17/01/2016
Tha Ruaraidh ag innse mu eachdraidh dreuchd Cruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba. Ruaraidh MacLean takes a look at the history of the role of geographer royal for Scotland.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 557
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 861
Duration: 05:00
Litir 861: Raibeart Sibbald
As t-fhoghar an-uiridh chaidh urram sònraichte a bhuileachadh air an Àrd-ollamh Teà rlach Withers. Tha e na à rd-ollamh de Chruinn-eòlas ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Chaidh ainmeachadh an-uiridh mar Chruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nise, cha robh a leithid againn airson greis mhòr. Am fear mu dheireadh a bha na Chruinn-eòlaiche Rìoghail, bha an t-urram air a bhuileachadh air leis a’ Bhanrigh Bhictoria. Cha b’ ann an-dè a bha sin!
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Dè bhios Cruinn-eòlaiche Rìoghail a’ dèanamh? Uill, bidh e na thosgaire airson Cruinn-eòlas aig ìre nà iseanta agus eadar-nà iseanta. Faodaidh e a bheachd a thoirt air blà thachadh na cruinne, goireasan siubhail, mapaichean, in-imrich, teagasg cruinn-eòlais agus eile. Agus cha dèan e cron air a’ Ghà idhlig gu bheil an inbhe sin air Teà rlach Withers. Tha e gu math fiosrachail mu eachdraidh agus cruinn-eòlais a’ chà nain. ’S e a sgrìobh an leabhar ‘Gaelic in Scotland 1698-1981: The Geographical History of a Language’.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chaidh an dreuchd – Cruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba – a chruthachadh o chionn còrr is trì cheud bliadhna nuair a bha Teà rlach II air a’ chathair rìoghail. B’ e a’ chiad duine san dreuchd Sir Raibeart Sibbald. Bhuineadh Sibbald do Dhùn Èideann agus dh’èirich e gu bhith na Àrd-ollamh (a’ chiad fhear) ann an Eòlas-leigheis ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Bha e am measg stèidheadairean na dà chuid – Colaiste Rìoghail nan Lighichean ann an Dùn Èideann agus an Lios Luibheach Rìoghail anns an aon bhaile. Bha ùidh agus eòlas aige air lusan, ainmhidhean, eachdraidh – agus cruinn-eòlas.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ann an sia ceud deug, ochdad ’s a dhà (1682), chaidh an tiotal Cruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba a bhuileachadh air. Bhathar an dùil gun sgrìobhadh Sibbald trì leabhraichean. Bhiodh a’ chiad fhear – Scotia Illustrata – mu dheidhinn nà dar. Agus bhiodh dà leabhar ann mu chruinn-eòlas – Scotia Antiqua agus Scotia Moderna. Tuigidh sibh fhèin an diofar eatarra! Ach, gu mì-fhortanach, ’s e Scotia Illustrata a-mhà in a thà inig a-mach ann an clò. Chleachd feadhainn eile obair Sibbald, ge-tà , mar bhun-stèidh do na leabhraichean aca fhèin.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Rinn Sibbald aon rud a tha fìor chudromach dhuinn an-diugh. Fhuair e grèim air cuid de na mapaichean a rinn Timothy Pont aig deireadh an t-siathamh linn deug. Chaidh na pà ipearan aige, agus stuth Phont nam measg, do Leabharlann an Luchd-tagraidh nuair a chaochail e agus mar sin tha iad againn ann an Leabharlann Nà iseanta na h-Alba. Abair gu bheil iad prìseil!
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Mar a bha mi ag rà dh, bha ùidh mhòr agus ùghdarras mòr aig Sibbald a thaobh nà dar. Rinn e a’ chiad thuairisgeul saidheansail dhen mhuic-mhara ghuirm. Chaidh an creutair – am fear as motha san t-saoghal – ainmeachadh an toiseach mar Sibbaldus. An-diugh tha e anns an genus Balaenoptera. Tha genus luis ann air a bheil Sibbaldia. ’S e sin an t-ainm a th’ air iris bhliadhnail a tha Lios Luibheach Rìoghail Dhùn Èideann a’ foillseachadh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus tha sin gam thoirt gu rudeigin nach eil cho math a rinn Raibeart Sibbald. Co-dhiù bidh daoine ga choireachadh air a shon. Tha eun air am bi sibh eòlach, ma tha sibh air a bhith a’ coiseachd nam beann ann an Alba – an ³Ùà °ù³¾²¹³¦³ó²¹²Ô no tormachan. Tha an t-ainm ciallach. Ach cha do thuig Sibbald gur ann bhon Ghà idhlig a thà inig ainm Beurla an eòin. Agus sgrìobh e e le ‘p’ aig an toiseach – ptarmigan. ’S iomadh rud math a rinn e, ach cha b’ e sin fear dhiubh!
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: cruinn-eòlas: geography; Cruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba: Geographer Royal for Scotland; tosgaire: ambassador; in-imrich: immigration; inbhe: status; dh’èirich e: he rose; Colaiste Rìoghail nan Lighichean: The Royal College of Physicians; Lios Luibheach Rìoghail: The Royal Botanic Gardens; Leabharlann an Luchd-tagraidh: The Advocates’ Library; Leabharlann Nà iseanta na h-Alba: The National Library of Scotland; iris: magazine. ÌýÌý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: As t-fhoghar an-uiridh: in autumn last year; chaidh urram sònraichte a bhuileachadh air an Àrd-ollamh Teà rlach Withers: a special honour was bestowed upon Professor Charles Withers; faodaidh e a bheachd a thoirt air blà thachadh na cruinne: he can give his opinion on global warming; nuair a bha Teà rlach II air a’ chathair rìoghail: when Charles II was on the throne; am measg stèidheadairean na dà chuid: among the founders of both; bha ùidh agus eòlas aige air: he had an interest in, and knowledge of; bhathar an dùil gun sgrìobhadh Sibbald trì leabhraichean: it was expected that Sibbald would write three books; tuigidh sibh fhèin an diofar eatarra: you (yourself) will understand the difference between them; ’s e X a-mhà in a thà inig a-mach ann an clò: it was only X that was published [came out in print]; mar bhun-stèidh do na leabhraichean aca fhèin: as a basis for their own books; aig deireadh an t-siathamh linn deug: at the end of the sixteenth century; abair gu bheil iad prìseil: they are really valuable; a’ chiad thuairisgeul saidheansail dhen mhuic-mhara ghuirm: the first scientific description of the blue whale; bidh daoine ga choireachadh air a shon: people blame him for it; ’s iomadh rud math a rinn e, ach cha b’ e sin fear dhiubh: he did many good things but that wasn’t one of them.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ³Ùà °ù³¾²¹³¦³ó²¹²Ô no tormachan: the Wester Ross form of ³Ùà °ù³¾²¹³¦³ó²¹²Ô – tormachan – gives us an indication of the origin of the bird’s name. It is based on torm ‘murmur’, a description of the bird’s call. It is one of the evocative sounds of our high mountains! Robert Sibbald gave it a pseudo-Greek flavour by writing it ‘ptarmigan’ in English, even though old Scots forms have it starting with a ‘t’. Thus we are stuck with what appears to be an etymological anomaly. The bird has a few other names, some of them evocative and relating to its turning white and living above the snowline in winter – gealag-bheinne, eun-bà n an t-sneachda, sneachdag and sneachdaire. Two other names given by Dwelly defy my attempts at an etymology – smachdair and smachdan. Any thoughts?
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Cha b’ ann an-dè a bha sin: that wasn’t yesterday.
Broadcasts
- Sun 17 Jan 2016 22:29´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Jan 2016 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.