Episode 46
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDh貌mhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Chaidh am b脿ta-siubhail, SS Laconia, a chur fodha air an 25mh den Ghearran 1917, rud a bha dol a thoirt buaidh fhathast air eachdraidh a' Chogaidh.
Bhuaileadh an Laconia le d脿 thorp矛odo on bh脿t-aigeil Ghearmailteach, SM U-50, mu 10 m矛le-mara an iar-thuath air taigh-sholais Fastnet. Bha an Laconia ann an seirbheis na N猫ibhidh aig toiseach a' Chogaidh ach chaidh i air ais gu Cunard as t-samhradh 1916. An t-seachdain seo, bha i tilleadh 脿 Ameireaga le 70 luchd-siubhail is c貌rr is 200 de chriutha air b貌rd. Chaill dusan am beatha, sianar she貌ladairean agus sianar luchd-siubhail. Am measg an luchd-siubhail bha dithis Ameireaganach, boireannach 脿 Chicago is an nighean aice. Thug seo buaidh mh貌r air beachd dhaoine an Ameireaga air a' Chogadh, gu h-脿raidh on a thachair gu robh fear-naidheachd on Chicago Tribune air b貌rd an Laconia a bha a' cur naidheachdan dhachaigh mu na thachair. Cluinnidh sin bho Ghilleasbuig MacDh貌mhnaill mar a ghabh Ameireaga ris na thachair.
Rinn Breatainn, an Fhraing agus a' Ghearmailt adhartas ann an diofar ph脿irtean den Fhraing sa chiad seachdain den Mh脿rt 1917. Ann an Ameireaga, thug Woodrow Wilson seachad a bh貌idean mar Cheann-suidhe tr脿th air an t-seachdain agus ann an 貌raid a rinn e air a' ch貌igeamh latha mh矛nich e poileasaidh Ameireaga a thaobh a' Chogaidh - 's e sin 'armed neutrality' - a dh'aindeoin 's gu robh buidheann ann an Seanaid na d霉thcha a' feuchainn ri stad a chur air.
Bha sgeulachd thiamhaidh aig Gazette Ste貌rnabhaigh air an 9mh den Mh脿rt 1917, ag innse mu she貌ladairean 脿 Tolastadh bho Thuath a bha aig an taigh air f貌rladh. Cha b' e naidheachd mhath a bha feitheamh air a h-uile duine aca.
Cha robh c霉isean air a bhith dol le arm na Ruis san fharsaingeachd sa chogadh agus bha daoine aig an taigh air f脿s m矛-thoilichte le riaghaltas an Tsar. Th脿inig c霉isean gu ceann air an dara l脿 deug den mh矛os nuair a bhrist Ar-a-mach m貌r na Ruis a-mach.
Aig muir air an 11mh den Mh脿rt 1917 bha an SS Horngarth air a slighe 脿 Montevideo dhachaigh a Phlymouth le luchd de chruithneachd Innseanach. Air a' chuibhle mu mheadhan-l脿 bha Domhall Macle貌id , D貌mhnall Uilleim 脿 Borghastan an C脿rlabhagh. Chunnaic iad soitheach air f脿ire a' tighinn aig astar 's iad caran amharasach an toiseach leis an astar a bh' aice air l脿 cho ci霉in ach chunnaic iad an uairsin gur e Union Jack a bha rithe. Ach cha b' fhada gun deach a tarraing a-nuas agus bratach Cabhlach na Gearmailt a chur suas. Cluinnidh sinn mar a thachair.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 20 Mar 2017 12:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Mon 20 Mar 2017 22:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 26 Mar 2017 13:00大象传媒 Radio nan G脿idheal