16/10/2016
Tha Ruairidh MacIllEathain ag innse dhuinn mu eachdraidh Oilthigh Obar Dheathain. Series of letters written in Gaelic to aid people learning the language.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 596
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 900
Duration: 05:00
Litir 900: Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain (2)
Fhuair Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain, cead bhon Phà p airson oilthigh a stèidheachadh sa bhaile ann an ceithir cheud deug, naochad ʼs a còig (1495). Ceithir bliadhna an dèidh sin, thug Rìgh na h-Alba, Seumas IV, cùmhnant dha – agus beagan airgid – airson a phròiseict. Bha Obar Dheathain cuideachd air a dhèanamh na bhaile rìoghail. Chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh faisg air Cathair-eaglais Naomh Mhachair.
           An toiseach, chan e ‘Oilthigh Obar Dheathain’ a bh’ air, ach ‘Colaiste Moire’. Chaidh an t-ainm atharrachadh gu ‘Oilthigh agus Colaiste an Rìgh’. Thathar a’ smaoineachadh gu bheil an t-ainm a’ comharrachadh na taice a fhuair am pròiseact bho Sheumas IV. Tha an t-ainm ‘Colaiste an Rìgh’ glèidhte fhathast mar phà irt dhen oilthigh.
           Bha Elphinstone cliùiteach agus bha e furasta dha luchd-obrach comasach fhastadh. Thòisich iad air Caibeal Cholaiste an Rìgh a thogail. Taobh a-staigh deich bliadhna, bha trithead ʼs a sia duine ann, eadar luchd-obrach agus oileanaich.
           Bhon toiseach, bha farsaingeachd mhòr de chuspairean air an teagasg ann. Bha sin a’ gabhail a-steach Lagh Catharra (a bharrachd air lagh na h-Eaglaise) agus Eòlas-leigheis. B’ e Obar Dheathain a’ chiad oilthigh ann am Breatainn anns an robhar a’ teagasg Eòlas-leigheis.
           Tha mi airson tilleadh don charragh-chuimhne aig Elphinstone a tha suidhichte taobh a-muigh Caibeal Cholaiste an Rìgh. Bidh cuimhne agaibh gun tuirt mi gu bheil sgrìobhadh Gà idhlig air.
           Chaochail Elphinstone ann an còig ceud deug is ceithir-deug (1514). Chaidh an dust aige a thiodhlacadh air beulaibh na h-altarach anns a’ chaibeal. Ach chaidh an tuam aige à fianais aig à m an Ath-leasachaidh. Beagan ron bhliadhna naoi ceud deug is ceithir-deug (1914), chuir ceannardan an oilthigh romhpa carragh-cuimhne ùr a thogail dha mar chomharra air a’ cheithir cheud bliadhna on a chaochail e. ʼS e an dealbhadair Eanraig MacUilleim a fhuair an cùmhnant airson a thogail.
           Ge-tà , tuigidh sibh mar a chaidh dà il a chur air a’ phròiseact nuair a thòisich an Cogadh Mòr. ʼS ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a h-aon (1931) a chaidh an carragh-cuimhne a stèidheachadh mu dheireadh – ann an Caibeal an Rìgh. Ach bha e ro mhòr an sin. Còig bliadhn’ deug an dèidh sin – an dèidh an Dà rna Cogaidh – chaidh a ghluasad don là raich far a bheil e an-diugh – air rèidhlean taobh a-muigh a’ chaibeil.
           Airson a’ chòrr dhen chunntas agam, tha mi gu mòr an comain Cholm Ò Baoill, a bha uaireigin a’ teagasg ann an Roinn na Ceilteis san oilthigh, a sgrìobh mu dheidhinn anns an iris Gath. Thòisich an t-oilthigh air Gà idhlig a theagasg ann an naoi ceud deug is sia-deug (1916). ʼS e fear Iain Friseal à Gleann Urchardain a bha ga teagasg. Sgrìobh esan dà rann ann an seann Ghà idhlig airson a’ charraigh-chuimhne. Anns a’ chiad phà irt tha e ag rà dh seo, ach ann an seann Ghà idhlig: Àite-laighe ar n-oide naoimh, am fear Elphinstone, sgoilear nan Gà idheal ...
           Uill, a-nise, an e sin freagairt mo cheist? An robh fiosrachadh aig an Fhrisealach gun robh Gà idhlig aig Elphinstone? No an robh adhbhar eile aige airson sin a sgrìobhadh? Chan eil fhios a’m, ach tha fhios a’m air seo – ʼs e duine air leth a bh’ ann an Uilleam Elphinstone agus nach math gu bheil ar cà nan co-cheangailte ris.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Easbaig Obar Dheathain: The Bishop of Aberdeen; Cathair-eaglais Naomh Mhachair: St Machar’s Cathedral; Colaiste Moire: St Mary’s College; lagh catharra: civil law; Eanraig MacUilleim: Henry Wilson.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: cead bhon Phà p airson oilthigh a stèidheachadh: permission from the Pope to establish a university; bha Obar Dheathain air a dhèanamh na bhaile rìoghail: Aberdeen was made a royal burgh; thathar a’ smaoineachadh gu bheil an t-ainm a’ comharrachadh na taice: it is thought that the name marks the help; glèidhte fhathast mar phà irt dhen oilthigh: still retained as part of the university; bha e furasta dha luchd-obrach comasach fhastadh: it was easy for him to hire capable staff; airson a bhith na phrionnsapal: to be the principal; bha farsaingeachd mhòr de chuspairean air an teagasg ann: there was a large range of subjects taught there; anns an robhar a’ teagasg Eòlas-leigheis: in which Medicine was taught; suidhichte taobh a-muigh Caibeal Cholaiste an Rìgh: sited outside King’s College Chapel; chaidh an tuam aige à fianais aig à m an Ath-leasachaidh: his tomb disappeared at the time of the Reformation; chuir ceannardan an oilthigh romhpa carragh-cuimhne ùr a thogail dha: the university’s leaders decided to build a new monument to him; mar chomharra air a’ cheithir cheud bliadhna on a chaochail e: as a mark of the four hundred years since he died; air rèidhlean taobh a-muigh a’ chaibeil: on a lawn outside the chapel; Iain Friseal à Gleann Urchardain: John Fraser from Glen Urquhart; à ite-laighe ar n-oide naoimh: the resting place of our holy teacher; an robh adhbhar eile aige airson sin a sgrìobhadh?: did he have another reason for writing that?; nach math gu bheil ar cà nan co-cheangailte ris: isn’t it good that our language is connected to him?
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chaidh an dust aige a thiodhlacadh air beulaibh na h-altarach: his mortal remains were buried in front of the altar. I’m taking a liberty here in using a term that is generally used only in a Protestant context, dust being a euphemism for corpse. Of course Elphinstone was a pre-Reformation Catholic bishop. In a Catholic context, the word corp (clearly of Latin origin) is generally used for ‘body’. While corp is also used in Protestant communities, it is often eschewed in a religious context, particularly with regard to funerals, in favour of dust.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: tha mi gu mòr an comain X: I’m much obliged to X (X is in the genitive).
Broadcasts
- Sun 16 Oct 2016 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 19 Oct 2016 23:51´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.