Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn, Did貌mhnaich Slat Phailm 2001

Seirbheis Did貌mhnaich Slat Phailm bho 2001 c貌mhla ris an Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn. Palm Sunday service from 2001 with Rev Angus Smith, retired oil industry chaplain.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 65: 4-5 air fonn Kilmarnock agus 's e D貌mhnall MacLe貌id a tha os cionn na seinn
Salm 78: 52-53 air fonn St David agus 's e Fionnlagh D貌mhnallach a tha os cionn na seinn.
Salm 73: 24-25 air fonn Stornoway agus 's e D R D貌mhnallach a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chl脿radh ann an Eaglais Shaor Ste貌rnabhaigh.

Leughadh: L霉cas 28-40
Ceann-teagaisg: L霉cas 19: 38

Tha Mgr Mac a' Ghobhainn air a dhreuchd a leigeil dheth an-diugh ach 's ann aig an arm a chuir e seachad a' chuid bu mhotha de mhinistrealachd. Bha e a' frithealadh r猫isimeidean leithid R猫isimeid na Banrigh anns a' Ghearmailt, 脠irinn a Tuath, agus na h-Eileanan Falkland agus bha e cuideachd na thaic aig r猫isimeidean air feadh na d霉thcha eadar Sasann is Alba. Bho 脿m gu 脿m bhiodh e a' dol c貌mhla ri seann saighdearan agus bhiodh e os cionn seirbheisean cuimhneachaidh anns an Fhraing agus 脿iteachan eile. Dh'fh脿g e an t-arm san L霉nastal 1991.

'S ann do sg矛re Che貌is air na Lochan ann an Le貌dhas a bhuineas Mgr Mac a' Ghobhainn. Chaidh e gu Bun-Sgoil Chnoc Iain Duibh, 脌rd-Sgoil MhicNeacail agus gu Oilthighean Ghlaschu agus Obar Dheathain.

Chaidh a ph貌sadh ri cl猫ir Uibhist agus bha e a' frithealadh coitheanal Bheinn a' Bhadhla, far an robh e cuideachd na mhinistear aig ionad an airm, mas deach e a fhrithealadh r猫isimeidean thall sa bhos chun L霉nastal 1991.

M矛os 脿s d猫idh dha an t-arm fh脿gail th貌isich Mgr Mac a' Ghobhainn na mhinistear-cuideachaidh aig gn矛omhachas na h-ola far an robh e st猫idhichte ann an Obar Dheathain. Bha an obair aige mar mhinistear-cuideachaidh ga thoirt a-mach gu cruinn-ola sa Chuan a Tuath agus ann am B脿gh Poll a' Ghr霉thain a latha agus a dh'oidhche. 'S iomadh Nollaig a chuir e seachad air cl脿r-ola ann an droch sh矛de c貌mhla ris an luchd-obrach. Bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd anns a' Mh脿rt 2006.

Tha Mgr Mac a' Ghobhainn a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth, uill gu 矛re co-dhi霉! Tha e nise a' fuireach ann an D霉n 脠ideann, ach tha obair na ministrealachd fhathast ga chumail trang eadar a bhith searmonachadh anns a' Gh脿idhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an D霉n 脠ideann agus a' d猫anamh sheirbheisean fhathast airson an airm agus a' toirt taic dhaibhsan a tha air fulang air sg脿th a bhith san arm no tha air buill dhen teaghlaichean a chall ri linn 's gu robh iad anns an arm.

Nuair a bhios 霉ine aige dha fh猫in bidh e a' cur seachad t貌rr 霉ine c貌mhla ri theaghlach. Tha ceathrar mhac aige fh猫in, 's a bhean, Seonag, a bh脿saich an-uiridh. Bidh e cuideachd a' cur seachad t貌rr 霉ine a' leughadh - gu h-脿raidh leabhraichean air diadhachd - a' tadhal air an leabharlann agus ann an ionadan ealain. Tha 霉idh mh貌r aige ann an ce貌l bho phuirt-a-beul gu ce貌l clasaigeach agus a bharrachd air an sin is toigh leis a bhith a' tadhal air eaglaisean, a' sreap bheanntan agus a' cumail s霉il air a' mhuir. D猫 eile a sh霉ilicheadh tu bho eileanach!

30 minutes

Broadcast

  • Sun 20 Mar 2016 21:00