11/12/2016
Tha Ruairidh MacIlleathain ag innse dhuinn mu Dhòmhnall Phà il, Bà rd Cheann a' Ghiùthsaich. Series of letters written in Gaelic to aid people learning the language.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 604
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 908
Duration: 05:00
Litir 908: Dòmhnall Phà il, Bà rd Cheann a’ Ghiùthsaich - Pà irt 1
Bha mi ann an Ceann a’ Ghiùthsaich as t-fhoghar. ʼS e baile snog a th’ ann ach, an coimeas ris an Aghaidh Mhòir an latha sin, bha e uabhasach fhèin sà mhach. Cha bhi mòran luchd-turais a’ stad ann, a rèir choltais.
Co-dhiù, stad mi fhìn ann airson grèim-bìdh a ghabhail agus chunnaic mi sanas air togalach air an à rd-shrà id. Bha e a’ sanasachd cladh air cùl nan taighean anns a bheil Dòmhnall Phà il tiodhlaicte. Uill, cha b’ e ruith ach leum a bh’ ann dhomh sùil a thoirt air a’ chladh.
           Eadhon do Ghà idheil nach buin do Bhà ideanach – mar mi fhìn – tha sinn eòlach air an duine mar ‘Dòmhnall Phà il’. ʼS e Dòmhnall Caimbeul a bh’ air mar ainm oifigeil. Tha e aithnichte mar ‘Bhà rd Cheann a’ Ghiùthsaich’. Agus tha e ainmeil air feadh na Gà idhealtachd mar ùghdar an òrain ‘Guma Slà n do na Fearaibh’. A bheil sibh eòlach air? Seo a’ chiad trì rannan dhuibh.
           Guma slà n do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain, Gu talamh a’ gheallaidh, Far nach fhairich iad fuachd, Guma slà n do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.
           Guma slà n do na mnathan, Nach cluinnear an gearan, ʼS ann thèid iad gu smearail, Gar leantainn thar ʼchuain. Guma slà n do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.
           ʼS na nìghneagan bòidheach, A dh’fhalbhas leinn còmhladh, Gheibh daoine ri ʼm pòsadh, ʼChuireas òr nan dà chluais. Guma slà n do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.
           Tuigidh sibh gu bheil am bà rd a’ leigeil soraidh le feadhainn a tha a’ fà gail Bhà ideanach. Tha iad a’ falbh thar a’ chuain gu ruige Sydney ann an Astrà ilia.
           Tha Tòmas Sinton ag innse dhuinn mun òran anns an leabhar aige The Poetry of Badenoch. Tha e a’ dol air ais don bhliadhna ochd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1838). Dh’fhalbh mòran à Ceann a’ Ghiùthsaich gu ruige an t-Òban far an robh an soitheach, St George, a’ feitheamh. Tha astar mòr ann eadar Ceann a’ Ghiùthsaich agus an t-Òban, agus chaidh na daoine ann ann an cairtean.
           Bha sluagh mòr ann an Ceann a’ Ghiùthsaich an latha a dh’fhalbh iad. Chan e a-mhà in gun robh cà irdean nan eilthireach ann airson soraidh a leigeil leotha, ach gun robh mòran a’ cruinneachadh airson Fèill Chaluim Chille. B’ e an fhèill sin latha mòr do mhuinntir Bhà ideanach. Bhiodh iad a’ tighinn cruinn còmhla ann an Ceann a’ Ghiùthsaich.
           Air an latha sin, tha Sinton ag innse dhuinn, chaidh an sluagh, agus luchd-ciùil nam measg, gu mullach na Creige Bige, an cnoc os cionn a’ bhaile. Bha na deòir a’ ruith, agus daoine a’ fà gail dùthaich an à raich agus an dlùth-chà irdean, agus fios aca nach fhaiceadh iad a-rithist iad.
           Agus an robh iad a’ falbh gu ‘talamh a’ gheallaidh’? Uill, bha feadhainn gu math soirbheachail ach bha feadhainn nach robh beò fada thall ann an Astrà ilia. Bha a sgeul fhèin aig gach duine. Bha Dòmhnall Phà il fhèin an dùil leantainn orra, ach cha do lean. Bheir sinn sùil a bharrachd air an-ath-sheachdain ach, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh rann eile aige:
           Gheibh sinn aran is ìm ann, Gheibh sinn siùcar is tì ann, ʼS cha bhi gainne oirnn fhìn, San tìr sa bheil buaidh, Guma slà n do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Ceann a’ Ghiùthsaich: Kingussie; tiodhlaicte: buried; mnathan: wives, women; ²Ôì²µ³ó²Ô±ð²¹²µ²¹²Ô: maidens, girls; soitheach: vessel; Fèill Chaluim Chille: St Columba’s feast-day (9 June); »å±ðò¾±°ù: tears.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: an coimeas ris an Aghaidh Mhòir: compared to Aviemore; stad mi fhìn ann airson grèim-bìdh a ghabhail: I myself stopped there to get a bite to eat; a’ sanasachd cladh air cùl nan taighean: advertising a cemetery behind the houses; cha b’ e ruith ach leum a bh’ ann dhomh: I jumped at the chance; nach buin do Bhà ideanach: who don’t belong to Badenoch; thèid thairis a’ chuain: who’ll cross the ocean; talamh a’ gheallaidh: the country of promise; far nach fhairich iad fuachd: where they won’t feel cold; nach cluinnear an gearan: no complaint will be heard; thèid iad gu smearail, gar leantainn thar ʼchuain: they will go heartily, following us across the ocean; gheibh daoine ri ʼm pòsadh a chuireas òr nan dà chluais: who’ll get men to marry them who’ll give them ear-rings of gold; a’ leigeil soraidh le: saying farewell to; ann an cairtean: in carts; chan e a-mhà in gun robh cà irdean nan eilthireach ann airson soraidh a leigeil leotha: not only were relatives of the emigrants there to farewell them; gu mullach na Creige Bige: to the summit of the Creag Bheag; a’ fà gail dùthaich an à raich: leaving the country of their upbringing; nach robh beò fada: that weren’t alive long; bha X an dùil leantainn orra: X was expecting to follow them; cha bhi gainne oirnn fhìn san tìr sa bheil buaidh: we shall suffer no want in the land of bounty.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Guma Slà n do na Fearaibh: A health to the men. If Dòmhnall Phà il were writing today, he would undoubtedly have written ‘Guma slà n do na fir’ – which would have upset the rhythm and phraseology of the song (perhaps he’d have changed it to ‘gaisgich’!) Fearaibh is an example of the dative plural form of a noun (commanded by the simple preposition ‘do’). This inflection was still common enough in the early 19th Century but appears to have been considered old-fashioned, even archaic, by the end of the century, the dative plural then (as now) becoming identical in form to the nominative plural. To create the old dative plural, add -ibh or -aibh to the nominative singular form of the noun. It could be useful if you want to represent old-fashioned speech or ‘Gà idhlig na cùbaid’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gu ruige an t-Òban: to Oban [note that gu ruige takes the nominative].
Broadcasts
- Sun 11 Dec 2016 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 14 Dec 2016 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.