Episode 114
Zeppelin dha leageil a Sassainn 's rèit' mu uà rd Ghà idhlig aig Ospadal Woodside an Glaschu. A zeppelin downed over Essex and the Gaelic ward dispute in Woodside Hospital settled.
Bha an cogadh sna speuran as fhìor fhàs cudromach mar a bha a' chiad chogadh a' dol air adhart, ach air an 23mh dhen t-Sultain dh'fhuiling na Gearmailtich droch bhuile an uair a chaidh a dhà dhe na Zeppelins aca a leagail faisg air Lunnainn.
B' e Zeppelins a bh' air an ùr dhealbh a bh' ann an L32 agus L33 agus bha na Gearmailtich misneachail gum faigheadh iad faisg gu leòr gus cron a dheà namh air prìomh bhaile na Rìoghachd Aonaichte. Ach thog pìolat Breatannach, Frederick Sowrey L32 faisg air Billiericay agus loisg e oirre, ga cur na teine agus ga leagail gu talamh ann am baile Great Burstead. Cluinnidh sinn an tuilleadh bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.
An Alba bha Comunn Gà idhealach Ghlaschu air fios fhaighinn air ais bhon Chrois Dhearg a bha, am beachd a' Chomuinn, air a dhol air ais air a' ghealladh gus uà rd sònraichte a stèidheachadh ann an Ospadal Woodside a bhiodh a' frithealadh saighdearan le Gà idhlig. Bha an Comann air mìle not a thoirt seachad gus seo a thoirt gu buil, airgead a bha iad a-nis ag iarraidh air ais. Nochd freagairt na Croise Deirge ann am pà ipear-naidheachd an Ross-shire Journal an t-seachdain sa o chionn ceud bliadhna.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 290916
Duration: 10:00
Clogaid Ailig MhicAmhlaigh
Broadcasts
- Thu 29 Sep 2016 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Fri 30 Sep 2016 11:50´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal