25/12/2016
Tha Ruaraidh MacIlleathain ag innse mu òran air sealg nam mucan mara ann an Leòdhas. Series of letters written in Gaelic to aid people learning the language.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 606
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 910
Duration: 05:00
Litir 910: Mucan-mara Bhail’ Ailein
ʼS e mucan gun chiall
chuir cùl rin dachaigh
Air aodann mharail a’ chuain;
Nuair chuir iad an cùrs air bà gh Bhail’ Ailein
ʼS e ʼm bàs a bh’ aca mar dhuais;
ʼS e aon a thà r gu sà l air ais dhiubh,
Chaidh cà ch a chlachadh gun truas;
Bha balaich an à ite nam mà l a’ feannadh
Gu trà th air madainn Diluain.
Uill, a-nise, a bheil sibh ag aithneachadh an òrain sin? A bheil sibh ag aithneachadh cuspair an òrain? Thachair e anns an Dùbhlachd, naoi ceud deug, trithead ʼs a ceithir (1934) ann an Loch Eireasort ann an Leòdhas. Sealg nam muc. Tha mi a’ ciallachadh le sin – mucan-mara.
Nan tachradh e an-diugh, ʼs ann a’ »åì´Ç²Ô nam muc a bhiodh daoine. Bhiodh iad a’ dèanamh oidhirp airson na beathaichean iomain air ais gu muir. Ach, aig an à m sin, bha gnothaichean eadar-dhealaichte. Bha daoine bochd. Agus, nuair a nochdadh biadh – an-asgaidh mar dhuais – b’ e sin rùn an fhreastail.
Mar a tha an t-òran ag innse dhuinn, ʼs e dìreach aon mhuc-mhara a thill gu muir. ‘Chaidh cà ch a chlachadh gun truas’. Bha caogad ʼs a ceithir ann dhiubh. A rèir choltais, ʼs e mucan-biorach tuathach a bh’ annta – northern bottlenose whales. Tha iad a’ fàs cho fada ri deich meatairean, le cuideam còrr is còig tunnaichean annta.
Nochd an sgaoth de mhucan-mara anns an loch faisg air Tà bost. Chaidh grunnan a-mach ann an eathraichean agus lean iad na mucan cho fada ri Bail’ Ailein. Dh’iomain iad na beathaichean chun an uisge eu-domhainn aig ceann an locha. Mharbh iad iad agus gheà rr iad ann am pìosan iad. Fhuair a h-uile taigh anns an sgìre a chuid de shaill. Ghoil na daoine an t-saill ann am praisean airson ola fhaighinn aiste. Feumaidh gun robh fà ileadh mòr a’ tighinn aiste cuideachd. Seo an treas rann dhen òran:
Sa mhadainn Dimà irt
bha fà ileadh damait
Gu h-Ã rd air mullach nam beann;
Gun d’ fhairich na fèidh iad fhèin an samh
A bha ʼg èirigh mach às a’ ghleann;
Tharraing iad ceum le leum is osann,
ʼS e ʼn èiginn a chumadh iad ann,
Chan itheadh iad beum dhen fheur gun ruigeadh
Iad slèibhtean Hùisinis thall.
Tha an t-òran a’ cur ceist, ge-tà . Carson a shnà imh na mucan-mara a-steach a Loch Eireasort? Seo rann eile:
’S gu dè thug air
ainmhidhean garbh na mara
Cur cùl rin dachaighean fhèin,
Gu tòir teachd-an-tìr ri crìch a’ chladaich
An sgìre a’ bhradain ʼs an fhèidh?
ʼS ann stiùir iad cùrs len ùidh air camas
Bhiodh cùilteach falaichte rèidh,
ʼS am biodh iad le rian fo dhìon nam fearaibh
Nach trialladh mara chum èisg.
Bha an neach a sgrìobh an t-òran dhen bheachd nach e maraichean no iasgairean a bh’ anns na daoine ann am Bail’ Ailein no baile eile air cladach an locha – Ceòs. Sgrìobh e nach robh mucan-mara a thigeadh a-steach don loch ann an cunnart – ged a dhearbh an gnothach nach robh sin fìor idir. Seo an rann mu dheireadh.
Chan fhaigheadh
à ite bu shà bhailt leotha
Na bà gh Bhail’ Ailein is Cheòis;
Fìor nà mhaid an èisg no creutair mara
Cha b’ e bha ʼm balaich a’ chlò;
Cha chà radh iad lìon, cha rèileadh iad dubhan,
Cha bhiathadh duine ac’ lìon-mòr,
Ach leithid aʼ mhìothlachd riamh cha dʼ rinneadh
Air iasg a bheannaich an còrs.Ìý
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: duais: reward; an Dùbhlachd: December; Loch Eireasort: Loch Erisort; mucan-mara: whales; °Õà ²ú´Ç²õ³Ù: Habost; eathraichean: small boats; fà ileadh damait: a terrible smell; maraichean: seamen; °ä±ðò²õ: Keose; ³¾Ã¬´Ç³Ù³ó±ô²¹³¦³ó»å: offence.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ʼS e mucan gun chiall chuir cùl rin dachaigh: it’s senseless whales that rejected their home; nuair chuir iad an cùrs air bà gh Bhail’ Ailein: when they made their course for the bay of Balallan; ʼs e aon a thà r gu sà l air ais dhiubh: [only] one of them went back to sea; chaidh cà ch a chlachadh gun truas: the rest were stoned [to death] without pity; bha balaich an à ite nam mà l a’ feannadh: the local lads where flaying them in droves; dh’iomain iad na beathaichean chun an uisge eu-domhainn aig ceann an locha: they drove the animals to the shallow water at the head of the loch; fhuair a h-uile taigh a chuid de shaill: every house got its share of blubber; ghoil na daoine an t-saill ann am praisean airson ola fhaighinn aiste: the people boiled the blubber in large pots to get the oil from it; gun d’ fhairich na fèidh iad fhèin an samh: the deer themselves detected the bad smell; chan itheadh iad beum dhen fheur gun ruigeadh iad slèibhtean Hùisinis thall: they wouldn’t eat any of the grass until they reached the hills of Hushinish [in Harris]; gu tòir teachd-an-tìr ri crìch a’ chladaich [ann] an sgìre a’ bhradain ʼs an fhèidh: in pursuit of livelihood to the edge of the shore in the land of the salmon and deer; fìor nà mhaid an èisg no creutair mara, cha b’ e bha ʼm balaich a’ chlò: the lads of the tweed [weavers] were not the enemies of fish or sea creatures; cha chà radh iad lìon, cha rèileadh iad dubhan: they couldn’t [wouldn’t] repair a net or attach a hook to a fishing line; cha bhiathadh duine ac’ lìon-mòr: none of them could bait a long-line.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ʼs ann a’ »åì´Ç²Ô nam muc a bhiodh daoine: people would protect the whales. Starting the sentence with ʼs ann allows us to emphasize the verb »åì´Ç²Ô [they would protect them rather than kill them]. Remember this structure and use it where appropriate – it’s very useful.Ìý
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: b’ e sin rùn an fhreastail: that was the will of providence.
Broadcasts
- Christmas Day 2016 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Dec 2016 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.