Tasglann: An Canan Aonghas MacCuithein bho 1993
Seirbheis bho 1993 c貌mhla ris a' Chanan Aonghas MacCuithein, nach maireann. Gaelic service from 1993 conducted by the late Canon Angus MacQueen, St Barr's, Barra.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean a leanas:
Crann Ceusaidh na N脿ire, O Chridhe Mhic Dh猫, Laoidh Chaluim Chille agus Seinneamh don Tighearna air an seinn le C貌isir Eaglais Naomh Barr.
Bh脿saich an Canan Aonghas MacCuithein air an 9mh latha den Ghearran aig 95 bliadhna a dh'aois. An Canan Aonghas MacCuithein 鈥 sagart, c貌caire, sgeulaiche, e貌laiche air eachdraidh 鈥榮 cultar agus aig cridhe a h-uile sian, s脿r Gh脿idheal. Bha Mgr. Aonghas a鈥 frithealadh paraistean ann an Sg矛re Easbaig Earra-Gh脿idheal 鈥榮 nan Eilean airson c貌rr air 60 bliadhna gus an do leig e dheth uallach paraiste ann an 2011.
Rugadh Mgr. Aonghas ann am Baile Gharbhaidh san Iochdar an Uibhist a Deas san t-Samhain 1923. Bha ceathrar san teaghlach - a phiuthar Catriona agus a bhr脿ithrean D貌mhnall Ailean, D貌mhnall Ailig agus e fh猫in. Bha l脿n dh霉il aig a ph脿rantan imrich a dh猫anamh gu ruige Canada c貌mhla ris an fheadhainn a chaidh a null cuide ri Mgr. Iain Dhonnchaidh air a' Mharloch ach fhuair a mh脿thair a-mach gun robh i a' gi霉lain leanabh agus b鈥 fheudar dhaibh na planaichean aca atharrachadh agus dh鈥檉huirich iad ann an Uibhist.
B鈥 ann aig aois 12 a cho-dh霉in Mgr. Aonghas gun robh e airson, mar a thuirt e fh猫in, 鈥渄aoine fh脿gail toilichte鈥 agus airson sin a dh猫anamh, gun robh e airson a dhol air adhart gu bhith na shagart. Mar shagart, bha e a鈥 frithealadh paraistean leithid 脠irisgeigh, Bagh a鈥 Chaisteil, Morar, Gleann Comhainn, Eilean Bh貌id, Bornais agus am Bagh a Tuath far an robh e na shagart mu dheireadh gu 2011.
Last on
An Canan Aonghas MacCuithein
Broadcasts
- Sun 7 Aug 2016 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 17 Feb 2019 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal