15/05/2016
Anns an litir do luchd-ionnsachaidh, bidh Ruairidh MacIlleathain ag innse dhuinn mu Bhliadhna nan Luch ann an Alba Nuadh ann an 1815. Another story from Ruaraidh MacIlleathain.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 574
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 878
Duration: 05:00
Litir 878: Bliadhna nan Luch
Bha mi ag innse dhuibh mu Bhliadhna nan Caorach. Ach cuin a bha Bliadhna nan Luch? Cha chuala sibh riamh oirre? Uill, gu o chionn ghoirid, cha chuala no mise.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý B’ e Bliadhna nan Luch – the year of the mice – ochd ceud deug is còig-deug (1815). Ach cha robh i aithnichte mar sin ann an Alba. Bha, ge-ta, ann an Alba Nuaidh ann an Canada. Anns a’ bhliadhna sin, nochd an t-uabhas de luchan. Bha iad nam plà igh. An toiseach, anns a’ Mhà rt, nochd seòrsa a bha mòr agus car tapaidh, le earball geà rr. Cha robh fios aig duine cò as a thà inig iad no carson a bha iad cho pailt.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý An toiseach bha iad cho lìonmhor ʼs gun robh iad a’ cruadhachadh an t-sneachda len casan. Agus cho luath ʼs a bha a’ chruithneachd air fà s suas, agus ceann math oirre, fhuair na tuathanaich a-mach gun robh na luchan air sgrios a dhèanamh air na freumhaichean. Ach gu h-annasach, nochd seòrsa eile de luch, a bha na bu lugha na ʼn tè mhòr, agus thòisich an dà sheòrsa air sabaid le chèile, agus lughdaich sin na h-à ireamhan de na dhà .
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chaidh dà n a sgrìobhadh ann an Gà idhlig mu dheidhinn Bliadhna nan Luch, oir tuigidh sibh gun tug na creutairean beaga sin droch bhuaidh air na daoine. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh:
Ìý
Is iomadh creachadair an taobh-sʼ
Am measg na tuathadh:
Mathain, marsantan is maoir,
A’ sìor thoirt uatha:
Tha luchaidhean ann cho lìonmhor
ʼS nach fhà g iad sìol air bà rr sguaibe;
Is am beagan a thèid fo dhìon dheth
Is bochd a bhrìgh ’n à m a’ bhualaidh.
Ìý
Chan eil fios le cinnt cò am bà rd a sgrìobh an dà n ach nochd e fon ainm pinn ‘I.P.’ anns an iris ‘An Cuairtear Òg Gà idhealach’ anns a’ Mhà rt ann am Bliadhna nan Luch. ʼS dòcha gur e fear a bh’ ann – Iain ‘Pìobaire’ MacGhilleBhrath.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha am bà rd a’ leantainn leis a’ chà ineadh. Anns an ath earrainn, tha e a’ guidhe bà s air na luchan agus tha e ag ainmeachadh Àirc Nòa:
Ìý
Mallachd bhuan o shluagh gach dùthcha
Lughdachadh cunntais an t-seòrs’ ud;
Neasgaidean, cait, clamhain, dùldachd,
Bàs is fanntachadh ʼs gach dòigh dhuibh;
Is leibh gamhlas uile shliochd Adhaimh
ʼS chan eil bà igh aig neach a tha beò ribh,
Is duilich leam nach deach ur bà thadh
Mun d’ fhuair sibh san Àirc aig Nòa.
Ìý
Tha sin car cruaidh air na creutairean beaga, nach eil? Chan eil bà igh aig duine beò riutha. Agus – is duilich leam nach deach ur bà thadh mun d’ fhuair sibh san Àirc aig Nòa. Tha an t-ùghdar ag rà dh gum b’ fheà rr leis gun robh na luchan air am bà thadh leis an tuil mhòir mus d’ fhuair iad cothrom a bhith air an sà bhaladh le Nòa.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chan eil fhios a’m cia mheud duine a tha a’ cuimhneachadh Bliadhna nan Luch an-diugh ach ʼs e Mìcheal Newton a thug a’ chùis gu m’ aire-sa. Tha cunntas aige mun dà n seo anns an leabhar aige a thà inig a-mach an-uiridh – ‘Seanchaidh na Coille: The Memory-Keeper of the Forest’. ʼS e a th’ ann cruinneachadh de litreachas Chanada ann an Gà idhlig. Tha an leabhar tomadach agus là n neamhnaidean culturach. Agus tha e a’ dearbhadh cho prìseil ʼs a tha dualchas Gà idhlig Chanada. Innsidh mi tuilleadh mun leabhar seo an-ath-sheachdain.Ìý
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Bliadhna nan Luch: The Year of the Mice; ±ôì´Ç²Ô³¾³ó´Ç°ù: plentiful; mallachd: a curse; ²úà ¾±²µ³ó: affection; tuil: flood. Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: gu o chionn ghoirid, cha chuala no mise: until recently, neither had I [heard of it]; ann an Alba Nuaidh: in Nova Scotia; bha iad nam plà igh: they were a plague [and extremely annoying]; seòrsa a bha mòr agus car tapaidh, le earball geà rr: a type that was big and somewhat robust, with a short tail; a’ cruadhachadh an t-sneachda len casan: packing down the snow with their feet; cho luath ʼs a bha a’ chruithneachd air fàs suas: as soon as the wheat had grown up; gun robh na luchan air sgrios a dhèanamh air na freumhaichean: that the mice had damaged the roots; lughdaich sin na h-à ireamhan de na dhà : that lowered the numbers of both; is iomadh creachadair an taobh-sʼ: there are many plunderers over here; am measg na tuathadh: among the farmers; mathain, marsantan is maoir: bears, merchants and bureaucrats; a’ sìor thoirt uatha: constantly taking from them; nach fhà g iad sìol air bà rr sguaibe: that they don’t leave seed on the top of the sheaves; is bochd a bhrìgh ’n à m a’ bhualaidh: poor is its qualityat threshing time; a’ leantainn leis a’ chà ineadh: continuing with the criticism; tha e a’ guidhe bàs air na luchan: he wishes death on the mice; neasgaidean, cait, clamhain, dùldachd, bàs is fanntachadh ʼs gach dòigh dhuibh: boils, cats, buzzards, winter cold, death and weakness in every way to them; is leibh gamhlas uile shliochd Adhaimh: you have the malice of all of Adam’s offspring; is duilich leam nach deach ur bà thadh: I’m sorry you weren’t drowned; mun d’ fhuair sibh san Àirc aig Nòa: before you got into Noah’s ark; là n neamhnaidean cultarach: full of cultural gems [pearls].
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Regular readers of the Litir will know the great respect I have for the scholarship of Michael Newton, and for the way that he defends the integrity of the Gaelic people and their heritage in all his publications. Seanchaidh na Coille: Memory Keeper of the Forest is another tremendous contribution to the understanding of the Gaelic identity and to the revealing of the rich heritage of the Gaels, this time in Canada. It is published by Cape Breton University Press and is available through Comhairle nan Leabhraichean at £19.99.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: am beagan a thèid fo dhìon dheth: the little of it that will be protected.
Broadcasts
- Sun 15 May 2016 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 18 May 2016 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.