Main content

Anns an litir aig Ruairidh MacIllEathain gheibh sinn a-mach ciamar a chuireas màthair Eòghainn Mhic a' Ghobhair eòlas air a mac.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 21 Sep 2016 23:00

Clip

Litir 896: Eòghann Mac a’ Ghobhair (5)

Bha Eòghann Mac a’ Ghobhair air a thoirt air beulaibh na banrigh – a mhàthair – far an do dh’aithnich a piuthar, Fionnghal, e. ‘Seo do mhac fhèin!’ thuirt Fionnghal ri a piuthar.

Bha feadhainn eile ag ràdh, ‘Seadh, tha e coltach ris an t-seann rìgh nach maireann, gun teagamh.’ Bha iad a’ gabhail ‘MacCoinnich Mòr’ air agus bha iad a’ dèanamh gàirdeachas. Cha robh a’ bhanrigh cinnteach. ‘Tha a thrusgan is a chlaidheamh coltach ri feadhainn a bh’ aig an duine agam nach maireann,’ thuirt i, ‘ach feumaidh mi a bhith cinnteach gur e seo mo mhac mus toir mi a’ chathair rìoghail dha.’

Thàinig Coinneach air adhart. ‘ʼS urrainn dhomh fhìn dearbhadh co-dhiù ʼs e seo Mac a’ Ghobhair. Nuair a bha e òg, agus sinn a’ fuireach ann an Àird Làir taobh Loch Ma-ruibhe, bha e a’ cluich leis an sgithinn agam. Gheàrr e a ghàirdean clì leatha. Ma tha an làrach ri a faicinn air a ghàirdean chlì, faodaidh sinn a bhith cinnteach gur e Eòghann Mac a’ Ghobhair a th’ ann.’ Choimhead e air an fhear òg. ‘Cuir do mhuinichill chlì suas,’ dh’òrdaich e.

Chuir Eòghann a mhuinichill suas agus bha làrach na tubaist ri a faicinn gu soilleir. Dh’èirich a’ bhanrigh agus chuir i a gàirdeanan timcheall a mic. Rinn a h-uile duine gàirdeachas. Bha Eòghann a-nise na rìgh orra.

Bha Eòghann ga ghiùlan fhèin le fèin-urram is uaisle fhad ʼs a bha seo a’ dol air adhart. ʼS e a’ chiad rud a rinn e mar rìgh ʼs gun do leig e na prìosanaich uile mu sgaoil. Mhìnich e do a mhàthair mar a bha Cailean Mòr air a thogail mar mhac, agus chaidh sìth a stèidheachadh eadar rìoghachd Chailein agus rìoghachd Eòghainn.

Chaidh Coinneach agus Fionnghal a dh’fhuireach ann an rìoghachd Eòghainn agus thug iad taic dha ann a bhith a’ riaghladh na dùthcha. Chuir e fios do a mhàthair, Oighrig, a bha a-nise gu math sean. Thàinig ise a dh’fhuireach còmhla riutha agus bha iad uile sona còmhla.

Agus Eòghann? Uill, cha robh rìgh na b’ fheàrr no na bu ghlice na esan. Bha gràdh aig an t-sluagh air. Ach dè mun t-seann fhàidheadaireachd – mìle bliadhna a dh’aois – a chuir eagal air Morair Caisteal Donnain? B’ e sin gum biodh fear air an robh ‘Mac a’ Ghobhair’ mar ainm a’ gabhail na dùthch’ aige thairis.

Uill, thachair e, ach tro phòsadh seach tro chogadh. Phòs Eòghann an aon nighean aig Morair Caisteal Donnain. Leis a sin, bha Eòghann a-nise mar uachdaran air rìoghachd mhòr a bha a’ dol tarsainn na Gàidhealtachd an Iar.

Thòisich mi air an sgeulachd seo aithris le bhith ag innse dhuibh mar a fhuair mi lorg air Uamh Mac an Rìgh taobh Loch Ma-ruibhe. Sin an t-àite far an robh Eòghann a’ fuireach nuair a bha e na leanabh, agus e beò air bainne gobhair, mus d’ fhuair Coinneach às Àird Làir lorg air.

Uill, an dèidh mo thurais, nuair a bha mi fhìn ʼs mo chompanaich a’ tilleadh don chàr, fhuair sinn sealladh math air trì gobhair fhiadhaich. Bha iad fhathast a’ fuireach anns an sgìre far an robh Earba – an gobhar a chùm Eòghann beò – a’ fuireach uaireigin. ʼS dòcha gun robh iad càirdeach dhi. Bha e furasta a bhith a’ creidsinn gun robh an sgeulachd fìor!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: dh’òrdaich: ordered; ²õì³Ù³ó: peace; a’ riaghladh: governing; ´Úྱ»å³ó±ð²¹»å²¹¾±°ù±ð²¹³¦³ó»å: prophecy; ±è³óò²õ: married; uaireigin: at one time; càirdeach dhi: related to her.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: far an do dh’aithnich a piuthar e: where his sister recognised him; seo do mhac fhèin: this is your own son; coltach ris an t-seann rìgh nach maireann, gun teagamh: like the deceased old king, without doubt; tha a thrusgan is a chlaidheamh coltach ri: his apparel and sword are like; mus toir mi a’ chathair rìoghail dha: before I grant him the throne; ʼs urrainn dhomh fhìn dearbhadh co-dhiù ʼs e seo X: I can prove if this is X; a’ cluich leis an sgithinn agam: playing with my knife; gheàrr e a ghàirdean clì leatha: he cut his left arm with it; cuir do mhuinichill chlì suas: roll up your left sleeve; bha làrach na tubaist ri a faicinn gu soilleir: the mark of the accident was clearly seen; bha Eòghann a-nise na rìgh orra: Ewen was now their king; ga ghiùlan fhèin le fèin-urram is uaisle: carrying himself with dignity and gentility; fhad ʼs a bha seo a’ dol air adhart: while this was happening; leig e na prìosanaich uile mu sgaoil: he freed all the prisoners; mar a bha X air a thogail mar mhac: how X had raised him as a son; thàinig ise a dh’fhuireach còmhla riutha: she came to live with them; na b’ fheàrr no na bu ghlice: better or wiser; bha gràdh aig an t-sluagh air: the people loved him; tro phòsadh seach tro chogadh: through marriage rather than through war; uachdaran air rìoghachd mhòr a bha a’ dol tarsainn na Gàidhealtachd an Iar: the leader of a big kingdom/territory that covered [much of] the West Highlands; thòisich mi air an sgeulachd seo aithris: I started to tell this story; agus e beò air bainne gobhair: living on goats’ milk; mus d’ fhuair Coinneach às Àird Làir lorg air: before Kenneth from Ardlair found him; fhuair sinn sealladh math air trì gobhair fhiadhaich: we got a good view of three wild goats.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: timcheall a mic: around her son. Timcheall, being a compound preposition, commands a noun in the genitive, certainly in the presence of an article. The possessive article (pronoun)‘a’ fulfils this purpose grammatically. Thus mac is inflected to its genitive singular form mic. There is no lenition because the possessive is the third person feminine. ‘Around his son’ would be timcheall a mhic, with lenition.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Rinn a h-uile duine gàirdeachas: everyone expressed happiness, celebrated.

Broadcasts

  • Sun 18 Sep 2016 22:30
  • Wed 21 Sep 2016 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast