Main content

Anns an litir aig Ruairidh MacIllEathain tha sinn a' faighinn a-mach cò ris a tha Eòghainn Mac a' Ghobhair a' tuiteam ann an gaol ris. Another story from Ruaraidh MacIlleathain.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 7 Sep 2016 23:00

Clip

Litir 894: Eòghann Mac a’ Ghobhair (3)

Bha mi ag aithris na seann sgeulachd ‘Eoghann Mac a’ Ghobhair’. Chaidh an t-uachdaran, Morair Caisteal Dhonnain, a-steach gu taigh Oighrig. Chunnaic e Fionnghal. ‘Cò th’ ann a seo?’ dh’fhaighnich e.

            ‘ʼS i mo bhean,’ fhreagair Eòghann. ‘Tè de na daoine agaibh fhèin.’

            ‘Chan eil mi gad chreidsinn,’ ars an t-uachdaran. ‘Nam buineadh tè cho bòidheach ris a’ chinneadh agamsa, bhiodh fios agam. Tha mi cinnteach gum buin i do dh’uaislean air choreigin ann am badeigin eile.’

            Mhothaich e don ghille òg. ‘Cò dhà a bhuineas an creutair beag seo?’ dh’fhaighnich e.

            ‘ʼS e sin mo mhac,’ fhreagair Coinneach.

            ‘Chan e no do mhac,’ thuirt am morair. ‘Tha thu a’ cleith rudeigin bhuam. Tha mi a’ dol a thoirt na dithis seo don chaisteal agam air Eilean Donnain.’

            ‘O, Mhic a’ Ghobhair, dè thachras dhut?’ thuirt Coinneach ris a’ ghille.

            ‘Mac a’ Ghobhair, thuirt thu?’ ars an t-uachdaran. Chlisg e. Bha e a’ cuimhneachadh fàidheadaireachd mìle bliadhna a dh’aois mun chinneadh aige – gun gabhadh fear air an robh ‘Mac a’ Ghobhair’ thairis an dùthaich aige.

            Ghabh Fionnghal grèim air Eòghann agus thug i sgian a-mach. ‘Ma bheir sibh orm falbh cuide ribh gu ruige Eilean Donnain,’ thuirt i, ‘cuiridh mi às dhomh fhìn ʼs don ghille.’

            Ghèill am morair, ach dh’fhàg e fear-cinnidh dìleas aige, Eachann Dubh MacCoinnich, a’ fuireach aig Àird Làir airson dèanamh cinnteach nach teicheadh iad. Chùm Eachann sùil gheur air Coinneach.

            Beagan làithean an dèidh sin, nuair a thill Coinneach agus Eachann bho bhith a’ sealg, cha robh sgeul air Oighrig, Fionnghal no Eòghann anns an taigh. Cha robh sgeul air a’ ghobhair, Earba, na bu mhotha. Bha Eachann feargach, agus bha e gu math amharasach mun deidhinn, ach cha robh fios aig Coinneach far an robh iad.

            An ath mhadainn, chaidh iad a-mach a lorg ³¦³óྱ³¦³ó. Bha Coinneach an dòchas gun robh iad san uaimh. Cha robh duine sam bith ach iad fhèin eòlach air an uaimh sin. Nuair a bha e faisg air beul na h-uamha, fhuair e fios gur ann na broinn a bha iad. Chan fhaca is cha chuala Eachann dad.

            Bha Eachann a’ gabhail dragh mun uachdaran. Cha bhiodh esan toilichte nan cailleadh e Fionnghal. Gun guth a ràdh, dh’fhalbh Eachann a bhruidhinn ri Morair Caisteal Dhonnain. Chunnaic Coinneach e a’ falbh agus chaidh e suas don uaimh. Bha e fhèin, Fionnghal, Eòghann, Oighrig agus Earba còmhla a-rithist ach cha b’ urrainn dhaibh fuireach fada anns an uaimh. An dèidh beagan làithean, chuir iad romhpa teicheadh. Choisich iad gu ruige Poll Iù.

            Bha long mhòr air acair ann an Loch Iù. ʼS dòcha gum faigheadh iad air falbh gu sàbhailteachd! Thàinig eathar far na luinge. Chaidh Coinneach is Fionnghal gu ceann shìos a’ chladaich agus smèid iad air a’ chriutha. Ach, mo chreach, cò bh’ air bòrd ach Eachann Dubh fhèin! Bha e a’ tilleadh air ceann feachd.

            Gu fortanach, bha Eòghann agus Oighrig am falach. Ach chaidh Fionnghal agus Coinneach a chur an grèim agus chaidh an toirt gu Eilean Donnain. Bha am morair toilichte Fionnghal fhaighinn ach bha e mì-thoilichte nach robh an gille òg còmhla rithe. Bha Eòghann agus Oighrig fhathast ann am Poll Iù far an d’ fhuair iad taic bho mhuinntir an àite.

            

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Chlisg e: he started; ²µ³óè¾±±ô±ô: yielded; Poll Iù: Poolewe.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: ʼS i mo bhean: she is my wife; tè de na daoine agaibh fhèin: one of your own people; nam buineadh tè cho bòidheach ris a’ chinneadh agamsa: if such a beautiful woman belonged to my clan; gum buin i do dh’uaislean air choreigin ann am badeigin eile: that she belongs to some gentry or other in another place; cò dhà a bhuineas X?: who does X belong to?; tha thu a’ cleith rudeigin bhuam: you are hiding something from me; dè thachras dhut?: what will happen to you?; a’ cuimhneachadh fàidheadaireachd mìle bliadhna a dh’aois mun chinneadh aige: remembering a thousand year-old prophecy about his clan; ma bheir sibh orm falbh cuide ribh: if you force me to go with you; dh’fhàg e fear-cinnidh dìleas aige, Eachann Dubh MacCoinnich, a’ fuireach aig Àird Làir: he left a loyal clansman, Black Hector MacKenzie, living at Ardlair; airson dèanamh cinnteach nach teicheadh iad: to make sure they wouldn’t flee; cha robh sgeul air: there was no sign of; amharasach mun deidhinn: suspicious of them; cha robh duine sam bith ach iad fhèin eòlach air an uaimh: nobody but themselves knew of the cave; nan cailleadh e Fionnghal: if he lost [would lose] Flora; chuir iad romhpa teicheadh: they decided to flee; choisich iad gu ruige Poll Iù: they walked to Poolewe; thàinig eathar far na luinge: a boat came from the ship; gu ceann shìos a’ chladaich: to the lower part of the shore; smèid iad air a’ chriutha: they waved to the crew; a’ tilleadh air ceann feachd: returning at the head of a military force; chaidh X a chur an grèim: X were abducted; mì-thoilichte nach robh an gille òg còmhla rithe: displeased that the young lad wasn’t with her.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: chaidh iad a-mach a lorg ³¦³óྱ³¦³ó: they went out to find the others. °ä೦³ó ‘the others’ is a slightly strange pronoun which does not carry an article in Gaelic (and is grammatically singular) but behaves as if it does, in that it inflects by both slenderisation and lenition in the genitive case. Thus ³¦³óྱ³¦³ó means ‘of the others’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha long mhòr air acair: a big ship was at anchor.

Broadcasts

  • Sun 4 Sep 2016 22:30
  • Wed 7 Sep 2016 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast