Episode 29
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDh貌mhnaill. Events from the last three weeks 100 years ago in the First World War.
Tha measgachadh naidheachdan bhon taigh agus bhon chogadh aig Gilleasbug MacDh貌mhnaill dhuinn an t-seachdain sa. Air a' 4mh dhen Mh脿irt 1916 thill an soitheach cogaidh Gearmailteach Moewe gu port ann am Bremen. B' e seo an soitheach a bh'air sreath de mh猫innean a chur anns a' Chaol Arcach aig deireadh 1915 agus air an long-chogaidh Breatannach HMS King Edward V11 a chur fodha. Uile gu l猫ir ghlac i coig soitheach deug a' cur tr矛 deug dhiubh fodha agus cha b'e ruith ach leum leis na meadhanan Gearmailteach a' cur meal a naidheachd air a' chriutha.
Agus air an aon latha, nochd litir annasach sa Highland News a' freagairt gearain mu phr矛s an arain ann an Ste貌rnabhagh agus moladh gum bu ch貌ir luchd-sgr霉daidh a thoirt a-steach airson cuideam an arain a thomhas.
Air an 12mh den Mh脿irt 1916 choinnich ceannardan airm nan d霉thchannan Co-ch貌mhraigeach a-rithist ann an Chantilly san Fhraing gus beachdachadh air ionnsaighean samhraidh air an Somme agus taobh sear na Roinn E貌rpa. Agus le dearbhadh aig toiseach a' Mh脿rt gum biodh fir singilte eadar 18 is 41 air an togail dhan arm gus sabaid sa chogadh fo Achd Seirbheis an Airm, nochd fiosrachadh ann am p脿ipearan-naidheachd ionadail aig deireadh na seachdain sa, an Ross-shire Journal nam measg, ag innse gum biodh s霉il as 霉r ga thoirt air na dreuchdan nach fheumadh a dhol dhan arm. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig c貌 air a bha iad ag amas.
Agus mar a bha an cogadh a dol air adhart bha cuideam a' tighinn air an t-sluagh aig an taigh taic a chumail ris ann an iomadh diofar dh貌igh. 'S e p矛ob mh貌r a bha na balaich Gh脿idhealach sa champa an Groningen ag iarraidh air daoine a chuir thuca agus dhan a' ch貌rr 's e toitean air a robh iad a' cur meas.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 28 Mar 2016 12:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Mon 28 Mar 2016 22:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 3 Apr 2016 12:59大象传媒 Radio nan G脿idheal