eldest of them.
Broadcasts
- Sun 6 Sep 2015 22:31´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 9 Sep 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.