Main content
Sorry, this episode is not currently available

Reasabaidhean Samhraidh còmhla ri Mandy

Tha Mandy air ais anns a' chidsin le reasabaidhean samhraidh a bheir an t-uisge tro na fiaclan agaibh. Mandy returns with more recipes.

Tha Coinneach Peutan agus Iain Macleòid a' toirt beachd air an casg astar de fhichead mile 'san uair a tha a' tòiseachadh ga chuir an cèill ann an Dùn Èideann Latha na Sàbaid 'sa tighinn.

Tha Mandy air ais anns a' chidsin le reasbaidean samhraidh a bheir an t-uisge tro na fiaclan agaibh. An t-seachdain seo tha i a' dèanamh parsailean èisg anns an àmhainn mheanbh-thonn agus kebabaichean le feòil-mairt, okra agus buntàta.

Agus ciamar a tha clann a' dèiligeadh ri cùisean nuair a chailleas iad pàrant? bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 28 Jul 2016 12:33

Music Played

  • Turin Brakes

    Jump Start

    • Lost Property.
    • Cooking Vinyl.
    • 009.
  • Mumford & Sons

    Wona

    • Johannesburg.
    • Island.
    • 002.
  • Benjamin Francis Le

    Mayflies (feat. wich)

    • After the Rain.
    • Dirty Hit Ltd.
    • 11.
  • Steven Tyler

    I Make My Own Sunshine

    • We're All Somebody From Somewhere.
    • 006.
  • Francis and the Lights

    Friends (feat. Bon Iver)

    • Single.
    • White Label.
    • 1.
  • Ward Thomas

    Carry You Home

    • Cartwheels.
    • WTW/Sony Music.
    • 1.
  • The Common Linnets

    Sun Song

    • The Common Linnets.
    • 005.

Na Reasabaidhean Samhraidh aig Mandy

Na Reasabaidhean Samhraidh aig Mandy

Parsailean Èisg anns an àmhainn mheanbh-thonnach (microwave)



Deasachadh: nas lugha na 30 mionaid 
Ùine còcaireachd: eadar 10 agus 30 mionaid
Gu leòr airson: 4

³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô

• Dà bhuntàta milis meadhanach mòr air an rùsgadh agus air am mìn-ghearradh • Leth leigeas (leek) air a ghearradh na chearcaill• 100 g / 3½ unnsa pònairean uaine (green beans) reòite • 100 g / 3½ unnsa pònairean (peas) reòite • 4 x 75g / 2½ unnsa filead liùgh (Pollack) reòite, gun chraiceann no cnàmhan • 1 spàin bheag creamh-ghàrraidh (chives) air am mìn-ghearradh • 4 spàinean beag ola-chroinn-ola (olive oil)• ½ liomaid (lemon) an sùgh a mhàin • Salann garbh (sea salt) agus piobar dubh (ground black pepper)

¶Ùò¾±²µ³ó:

1. Sgaoil ceithir pìosan pàipear greaseproof air a’ bhòrd obrach. Roinn am buntàta eadar na ceithir pìosan pàipear ga chàrnadh dhan mheadhan. Roinn an leigeas, na pònairean uaine agus na pònairean anns an aon dòigh agus cuir aon phìos den lìugh air uachdar gach poidhle. Cuir crathadh math de shalann agus piobair air an iasg. Sgaoil an creamh-ghàrraidh air an uachdar agus smodaich leis an ola.2. Dèan parsailean de gach pìos pàipear le bhi gan lùbadh timcheall a’ bhiadh ann an cumadh triantan. An uairsin fàisg na h-oirean ri chèile gus a bheil iad caran coltach ri Cornish Pasty. 3. Cuir dà pharsail air truinnsear a tha freagarrach airson àmhainn meanbh-thonn. Cuir an àmhainn aig ìre àrd airson deich mionaidean gus a bheil an t-iasg air còcaireachd agus na parsailean air bòcadh. Fàg airson dà mhionaid mus tèid am fosgladh. 4. Airson dèanamh cinnteach gu bheil an t-iasg air còcaireachd, fosgail fear de na parsailean agus faic a bheil an t-iasg geal agus teth gu leòr. Mar a bheil dùin na parsailean agus cuir air ais dhan àmhainn airson còig mionaidean. 5. Cuir gach parsail air truinnsear agus fosgail aig a’ bhòrd. Faodaidh tu an sùgh liomaid a chuir orra mas tèid an ithe. 

Na Reasabaidhean Samhraidh aig Mandy

Na Reasabaidhean Samhraidh aig Mandy

Kebabaichean le feòil-mairt, okra agus buntàta.



Gu leòr airson: 4 

³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô:

• 8 buntàta fingerling, gach fear air a ghearradh na dha leth bho mhullach gu bonn• 2 spàin mhòr pearsail (parsley) mìn-sgudaichte• 1 spàin mhòr gu leth càl nan each (horseradish)• 1 spàin mhòr gu leth mustard Dijon (whole-grain)• 1 spàin mhòr sabhs Worcestershire  • 1 spàin bheag gu leth siùcar • 2 spàin bheag ola-chroinn-ola • Cairteal spàin bheag piobar dubh (ground black pepper)• Leth spàin bheag salunn• Cupa piobar-dearg air a ghearradh na òirlich cearnach• 16 plaosgan beaga okra • 8 meanbh-uinneanan (shallots) air an rùsgadh agus air an gearradh nan dà leth• 1 phunnd staoig sirloin (gun chrèimh) air a ghearradh na chiùbaichean mun mheud òirleach  • 1 squash buidhe meadhanach mòr air a ghearradh na dhà leth bho mhullach gu bonn agus an uairsin na shliosagan mu leth òirleach (mu dhà cupa) • Frasadair còcaireachd (cooking spray)

Cuir am buntàta ann am pana uisge. Goil agus tionndaidh sìos an teas agus teòdh airson còig mionaidean deug. Dòirt dhiubh an t-uisge agus fàg airson fuarachadh.

Measgaich gu math am pearsail, càl nan each, mustard, sabhs Worcester, siùcar, ola-chroinn-ola agus am piobar còmhla ann am bobhla. Cuir ris cairteal spàin bheag salunn, am buntàta, am piobar-dearg, an okra, na meanbh-uineannan, na pìosan staoig agus an squash bhuidhe. Tionndaidh gu math na grìtheidean gu lèir airson ’s gu bheil iad air an deagh chòmhdach agus fuaraich airson uair a thìde.

Deasaich an grill.

Brùth na measan agus an staoig tro ochd bioran-ròstaidh a tha mu dheich òirleach a dh’fhaid. Crath aon còrr den t-salann air feadh nan kebabaichean agus cuir air a’ ghrill iad agus còmhdaich le fras de dh’ola airson deich mionaidean. Tionndaidh an dràsta sa rithist.

Broadcast

  • Thu 28 Jul 2016 12:33