An t-Urramach Calum D貌mhnallach, Eaglais Chalanais
Seirbheis c貌mhla ris an Urr Calum D貌mhnallach, Eaglais Shaor Chalanais. Gaelic religious service conducted by Rev Calum MacDonald, Callanish Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 80: 1-2 air fonn Evan agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Free North ann an Inbhir Nis.
Salm 85: 7-8 air fonn Bangor agus 's e Coinneach MacLe貌id a tha os cionn na seinn agus Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus Aonghas D貌mhnallach os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chl脿radh ann an Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Ste貌rnabhagh.
Leughadh: E貌in 10: 1- 42
Ceann teagaisg: E貌in 10:28
Thogadh Mgr D貌mhnallach ann am baile Shiaboist, air Taobh Siar Le貌dhais. 脌s d猫idh dha an sgoil fh脿gail fhuair e obair ann am Muileann a' Chl貌 Hearaich a bha anns a' bhaile agus lean e air ag obair ann an sin son naoi bliadhna. 'S ann 脿s an aon bhaile a tha a bhean aige Mairead agus tha dithis chloinne aca - Aonghas, a tha na shaor ann an Glaschu agus Anna, a tha na banaltram ann an Inbhir Nis. 'S ann an uair a bha e tr矛 bliadhna air fhichead a chaidh Mgr D貌mhnallach iompachadh agus bliadhna no dh脿 脿s d猫idh sin dh'fhairich e gairm chun na ministrealachd. Chaidh e air ais gu foghlam aig 脿rd-矛re agus gu ruige Oilthigh Obar Dheathain far an do rinn e MA. 脌s an sin chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig an Eaglais Shaor ann an D霉n 脠ideann. B' ann gu sg矛re na P脿irce a chaidh e an toiseach na mhinistear agus bha e an sin son seachd bliadhna. 脌s an sin ghluais e a Chalanais far a bheil e air a bhith airson c貌ig bliadhna deug. Nuair a gheibh e 霉ine dha fh猫in airson beagan cur- seachadan a dh猫anamh is toil leis a bhith ruith chaorach, n矛 anns a bheil tlachd air a bhith aige bho l脿ithean 貌ige. Tha Mgr D貌mhnallach cuideachd na iar-chathraiche air comataidh sti霉iridh Ionad C霉raim Bhethesda ann an Le貌dhas.
Last on
An t-Urramach Calum D貌mhnallach
Broadcasts
- Sun 24 Apr 2016 09:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 24 Apr 2016 15:00大象传媒 Radio nan G脿idheal