Main content

28/11/2016

Gheibh sinn sgeulachd Iain Spàinnteach agus Ailean a' Chnuic anns an litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. A short letter for Gaelic learners.

Available now

3 minutes

Last on

Mon 28 Nov 2016 19:00

Clip

An Litir Bheag 603

Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Spàinnteach, Iain MacDhòmhnaill à Cnòideart. Thachair e ri fear a bha an làthair nuair a chaidh mìle not a ghoid bhuaithe. Chuir Iain an duine air a dhruim dìreach agus theich e.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chuir e ri chèile buidheann de chòignear. Thill iad do thaigh Chailein Deirg ann an dùthaich ʼic Coinnich. Ach bha ceathrad fear armaichte aig Cailean. ‘Tha an t-airgead air a chaitheamh,’ thuirt e ri Iain.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Ma tha,’ ars Iain, ‘tha duais ann dhaibhsan a chaith e.’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Dè an duais?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘A’ chroich,’ fhreagair Iain.

Dh’èirich sluagh Chailein. Tharraing Iain a ghunna agus a bhiodag. Fhuair e fhèin ʼs a chompanaich air falbh gun dòrtadh-fala.

Thàinig lighiche ainmeil a thadhal air Iain ann an Cnòideart. Bha iad ag iasgach. Thàinig soitheach cogaidh. Dh’iarr an lighiche air Iain a thoirt don t-soitheach. Bha e airson bathar medigeach a cheannach bhuapa. Bha Iain a’ toirt a’ chreidsinn gur e sgalag a bh’ ann.

B’ e an soitheach am Porcupine, fo stiùir a’ Chaiptein Fheargasdain. Bha esan ainmeil airson a bhrùidealachd an aghaidh nan Seumasach. Bha e cinnteach gun robh Iain na Sheumasach. Chuir e an grèim e.

Ìý

Ràinig iad Caol Mhuile. Chaidh Iain a chur gu soitheach cogaidh eile, an uair sin chun a’ Ghearasdain.

Bha an criutha Èireannach. Dh’inns iad do Iain ann an Gàidhlig na h-Èireann gum b’ e am fear a bhrath e an Caiptean Ailean Dòmhnallach, Ailean a’ Chnuic, às an Eilean Sgitheanach.

Bha Iain sa phrìosan airson naoi mìosan. Goirid an dèidh sin, bha e ann an Gleann Eilg. Thachair e ri Ailean a’ Chnuic. Mhaoidh Iain air.

Bha Ailean dhen bheachd gun robh Iain a’ dol ga mhurt. Theich e don ghearasdan ann an Gleann Eilg. Cha do dh’fhàg e an gearasdan an dèidh sin gun dithis shaighdearan a bhith na chois.

Ach cha do mhuirt Iain Spàinnteach e. Phòs e agus chaidh e a dh’fhuireach ann an Cnòideart. Ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773), chaidh e a dh’Ameireagaidh a Tuath, far an do chuir e seachad an còrr de a bheatha.Ìý

The Little Letter 603

Broadcast

  • Mon 28 Nov 2016 19:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast