Episode 44
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDh貌mhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Chaidh a chuir an cuimhne dhaoine an obair a bha boireannaich a' de脿namh, an d脿 chuid aig an taigh agus san raon cogaidh san Fhaoilleach 1917, mar a tha Gilleasbuig MacDh貌hnaill ag innse. Uile gu l猫ir bha timcheall air 80,000 boireannach a' frithealadh diofar dhreuchdan sa Chogadh Mh貌r, ged nach b' ann a' sabaid. Bha naidheachd ann an Gaseat Ste貌rnabhaigh air an 19mh den Fhaoilleach a' toirt iomradh air banaltram 脿s an Rubha, Cairist矛ona NicLe貌id, Cairist矛ona Aonghais Uilleim, 16 Port Bholair a bha air duais na Crois Deirge R矛oghail a chosnadh airson a cuid obrach mar mhatron san Fhraing. Cha b' i an aon bhoireannach san teaghlach a bha sa chogadh, bha piuthar Cairist矛ona, Seasaidh Ann, cuideachd air a dhol dhan Fhraing gus cuideachadh saor-thoileach a thoirt seachad.
B' e soitheach luath a bh' anns an Laurentic a chaidh a dealbh gu s貌nraichte airson obair cogaidh agus ann an 1910 chaidh a cleachdadh gus stad a chur air an Dotair Crippen an uair a dh'fheuch e ri teicheadh a Chanada. Ach san Fhaoilleach 1917 b' e cargu eile a bh' air b貌rd an Laurentic - 43 tunna de dh'貌r a bh' air a shlighe a Chanada. Stad i aig Lough Swilly an 脠irinn a Tuath gus c貌ignear a bha bochd a chuir air t矛r. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDh貌mhnaill na thachair 脿s d猫idh sin.
Bha Riaghaltas na Gearmailt airson leudachadh air obair nam b脿taichean-aigeil gu bhith a' cur fodha soithichean ospadail. Roimhe sin thubhairt Nirribhidh gu robh iadsan a' cur bacadh air b脿taichean-aigeil sna h-uisgeachan acasan agus chaidh an ce貌l a chuir feadh na f矛dhle air an latha mu dheireadh dhen Fhaoilleach 1917. Dh'innis na Gearmailtich na bha fa near dhaibhsan, ag r脿dh gu robh iad a' maoidheadh cogadh mara gun tr貌cair air soithichean sam bith, co-dhi霉 a bhuineadh iad do dh霉thchannan Co-ch貌mhraigeach no nach buineadh, bhon chiad latha dhen Ghearran. Rinn iad soilleir cuideachd gun toireadh iad ionnsaigh air soithichean ospadail Breatannach a bha a' siubhal air ais 's air adhart bhon Fhraing sa Bheilg, a' f脿gail orra gun robh iad a' de脿namh d矛-meas air suaicheantas na Croise Deirge.
Tha Gilleasbuig ag innse mar a chuir co-dh霉nadh na Gearmailt fearg air na St脿itean Aonaichte - a bha fhathast gun a thighinn a-steach dhan chogadh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 6 Feb 2017 12:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Mon 6 Feb 2017 22:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 12 Feb 2017 13:00大象传媒 Radio nan G脿idheal