Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Coinneach Stiùbhart, an Eaglais Shaor 1994 1/2

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, an Eaglais Shaor 1994. Gaelic archive service from 1994 conducted by Rev Kenneth Stewart, Free Church Minister.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 16: 8-9 air fonn Kilmarnock agus 's e Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chàrlabhaigh
Salm 31: 23-24 air fonn St David agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Chnuic

Leughadh: Iosua 3: 1-17
Ceann-teagaisg: Iosua 3

Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thàinig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e ochd bliadhna deug.
Fhuair e foghlam ann an Bun-Sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Glaschu. Bha e roimhe sin na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 15 Nov 2015 21:00
  • Sun 5 Jan 2020 21:00