Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Ruairidh MacFhionghain nach maireann bho Eaglais na h-Alba 2003

C貌mhla ris an Urr Ruairidh MacFhionghain (nach maireann) Eaglais na h-Alba bho 2003.
An archive service from 2003 conducted by the late Rev Roddy MacKinnon, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:

Salm 143: 6-7 air fonn Martyrdom agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.

Salm 139: 1-2 air fonn London New agus 's e Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart

Salm 106: 4-5 agus 's e Calum Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh: Eseciel 37 : 1- 14
Ceann-teagaisg: Eseciel 37 : 3

Bh脿saich an t-Urramach Ruairidh MacFhionghain anns an Fhaoilleach am bliadhna. Bhuineadh e do Bhun Abhainn Eadarra sna Hearadh. Bha e ri saorsainneachd airson dusan bliadhna 脿s d猫idh an sgoil fh脿gail agus an uairsin chaidh e na mhiseanaraidh a dh'Eilean Thiriodh.

Chaidh e dhan oilthigh ann an 1968 agus 脿s d猫idh cead-searmonachaidh fhaighinn chaidh a ph貌sadh ri coitheanal Dhalabroig ann an Uibhist a Deas. Bha p貌sadh eile na bheatha air a' bhliadhna sin cuideachd, 's bha dithis a theaghlach aca, Iain agus Rona. Fhads a bha e ann an Uibhist bha e cuideachd na chomhairliche air sg矛re a' chinn a deas.

Leig e dheth a dhreuchd ann an 1995 agus rinn e a dhachaigh ann an Drochaid Sgudail faisg air Inbhir Pheofharain.

30 minutes

An t-Urr Ruairidh MacFhionghain

An t-Urr Ruairidh MacFhionghain

Broadcasts

  • Sun 27 Nov 2016 21:00
  • Sun 10 Feb 2019 21:00